Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Philipianach 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Gun Chinnt san Fheòil

1 Mu dheireadh, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas san Tighearna. Chan eil e na thrioblaid sam bith dhòmhsa na h‑aon rudan a sgrìobhadh thugaibh, agus tha e na dhìon dhuibhse.

2 Bithibh faiceallach o na coin, bithibh faiceallach o luchd‑obrach an uilc, bithibh faiceallach o dhroch ghearradh na feòla,

3 oir is sinne an timcheall‑ghearradh, a tha ag adhradh ann an Spiorad Dhè 's a' bòstadh ann an Crìosd Ìosa, agus nach eil a' cur earbsa san fheòil –

4 ged a dh'fhaodainn fhèin cuideachd earbsa a bhith agam san fheòil. Ma tha neach sam bith eile a' saoilsinn gum faod e earbsa a chur san fheòil, is motha a dh'fhaodas mise:

5 air mo thimcheall‑ghearradh air an ochdamh latha, de chinneach Israeil, de threubh Bheniàmin, nam Eabhrach dhe na h‑Eabhraich; a thaobh an lagha, nam Pharasach;

6 a thaobh eud, a' dèanamh geur‑leanmhainn air an eaglais; a thaobh na fìreantachd a th' anns an lagh, neo‑choireach.

7 Ach ge b' e na rudan a bha nam buannachd dhòmhsa, mheas mi iad sin nan call air sgàth Chrìosd.

8 Ach dha‑rìribh, tha mi a' meas a h‑uile sìon na chall, air sgàth sàr‑luach eòlais Chrìosd Ìosa mo Thighearna, dhan do dh'fhuiling mi a h‑uile nì a chall, 's tha mi gam meas mar sgudal airson 's gum buannaichinn Crìosd,

9 agus gum bithinn air m' fhaighinn annsan, gun m' fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an nì sin a tha tro chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia air stèidh creideimh,

10 airson 's gum bi eòlas agam airsan 's air cumhachd na h‑aiseirigh aige, 's air co‑chomann nam fulangasan aige, air mo dhèanamh nam cho‑coltas‑san na bhàs,

11 airson 's gum faodainn air aon chor aiseirigh nam marbh fhaighinn.


A' Leantainn oirnn chun a' Chinn‑Uidhe

12 Chan e gu bheil mi air fhaighinn mu thràth, no gu bheil mi foirfe mu thràth, ach tha mi a' leantainn orm airson 's gum faigh mi grèim air an nì sin a b' adhbhar gun deach grèim cuideachd a ghabhail orm le Crìosd Ìosa.

13 A bhràithrean, chan eil mi a' meas gun do ghreimich mi fhathast, ach aon rud a tha mi a' dèanamh: a' dìochuimhneachadh na th' air chùl 's gam shìneadh fhèin air adhart chun nan rudan a tha romham,

14 tha mi a' leantainn orm chun a' chinn‑uidhe airson duais àrd‑ghairm Dhè ann an Crìosd Ìosa.


A' Leantainn Eisimpleir Phòil

15 Mar sin, na h‑uimhir againne 's a tha coileanta, biodh an inntinn seo againn, agus ma tha diofar inntinn agaibh ann an nì sam bith, foillsichidh Dia sin dhuibh cuideachd.

16 Dìreach bitheamaid beò a rèir an aon riaghailt air an do ràinig sinn.

17 A bhràithrean, aonaichibh ann a bhith gam leantainn‑sa, agus thoiribh an aire dhaibhsan a tha a' coiseachd a rèir na h‑eisimpleir a th' agaibh annainne,

18 oir tha mòran a' coiseachd, mun do dh'innis mi dhuibh gu tric – agus mum bheil mi a‑nis eadhon a' caoineadh ag innse dhuibh – gur e nàimhdean a th' annta do chrann‑ceusaidh Chrìosd,

19 's e an crìoch a bhith air an sgrios, 's e an dia aca am brù, 's tha a' ghlòir aca nan nàire, agus tha na h‑inntinnean aca stèidhichte air gnothaichean talmhaidh.

20 Oir tha an t‑saoranas againne air nèamh, om bheil dùil againn cuideachd ri Slànaighear, an Tighearna Ìosa Crìosd;

21 a chruth‑atharraicheas corp ar staid iriosail gus a bhith co‑choltach ri corp a ghlòir fhèin, a rèir obrachaidh a' chumhachd a th' aige, eadhon a h‑uile sìon a chur fo cheannsal fhèin.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan