Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Rabhadh an Aghaidh Ceilg

1 An uair sin thuirt Ìosa ris an t‑sluagh agus ri a dheisciobail,

2 “Tha na sgrìobhaichean agus na Pharasaich nan suidhe air cathair Mhaois.

3 Air an adhbhar sin, a h‑uile rud a dh'iarras iad oirbh, dèanaibh agus cumaibh, ach na dèanaibh mar a nì iadsan, oir canaidh iad, ach cha dèan iad.

4 Ceanglaidh iad eallaichean troma agus cuiridh iad air guailnean dhaoine iad, ach chan eil iad fhèin deònach an gluasad len corraig.

5 “Ach tha iad a' dèanamh an obraichean gu lèir airson a bhith air am faicinn le daoine. Oir nì iad na philactaraidhean aca leathann agus iomallan an aodaich mòr.

6 Is gràdh leotha an t‑àite urramach aig na cuirmean agus na prìomh chathraichean sna sionagogan,

7 agus fàilte fhaighinn anns na margaidhean agus ‘Rabaidh’ a bhith air a ghabhail orra le daoine.

8 “Ach na biodh ‘Rabaidh’ air a ghabhail oirbhse, oir tha aon fhear‑teagaisg agaibh, agus is e bràithrean a th' annaibh uile.

9 Agus na gabhaibh ur n‑athair air duine sam bith air thalamh, oir tha aon athair agaibh, a th' air nèamh.

10 Cha mhotha a thèid ‘tidsear’ a' ghabhail oirbh, oir tha aon tidsear agaibh, an Crìosd.

11 Bidh an neach as motha nur measg na sheirbheiseach dhuibh.

12 Ge b' e cò a dh'àrdaicheas e fhèin, thèid ìsleachadh, agus ge b' e cò a dh'ìslicheas e fhèin, thèid àrdachadh.


Seachd Truaighean

13 “Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' dùnadh rìoghachd nèimh ann an aghaidhean dhaoine. Oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus cha leig sibh leis an fheadhainn a tha a' dol a‑steach a dhol ann.

14 “Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh ag ithe suas taighean bhanntrach, agus airson a bhith a' leigeil oirbh nì sibh ùrnaighean fhada. Mar sin gheibh sibh an dìteadh as motha.

15 “Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir siubhlaidh sibh thar muir is tìr airson aon iompaiche a dhèanamh, agus nuair a thachras sin, nì sibh a dhà uimhir de mhac Ifrinn dheth 's a th' annaibh fhèin.

16 “Nach truagh dhuibhse, a luchd‑treòrachaidh dhalla, a chanas, ‘Ma bheir sibh mionnan air an teampall, is neoni sin, ach ma bheir neach sam bith mionnan air òir an teampaill, feumaidh e a choileanadh.’

17 Amadain dhalla! Oir cò dhiubh as motha, an t‑òr no an teampall a tha a' naomhachadh an òir?

18 Agus canaidh sibh, ‘Ge b' e cò a bheir mionnan air an altair, is neoni sin, ach ge b' e cò a bheir mionnan air an tiodhlac a th' oirre, feumaidh e a choileanadh.’

19 A dhaoine dhalla! Oir cò dhiubh as motha, an tiodhlac no an altair a tha a' naomhachadh an tiodhlaic?

20 Mar sin, an neach a mhionnaicheas air an altair, tha e a' mionnachadh oirre, agus air a h‑uile rud a th' oirre.

21 Agus an neach a mhionnaicheas air an teampall, tha e a' mionnachadh air, agus air an Aon a tha a' còmhnaidh ann.

22 Agus an neach a mhionnaicheas air nèamh, tha e a' mionnachadh air rìgh‑chathair Dhè, agus airsan a tha na shuidhe oirre.

23 “Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' toirt an deicheamh às a' mhionnt agus às an dile agus às a' chumin, agus rinn sibh dearmad air rudan cudromach an lagha: ceartas, tròcair agus dìlseachd. Bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, gun an fheadhainn eile a dhearmad.

24 A luchd‑treòrachaidh dhalla, a shìolaidheas a' chuileag‑bheag, agus a shluigeas an càmhal.

25 “Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir glanaidh sibh taobh a‑muigh a' chupa agus an truinnseir, ach tha an taobh a‑staigh làn sannt agus fèin‑thoileachaidh.

26 Pharasacha dhalla! An toiseach glan taobh a‑staigh a' chupa, airson 's gum bi an taobh a‑muigh glan cuideachd.

27 “Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh coltach ri tuaman gealaichte, a tha a' coimhead brèagha air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus dhen uile neòghlaine.

28 Mar sin, tha sibhse cuideachd, air an taobh a‑muigh a' coimhead coltach ri fìreanan do dh'fheadhainn eile, ach air an taobh a‑staigh tha sibh làn ceilg agus mì‑riaghailteachd.

29 “Is mairg dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' togail thuaman nam fàidhean, agus a' sgeadachadh carraighean‑cuimhne nam fìrean,

30 agus ag ràdh, ‘Nan robh sinne air a bhith beò ann an làithean ur n‑athraichean, cha bhiodh sinn air compàirteachadh leotha ann am fuil nam fàidhean.’

31 Mar sin tha sibh nur fianaisean nur n‑aghaidh fhèin gur sibh clann na feadhna a mhurt na fàidhean.

32 Coileanaibh mar sin tomhas obraichean ur n‑athraichean.

33 “A nathraichean! A shìol nan nathraichean‑nimhe! Ciamar a tha sibh a' dol a theicheadh o bhith air ur dìteadh a dh'Ifrinn?

34 Mar sin, seallaibh, tha mi a' cur thugaibh fàidhean is daoine glice is sgrìobhaichean, cuid dhiubh a mharbhas agus a cheusas sibh, agus cuid dhiubh a' sgiùrsas sibh nur sionagogan, is a gheur‑leanas sibh o bhaile gu baile.

35 Agus airson 's gum bi sibh ciontach dhe na chaidh a dhòrtadh air an talamh de dh'fhuil fhìreanta, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariah mhic Bharachiah, a mhurt sibh eadar an teampall agus an altair.

36 Gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh, thig na rudan seo uile air a' ghinealach seo.

37 “A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an fheadhainn a chaidh a chur thugad! Dè cho tric 's a bu mhiann leam do chlann a chruinneachadh còmhla, mar a chruinnicheas cearc a h‑iseanan fo a sgiathan, ach cha robh sibh deònach.

38 Seall, tha ur taigh air fhàgail agaibh na fhàsach.

39 Oir tha mi ag ràdh ribh, nach fhaic sibh mise tuilleadh gus an can sibh, ‘Is beannaichte Esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna.’”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan