Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 27 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Iùdas ga Chrochadh Fhèin

1 Nuair a thàinig a' mhadainn, ghabh na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh uile comhairle le chèile an aghaidh Ìosa airson a chur gu bàs.

2 Cheangail iad e agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat an riaghladair e.

3 An uair sin, nuair a chunnaic Iùdas, a bhrath e, gun deach Ìosa a dhìteadh, dh'atharraich e inntinn agus thug e air ais an trithead bonn airgid dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na h‑èildearan,

4 ag ràdh, “Pheacaich mi tro bhith a' brath fuil neoichiontach.” Ach thuirt iadsan, “Dè tha sin dhuinne? Seall thusa ris!”

5 Agus a' tilgeil sìos nam bonn airgid dhan teampall, dh'fhalbh e, agus chaidh e is chroch e e fhèin.

6 Ach a' gabhail nan bonn airgid, thuirt na h‑àrd‑shagartan, “Chan eil e laghail an cur do chiste‑ionmhas an teampaill, on as e airgead fala a th' ann.”

7 Mar sin ghabh iad comhairle is cheannaich iad leotha achadh a' chrèadhadair, airson a bhith na àite‑adhlaic do choigrich.

8 Mar sin tha Achadh na Fala air a bhith air a ghabhail air an achadh sin gus an latha an‑diugh.

9 An uair sin choileanadh an rud a chaidh a ràdh leis an fhàidh Ieremiah: “Agus ghabh iad an trithead bonn airgid, prìs an aoin air an deach luach a shuidheachadh le cloinn Israeil,

10 agus thug iad seachad iad airson achadh a' chrèadhadair, mar a dh'òrdaich an Tighearna dhòmhsa.”


Ìosa mu choinneamh Phìlait

11 A‑nis sheas Ìosa mu choinneamh an riaghladair, agus cheasnaich an riaghladair e: “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” Agus thuirt Ìosa ris, “Tha thu ga ràdh.”

12 Ach nuair a chuir na h‑àrd‑shagartan agus na h‑èildearan casaidean air, cha do fhreagair e sìon.

13 An uair sin thuirt Pìlat ris, “Nach eil thu a' cluinntinn cia mheud rud leis a bheil iad a' toirt fianais nad aghaidh?”

14 Ach cha tug e freagairt sam bith dha, cha tug fiù 's aon fhacal, air chor is gun robh an riaghladair fo iongnadh mòr.

15 A‑nis aig gach fèill bha e na chleachdadh aig an riaghladair aon phrìosanach a bha iad ag iarraidh a leigeil ma sgaoil dhan t‑sluagh.

16 Aig an àm sin bha prìosanach iomraiteach aca dham b' ainm Barabas.

17 Mar sin, nuair a bha iad air cruinneachadh còmhla, thuirt Pìlat riutha, “Cò a bu toigh leibh a leiginn mu sgaoil dhuibh: Barabas, no Ìosa ris an canar Crìosd?”

18 Oir bha fhios aige gum b' ann air sgàth an fharmaid a thug iad thairis e.

19 Fhad 's a bha e na shuidhe air cathair a' bhreitheanais, chuir a bhean fios thuige, ag ràdh, “Na gabh gnothach sam bith ris an fhìrean sin, oir tha mi air mòran fhulang an‑diugh ann am bruadar air a sgàth‑san.”

20 Ach chuir na h‑àrd‑shagartan agus na h‑èildearan ìmpidh air an t‑sluagh gus Barabas iarraidh, agus Ìosa a sgrios.

21 Fhreagair an riaghladair iad, “Cò dhen dithis a bu toigh leibh a leiginn mu sgaoil dhuibh.” Thuirt iadsan, “Barabas.”

22 Thuirt Pìlat riutha, “Dè ma‑thà a nì mi le Ìosa, ris an canar Crìosd?” Thuirt iad uile ris, “Biodh e air a cheusadh!”

23 Agus thuirt e, “Carson, dè an t‑olc a rinn e?” Ach dh'èigh iadsan na bu mhotha buileach, “Biodh e air a cheusadh!”

24 Nuair a chunnaic Pìlat nach robh e a' dèanamh adhartais sam bith, ach an àite sin gun robh aimhreit a' tòiseachadh, ghabh e uisge, agus nigh e a làmhan mu choinneamh an t‑sluaigh, ag ràdh, “Tha mise neoichiontach de dh'fhuil an fhir seo. Seallaibh fhèin ris!”

25 Agus fhreagair an sluagh gu lèir, “Biodh fhuil oirnne agus air ar cloinne!”

26 An uair sin leig e mu sgaoil Barabas dhaibh, ach às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a sgiùrsadh, thug e thairis e airson 's gum biodh e air a cheusadh.


Na Saighdearan a' Magadh air Ìosa

27 An uair sin thug saighdearan an riaghladair Ìosa leotha do lùchairt an riaghladair, agus chruinnich iad còmhla am buidheann shaighdearan gu lèir mun cuairt air.

28 Agus thug iad an t‑aodach dheth agus chuir iad cleòc sgàrlaid timcheall air,

29 agus às dèidh dhaibh droighinn fhighe nan crùn, chuir iad air a cheann e, agus chuir iad cuilc na làimh dheis, agus lùb iad an glùinean ma choinneamh, agus rinn iad magadh air, ag ràdh, “Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!”

30 Agus thilg iad smugaidean air agus ghlac iad a' chuilc agus bhuail iad air a cheann i.

31 Agus às dèidh dhaibh magadh air, thug iad dheth an cleòc agus chuir iad a chuid aodaich fhèin air. Agus thug iad air falbh e airson a cheusadh.


Ìosa air a Cheusadh

32 Fhad 's a bha iad a' dol a‑mach, fhuair iad duine o Chirène, dham b' ainm Sìmon. Cho‑èignich iad an duine seo gus crann‑ceusaidh Ìosa a ghiùlain.

33 Agus nuair a thàinig iad gu àite dham b' ainm Golgota, a tha a' ciallachadh Àite Claiginn,

34 thug iad fìon dha ri òl, measgte le domblas, ach às dèidh dha a bhlasad, chan òladh e e.

35 Agus nuair a bha iad air a cheusadh, roinn iad a chuid aodaich eatarra, tro chrannchur a thilgeil.

36 Agus a' suidhe sìos chùm iad faire air an sin.

37 Agus os cionn a chinn chuir iad a' chùis‑dìtidh na aghaidh, IS E SEO ÌOSA, RÌGH NAN IÙDHACH.

38 An uair sin chaidh dithis mhèirleach a cheusadh còmhla ris, aon air a làimh dheis agus aon air a làimh chlì.

39 Agus rinn iadsan a bha a' dol seachad magadh air, a' crathadh an cinn

40 agus ag ràdh, “Thusa a leagadh an teampall agus a thogadh e ann an trì latha, sàbhail thu fhèin: mas tu Mac Dhè, thig a‑nuas on chrann‑ceusaidh!”

41 Anns an aon dòigh rinn na h‑àrd‑shagartan le na sgrìobhaichean agus le na h‑èildearan magadh air, ag ràdh,

42 “Shàbhail e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shàbhaladh. Is esan Rìgh Israeil! Thigeadh e a‑nuas a‑nis on chrann‑ceusaidh, agus creididh sinn e.

43 Tha earbsa aige ann an Dia; sàbhaileadh Dia a‑nis e, ma tha e ga iarraidh. Oir thuirt e, ‘Is mise Mac Dhè.’”

44 Agus thug na mèirlich a chaidh a cheusadh còmhla ris droch bheul dha san aon dòigh.


Bàs Ìosa

45 A‑nis o mheadhan‑latha thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir, gu trì uairean feasgar.

46 Agus mu thrì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eli, Eli, lama sabachtani?” 'S e sin, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”

47 Nuair a chuala cuid dhiubhsan a bha nan seasamh mun cuairt e, thuirt iad, “Tha an duine seo ag èigheach air Eliah.”

48 Agus ruith aon dhiubh sa bhad agus ghabh e spong agus lìon e le fìon‑geur e agus chur e air slat cuilce e, agus thug e dha e ri òl.

49 Ach thuirt càch, “Leigibh leis, faiceamaid an tig Eliah airson a shàbhaladh.”

50 Agus dh'èigh Ìosa a‑mach a‑rithist le guth àrd, agus thug e suas an deò.

51 Agus seall, chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na dhà phìos o mhullach gu bhonn, agus chaidh an talamh air chrith, agus chaidh na creagan a sgoilteadh.

52 Chaidh na tuaman fhosgladh, agus chaidh mòran de chuirp nan naomh a bha nan cadal a thogail,

53 agus a' tighinn a‑mach às na tuaman às dèidh na h‑aiseirigh aigesan chaidh iad a‑steach dhan bhaile naomh, agus nochd iad ri mòran.

54 Nuair a chunnaic an ceannard‑ceud is iadsan a bha còmhla ris, a bha a' cumail faire air Ìosa, a' chrith‑thalmhainn agus na thachair, ghabh iad oillt mhòr, agus thuirt iad, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”

55 Bha tòrr bhoireannaich an sin a' coimhead o phìos às. Bha iad air Ìosa a leantainn o Ghalile airson frithealadh dha;

56 nam measg bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais agus Iòsaiph, agus màthair mic Shebede.


Adhlacadh Ìosa

57 Nuair a thàinig am feasgar thàinig duine beairteach o Arimatèa, dham b' ainm Iòsaph, a bha e fhèin cuideachd na dheisciobal do dh'Ìosa.

58 Chaidh esan gu Pìlat, agus dh'iarr e corp Ìosa. An uair sin dh'àithn Pìlat an corp a thoirt dha.

59 Agus ghabh Iòsaph an corp agus shuain e ann an anart glan e

60 agus shìn e na thuam nuadh fhèin e, a gheàrr e às a' chreig. Agus roilig e clach mhòr gu beul an tuama, agus dh'fhalbh e.

61 Bha Màiri Magdalen agus a' Mhàiri eile nan suidhe an sin mu choinneamh an tuama.


An Geàrd aig an Tuam

62 An ath latha, is e sin às dèidh Latha an Ullachaidh, chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich mu choinneamh Phìlait,

63 ag ràdh, “A thighearna, tha cuimhn' againn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun tuirt e, ‘Às dèidh trì latha èiridh mi.’

64 Mar sin òrdaich gum bi an tuam air a dhèanamh tèarainte gus an treas latha, air eagal 's gun tig a dheisciobail agus gun goid iad air falbh e, agus gun can iad ris an t‑sluagh, ‘Dh'èirich e o na mairbh,’ agus bidh am mealladh mu dheireadh nas miosa na a' chiad mhealladh.”

65 Thuirt Pìlat riutha, “Tha geàrd agaibh. Thallaibh, dèanaibh e cho tèarainte 's as aithne dhuibh.”

66 Mar sin dh'fhalbh iad agus rinn iad an tuam tèarainte le bhith a' seulachadh na cloiche agus leis a' gheàrd.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan