Mata 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Eòin Baistidh ag Ullachadh na Slighe 1 Anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh a' searmonachadh ann am fàsach Iudèa, 2 ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.” 3 Oir is e seo esan mun do bhruidhinn Isaiah am fàidh nuair a thuirt e: “Guth aoin ag èigheach anns an fhàsach, ‘Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach.’” 4 A‑nis bha aodach de dh'fhionnadh chàmhal aig Eòin air fhèin agus crios leathair ma mheadhan, agus is e lòcaist agus mil fhiadhaich a bu bhiadh dha. 5 An uair sin bha Ierusalem agus Iudèa uile agus an ceàrnaidh uile mu thimcheall air Iòrdan a' dol a‑mach thuige 6 agus bha e gam baisteadh ann an Abhainn Iòrdain, is iad ag aideachadh am peacaidhean. 7 Ach nuair a chunnaic e mòran dhe na Pharasaich agus dhe na Sadusaich a' tighinn airson baisteadh, thuirt e riutha, “A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on chorraich a tha ri thighinn? 8 Thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais. 9 Agus na smaoinichibh a ràdh rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo. 10 Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine. 11 “Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine. 12 Tha a ghuit aige na làimh, agus glanaidh e an t‑ùrlar‑bualaidh aige, agus cruinnichidh e a chruithneachd dha shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.” Baisteadh Ìosa 13 An uair sin thàinig Ìosa o Ghalile chun na h‑Iòrdain gu Eòin, airson gum biodh e air a bhaisteadh leis. 14 Ach dh'fheuch Eòin ri a bhacadh, ag ràdh, “Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a' tighinn thugamsa?” 15 Ach fhreagair Ìosa e, “Leig leis a bhith mar seo an‑dràsta, oir mar seo tha e iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh.” An uair sin leig e leis. 16 Agus nuair a chaidh Ìosa a bhaisteadh, sa bhad chaidh e suas às an uisge, agus seall, chaidh na nèamhan fhosgladh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a' tighinn sìos mar chalman agus a' tighinn air. 17 Agus seall, thuirt guth o nèamh, “Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mi fìor thoilichte.” |