Mata 28 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017An Aiseirigh aig Ìosa 1 A‑nis às dèidh na Sàbaid, faisg air camhanaich ciad latha na seachdain, chaidh Màiri Magdalen agus a' Mhàiri eile a dh'fhaicinn an tuama. 2 Agus, seall, bha crith‑thalmhainn mhòr ann, oir thàinig aingeal leis an Tighearna a‑nuas o nèamh, is thàinig e agus roilig e a' chlach air ais is shuidh e oirre. 3 Bha aghaidh mar dhealanach agus aodach geal mar shneachda. 4 Agus a chionn 's gun robh eagal orra bhuaithe, chaidh an luchd‑geàird air chrith, agus dh'fhàs iad coltach ri daoine marbha. 5 Ach thuirt an t‑aingeal ris na boireannaich, “Na biodh eagal oirbh, oir tha fios agam gu bheil sibh a' sireadh Ìosa a chaidh a cheusadh. 6 Chan eil e an seo, oir dh'èirich e, mar a thubhairt e. Thigibh, faicibh an t‑àite far an do shìn e. 7 Thallaibh gu luath agus innsibh dha na deisciobail aige gun do dh'èirich e o na mairbh agus seallaibh, tha e a' dol romhaibh a Ghalile. An sin chì sibh e. Seallaibh, thuirt mise ribh e.” 8 Mar sin dh'fhalbh iad gu luath on tuam le eagal is le mòr‑aoibhneas, agus ruith iad a dh'innse dha a dheisciobail. 9 Agus seall, choinnich Ìosa ris na boireannaich, agus thuirt e, “Fàilte!” Agus thàinig iad suas agus rug iad air a chasan agus rinn iad adhradh dha. 10 An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Na biodh eagal oirbh. Thallaibh, agus canaibh rim bhràithrean a dhol a Ghalile, agus an sin chì iad mi.” Iomradh nan Geàrd 11 Fhad 's a bha iadsan a' falbh, seall, thàinig cuid dhen luchd‑geàird dhan bhaile agus dh'innis iad dha na h‑àrd‑shagartan gach rud a bh' air tachairt. 12 Agus nuair a bha iad air cruinneachadh còmhla ris na h‑èildearan, agus air comhairle a ghabhail, thug iad tòrr airgid dha na saighdearan, 13 agus thuirt iad, “Canaibhse, ‘Thàinig a dheisciobail san oidhche agus ghoid iad air falbh e, nuair a bha sinne nar cadal.’ 14 Agus ma thig seo gu cluasan an riaghladair, cuiridh sinne air dòigh e, agus chan eagal dhuibhse.” 15 Mar sin ghabh iad an t‑airgead agus rinn iad mar a chaidh an stiùireadh. Agus tha an sgeul seo air a bhith air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an latha an‑diugh. Am Barantas Mòr 16 A‑nis, chaidh an t‑aon dheisciobal deug a Ghalile, dhan bheinn far an do dh'òrdaich Ìosa dhaibh a dhol. 17 Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha; ach bha cuid dhiubh teagmhach. 18 Agus thàinig Ìosa is thuirt e riutha, “Chaidh a h‑uile h‑ùghdarras ann an nèamh agus air talamh a thoirt dhòmhsa. 19 Thallaibh‑se, mar sin, agus dèanaibh deisciobail dhen a h‑uile nàisean, gam baisteadh ann an ainm an Athar agus a' Mhic agus an Spioraid Naoimh, 20 a' teagasg dhaibh a bhith a' cumail a h‑uile rud a dh'àithn mise dhuibh. Agus seall, tha mise còmhla ribh an‑còmhnaidh, gu deireadh na linne.” |