Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 24 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Comharran Deireadh na Linne

1 Dh'fhàg Ìosa an teampall agus bha e a' falbh nuair a thàinig a dheisciobail thuige a shealltainn dha togalaichean an teampaill.

2 Ach gam freagairt thuirt Ìosa, “A bheil sibh a' faicinn nan rudan seo gu lèir? Gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh nach bi clach air a fàgail air muin cloiche nach tèid a leagail sìos.”

3 Fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola, thàinig na deisciobail thuige gu prìobhaideach, ag ràdh, “Innis dhuinne cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann airson do theachd‑sa, agus deireadh na linne?”

4 Agus fhreagair Ìosa iad, “Thoiribh an aire nach meall neach sam bith sibh.

5 Oir thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise an Crìosd,’ agus meallaidh iad mòran.

6 Agus cluinnidh sibh mu chogaidhean agus fathannan mu chogaidhean. Thoiribh an aire nach bi sibh fo dhragh, oir feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast.

7 Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh gortan agus crithean‑talmhainn ann an iomadh àite.

8 Chan eil annta seo uile ach toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.

9 “An uair sin bheir iad thairis sibh gu àmhghar agus cuiridh iad gu bàs sibh, agus bidh fuath aig a h‑uile nàisean dhuibh air sgàth m' ainme‑sa.

10 Agus an uair sin tuitidh mòran air falbh agus brathaidh iad càch‑a‑chèile, agus bidh fuath aca dha chèile.

11 Agus èiridh mòran fhàidhean brèige agus meallaidh iad mòran.

12 Air sgàth 's gum bi mì‑riaghailteachd air a meudachadh, fuaraichidh gràdh mhòran,

13 ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.

14 Agus bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, mar fhianais dha na nàiseanan uile, agus an uair sin thig an deireadh.

15 “Mar sin nuair a chì sibhse ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’ air an do bhruidhinn Daniel am fàidh, na seasamh san àite naomh” (tuigeadh an leughadair),

16 an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan.

17 Na tigeadh an neach a th' air mullach an taighe a‑nuas airson rudan a thoirt às a thaigh,

18 agus na tilleadh an neach a th' anns an achadh air ais a thogail aodaich uachdair leis.

19 Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban anns na làithean sin!

20 Dèanaibh ùrnaigh nach bi ur teicheadh sa gheamhradh, no air Sàbaid.

21 Oir an uair sin bidh àmhghar mòr ann, a leithid nach robh ann o thoiseach an t‑saoghail gus a‑nis, agus nach bi ann tuilleadh.

22 Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh neach sam bith air a shàbhaladh, ach air sgàth na feadhna thaghte thèid na làithean sin a ghiorrachadh.

23 An uair sin ma chanas neach sam bith ribh, ‘Seallaibh, tha an Crìosd an seo!’ no ‘Tha e an sin!’ na creidibh e.

24 Oir èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean mòra agus iongantasan, airson 's – nan robh e an comas – fiù 's an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh.

25 Seallaibh, tha mi air innse dhuibh ro‑làimh.

26 “Mar sin, ma chanas iad ribh, ‘Seallaibh, tha e anns an fhàsach,’ na rachaibh a‑mach, no ‘Seallaibh, tha e anns na seòmraichean as fhaide a‑staigh,’ na creidibh iad.

27 Oir mar a thig an dealanach a‑mach às an àird an ear agus a dheàlraicheas e chun na h‑àird an iar, mar sin cuideachd bidh teachd Mhic an Duine.

28 Oir ge b' e càit am bi an corp, an sin cruinnichidh na fangan.

29 “Sa bhad às dèidh àmhghar nan làithean ud, “‘bidh a' ghrian air a dorchnachadh, agus cha toir a' ghealach a solas uaipe; tuitidh na rionnagan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.’

30 “An uair sin nochdaidh comharra Mhic an Duine ann an nèamh, 's an uair sin nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh, agus chì iad Mac an Duine a' tighinn air sgòthan nèimh, le cumhachd agus glòir ro mhòr.

31 Agus cuiridh e a‑mach na h‑ainglean aige le gairm àrd trompaid, agus cruinnichidh iad an fheadhainn thaghte aige o na ceithir gaothan, o aon cheann de nèimh gus an ceann eile.

32 “Ionnsaichibh cosamhlachd on chraoibh‑fhìge: cho luath 's a bhios a geug bog, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh faisg.

33 Mar sin leibhse cuideachd: nuair a chì sibh na rudan seo uile, biodh fhios agaibh gu bheil e faisg, aig na dorsan fhèin.

34 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo seachad gus an tachair na rudan seo uile.

35 Thèid nèamh agus talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.


An Latha agus an Uair Neo‑Aithnichte

36 “Ach a thaobh an latha sin no an uair, chan aithne do neach sam bith, fiù 's ainglean nèimh, no am Mac, ach dìreach an t‑Athair a‑mhàin.

37 Oir mar a bha làithean Nòah, mar sin bidh teachd Mhic an Duine.

38 Oir mar anns na làithean ron tuil, bha iad ag ithe 's ag òl, a' pòsadh 's a' toirt ann am pòsadh, gus an latha san deach Nòah a‑steach dhan àirc,

39 agus nach robh sìon a dh'fhios aca gus an tàinig an tuil, is thog i leatha iad uile. Mar sin bidh teachd Mhic an Duine.

40 An uair sin bidh dithis fhear anns an achadh; thèid fear a ghabhail agus thèid am fear eile fhàgail.

41 Bidh dithis bhoireannach a' bleith anns a' mhuileann; thèid aon tè a gabhail agus thèid an tèile a fàgail.

42 “Mar sin, dèanaibh faire, oir chan eil fios agaibh dè an latha air an tig ur Tighearna.

43 Ach bithibh cinnteach mun seo: nan robh fios air a bhith aig maighstir an taighe mun uair dhen oidhche san tigeadh am mèirleach, bhiodh e air faire a dhèanamh agus cha bhiodh e air a thaigh fhàgail airson 's gun deigheadh briseadh a‑steach ann.

44 Air an adhbhar sin, feumaidh sibhse cuideachd a bhith deiseil, oir tha Mac an Duine a' tighinn aig uair nach eil sibh a' sùileachadh.

45 “Cò, mar sin, a tha na sheirbheiseach dìleas agus glic, a chuir a mhaighstir os cionn seirbheisich a thaighe, a thoirt am bìdh dhaibh aig an àm cheart?

46 Is beannaichte an seirbheiseach sin nuair a lorgas a mhaighstir e a' dèanamh mar seo nuair a thig e.

47 Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, suidhichidh e os cionn a chuid gu lèir e.

48 Ach ma chanas an seirbheiseach aingidh ud na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' dèanamh dàil,’

49 agus ma thòisicheas e air a cho‑sheirbheisich a bhualadh, agus air ithe is òl còmhla ri drungairean,

50 thig maighstir an t‑seirbheisich sin air latha anns nach eil sùil aige ris, agus aig uair nach aithne dha,

51 agus gearraidh e na phìosan e agus bheir e àite dha còmhla ri na breug‑chràbhaichean. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan