Philemoin 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa, agus Timòteus, ar bràthair, Gu Philemon gràdhach 's ar co‑obraiche, 2 gu Apphia ghràdhach, agus gu Archippus ar co‑shaighdear, agus chun na h‑eaglaise a tha nad thaigh. 3 Gràs thugaibh agus sìth bho Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Ìosa Crìosd. Taingealachd agus Ùrnaigh 4 Tha mi a' toirt taing dham Dhia, a' toirt iomradh ort an‑còmhnaidh nam ùrnaighean, 5 a' cluinntinn mud ghràdh 's mun chreideamh a th' agad san Tighearna Ìosa agus mu na naoimh uile, 6 airson 's gum bi co‑chomann do chreideimh èifeachdach ann a bhith ag aideachadh a h‑uile rud math a th' againn ann an Crìosd. 7 Oir tha taingealachd mhòr is misneachd againn às do ghràdh‑sa a chionn 's gu bheil cridheachan nan naomh ùraichte tromhadsa, a bhràthair. Guidhe Phòil airson Onesimuis 8 Mar sin, ged a dh'fhaodainn a bhith dàn ann an Crìosd 's àithne dhut an rud a tha iomchaidh a dhèanamh, 9 b' fheàrr leam guidhe ort as leth a' ghràidh, on is mise Pòl a tha nam sheann duine, agus a tha a‑nis cuideachd nam phrìosanach de Chrìosd Ìosa. 10 Tha mi a' guidhe ort airson mo mhic Onesimus, a chaidh a ghineamhainn dhomh nam phrìosanachadh 11 a bha uaireigin gun fheum dhut, ach a tha a‑nis feumail dhutsa agus dhòmhsa. 12 Tha mi ga chur air ais thugad, agus gabh ris mar rim chridhe fhèin. 13 Bu mhiann leam a chumail còmhla rium fhèin, airson 's gum frithealadh e dhomh nad àite‑sa, ann an sèinichean an t‑soisgeil. 14 Ach cha robh mi airson sìon a dhèanamh gun do chead, airson 's nach dèanadh tu do dheagh ghnìomh gu riatanach ach gu deònach. 15 Oir ma dh'fhaodte gur ann airson seo a dhealaich e riut airson greis, gus am faigheadh tu e gu bràth. 16 Chan eil e tuilleadh na sheirbheiseach, ach nas fheàrr na seirbheiseach, na bhràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, agus nach ann nas motha na sin dhutsa an dà chuid san fheòil agus san Tighearna? 17 Mar sin, ma mheasas tu mise mar chompanach, gabh ris‑san mar rium fhèin, 18 agus ma rinn e sìon ceàrr ort, no ma tha fiachan agad air, cuir sin air a' chunntas agamsa. 19 Sgrìobh mise, Pòl, seo le mo làimh fhèin; pàighidh mise e, gun a ràdh riut gu bheil thusa thu fhèin fo fhiachan dhòmhsa. 20 Seadh, a bhràthair, airson 's gum biodh tairbhe agam uat anns an Tighearna, ùraich mo chridhe ann an Crìosd. 21 Le earbsa nad ùmhlachd, sgrìobh mi thugad agus fios agam gun dèan thu eadhon tuilleadh 's na tha mi ag ràdh. 22 Agus rud eile, dèan àite‑fuirich deiseil dhomh cuideachd; oir tha dòchas agam tro na h‑ùrnaighean agaibh gun tèid mo thoirt dhuibh. 23 Tha Epaphras, mo cho‑phrìosanach ann an Crìosd Ìosa a' cur fàilte ort, 24 agus Marcas, Aristarchus, Dèmas agus Lùcas, mo cho‑obraichean. 25 Gu robh gràs an Tighearna Ìosa Crìosd còmhla ri ur spiorad. |