Mata 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ìosa a' Leigheas Fear leis a' Phairilis 1 Agus a' dol a‑steach do dh'eathar chaidh Ìosa thairis agus thàinig e dhan bhaile aige fhèin. 2 Agus seall, thug iad thuige duine air an robh a' phairilis, na laighe air leabaidh. Agus nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “Biodh deagh mhisneach agad, a leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.” 3 Agus seall, thuirt cuid de na sgrìobhaichean riutha fhèin, “Tha am fear seo ri toibheum!” 4 Ach, le fios a bhith aige air an smuaintean, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh a' smaoineachadh uilc nur cridheachan? 5 Oir dè as fhasa: a ràdh, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh dhut,’ no, ‘Èirich agus coisich’? 6 Ach airson 's gum faod fios a bhith agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine air an talamh airson peacaidhean a mhathadh …” An uair sin thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “Èirich, tog do leabaidh agus thalla dhad thaigh.” 7 Agus dh'èirich e is chaidh e dha thaigh. 8 Ach nuair a chunnaic an sluagh seo, ghabh iad an t‑eagal; agus ghlòraich iad Dia, a bha air a leithid seo de dh'ùghdarras a thoirt do dhaoine. Gairm Mhata 9 Fhad 's a bha Ìosa a' dol air adhart à sin, chunnaic e duine dham b' ainm Mata, na shuidhe aig bùth na cìse, agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e. 10 Agus fhad 's a bha Ìosa na shuidhe aig bòrd san taigh, seall, thàinig mòran chìs‑mhaor agus pheacach, agus bha iad a' suidhe còmhla ri Ìosa agus ri a dheisciobail. 11 Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thuirt iad ri a dheisciobail, “Carson a dh'itheas ur fear‑teagaisg còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?” 12 Ach nuair a chuala e seo, thuirt e, “Chan iadsan a tha slàn aig a bheil feum air lighiche, ach iadsan a tha tinn. 13 Ach thallaibh agus foghlaimibh dè a tha seo a' ciallachadh: ‘Is miann leam tròcair, agus chan e ìobairt.’ Oir cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach.” Ìosa air a Cheasnachadh mu Thrasgadh 14 An uair sin thàinig deisciobail Eòin thuige, ag ràdh, “Carson a bhios sinne agus na Pharasaich a' trasgadh gu tric agus nach bi do dheisciobail‑sa a' trasgadh?” 15 Agus thuirt Ìosa riutha, “An urrainn do fhleasgaich na bainnse a bhith brònach fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt air falbh uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh. 16 “Chan eil neach sam bith a' fuaigheal pìos aodaich neo‑sheargte air seann bhad aodaich, oir tha an tuthag a' draghadh air falbh on bhad aodaich, agus tha sracadh nas miosa air a dhèanamh. 17 Cha mhotha a tha fìon ùr air a chur a‑steach do sheann shearragan. Ma tha, tha na searragan air an sracadh agus tha am fìon air a dhòrtadh is tha na searragan air an sgrios. Ach tha fìon ùr air a chur a‑steach do shearragan ùra, agus tha an dà chuid air an gleidheadh.” Nighean Mharbh agus Boireannach Tinn 18 Fhad 's a bha e ag ràdh nan rudan seo riutha, seall, thàinig riaghladair agus lùb e a ghlùin ma choinneamh, ag ràdh, “Tha mo nighean dìreach air bàsachadh, ach thig agus cuir do làmh oirre a‑mhàin, agus bidh i beò.” 19 Agus dh'èirich Ìosa agus lean e e, cuide ri a dheisciobail. 20 Agus seall, thàinig boireannach a bha air dòrtadh fala fhulang fad dà bhliadhna dheug suas air a chùlaibh agus bhean i do dh'iomall aodaich, 21 oir thuirt i rithe fhèin, “Ma bheanas mi ach dha aodach, thèid mo shlànachadh.” 22 Thionndaidh Ìosa, agus ga faicinn thuirt e, “A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu.” Agus sa bhad chaidh am boireannach a dhèanamh slàn on uair sin. 23 Agus nuair a thàinig Ìosa gu taigh an riaghladair, agus a chunnaic e luchd‑cluiche na feadaig is an sluagh a' dèanamh ùpraid, 24 thuirt e, “Thallaibh, oir cha do bhàsaich a' chaileag, ach tha i na cadal.” Agus rinn iadsan gàire‑magaidh air. 25 Ach nuair a chaidh an sluagh a chur a‑mach, chaidh e a‑steach is rug e air làimh oirre, agus dh'èirich a' chaileag. 26 Agus chaidh an naidheachd mun seo a‑mach air feadh na tìre sin gu lèir. Ìosa a' Leigheas nan Dall is nam Balbh 27 Fhad 's a bha Ìosa a' dol air adhart às a sin, lean dithis dhall e, ag èigheach, “Dèan tròcair oirnne, a Mhic Dhaibhidh!” 28 Nuair a chaidh e a‑steach dhan taigh, thàinig na doill thuige, agus thuirt Ìosa riutha, “A bheil sibh a' creidsinn gu bheil mise comasach air seo a dhèanamh?” Thuirt iad ris, “Tha, a Thighearna.” 29 An uair sin bhean e dhan sùilean, ag ràdh, “A rèir ur creideimh biodh e air a dhèanamh dhuibh.” 30 Agus chaidh an sùilean fhosgladh is thug Ìosa rabhadh geur dhaibh, ag ràdh, “Faicibh nach faigh neach sam bith fios air a seo.” 31 Ach dh'fhalbh iad agus sgaoil iad an naidheachd ma dheidhinn air feadh na tìre sin gu lèir. 32 Fhad 's a bha iad a' falbh, seall, thug iad duine balbh anns an robh deamhan thuige. 33 Agus às dèidh dhan deamhan a bhith air a thilgeil a‑mach, bhruidhinn am balbhan. Agus ghabh an sluagh iongnadh, ag ràdh, “Cha deach a leithid seo riamh fhaicinn ann an Israel.” 34 Ach thuirt na Pharasaich, “Tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan tro phrionnsa nan deamhan.” Is Gann an Luchd‑Obrach 35 Agus chaidh Ìosa tro na bailtean mòra agus na bailtean beaga gu lèir, a' teagasg anns na sionagogan agus a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a' leigheas gach tinneas agus gach bochdainn. 36 Nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas riutha, a chionn 's gun robh iad sàraichte 's gun chuideachadh, mar chaoraich gun bhuachaille. 37 An uair sin thuirt e ri a dheisciobail, “Gu deimhinn is mòr am fogharadh, ach is gann an luchd‑obrach. 38 Mar sin, guidhibh air Tighearna an fhoghar luchd‑obrach a chur a‑mach dhan fhogharadh aige fhèin.” |