Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


An Dol‑a‑Steach Buadhmhor

1 A‑nis nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem agus a thàinig iad gu Betphage, gu Beinn nan Crann‑Ola, chuir Ìosa air falbh dithis dheisciobal,

2 ag ràdh riutha, “Thallaibh a‑steach dhan bhaile a tha mur coinneamh, agus sa bhad gheibh sibh asal ceangailte, agus searrach còmhla rithe. Fuasglaibh iad, agus thugaibh thugamsa iad.

3 Ma chanas neach sam bith rud sam bith ribh, canaibh, ‘Tha feum aig an Tighearna orra agus cuiridh e air ais sa bhad iad.’”

4 Thachair seo airson 's gun coileante an rud a chaidh a ràdh tron fhàidh:

5 “Canaibh ri nighean Shioin, ‘Seall, tha do rìgh a' tighinn thugad, iriosal, agus na shuidhe air asal, agus air searrach, loth asail.’”

6 Chaidh na deisciobail agus rinn iad dìreach mar a dh'àithn Ìosa dhaibh.

7 Thug iad an t‑asal agus an searrach thuige, agus chuir iad an cuid aodaich uachdair orra, agus shuidh esan orrasan.

8 Sgaoil a' mhòr‑chuid dhen t‑sluagh an aodach‑uachdair air an rathad, agus gheàrr feadhainn eile geugan far nan craobh, agus sgaoil iad air an rathad iad.

9 Agus bha an sluagh a chaidh air thoiseach air agus a lean e ag èigheach: “Hosanna do Mhac Dhaibhidh! ‘Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!’ Hosanna anns na h‑àrdan!”

10 Agus nuair a chaidh e a‑steach do dh'Ierusalem, chaidh am baile uile air bhoil ag ràdh, “Cò tha seo?”

11 Agus thuirt an sluagh, “Is e seo Ìosa am fàidh o Nàsaret Ghalile.”


Ìosa aig an Teampall

12 Agus chaidh Ìosa a‑steach dhan teampall, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a' reic 's a' ceannach san teampall, agus chuir e car de bhùird luchd‑malairt an airgid is cathraichean luchd‑reic nan calman.

13 Agus thuirt e riutha, “Tha e sgrìobhte, ‘Thèid taigh‑ùrnaigh a ghabhail air mo thaigh‑sa, ach tha sibhse a' dèanamh uamh mhèirleach dheth.’”

14 Agus thàinig na doill is na bacaich thuige san teampall, agus shlànaich e iad.

15 Ach nuair a chunnaic na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean na rudan iongantach a rinn e, agus a' chlann ag èigheach a‑mach san teampall ag ràdh, “Hosanna do Mhac Dhaibhidh!” bha iad feargach.

16 Agus thuirt iad ris, “A bheil thu a' cluinntinn dè a tha iad sin ag ràdh?” Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha. Nach do leugh sibhse riamh: ‘A‑mach à beul naoidhean agus chìochran dh'ullaich thu moladh’?”

17 Agus gam fàgail, chaidh e a‑mach às a' bhaile gu Betani, agus chuir e seachad an oidhche an sin.


A' Chraobh‑Fhìge Sheargte

18 Anns a' mhadainn, fhad 's a bha e a' tilleadh dhan bhaile, bha Ìosa acrach.

19 Agus a' faicinn craobh‑fhìge ri taobh an rathaid, chaidh e thuice agus cha d' fhuair e rud sam bith oirre, ach duilleach a‑mhàin. Agus thuirt e rithe, “Na leigeadh gum fàsadh toradh gu bràth tuilleadh ort!” Agus sa bhad chrìon a' chraobh‑fhìge às.

20 Nuair a chunnaic na deisciobail e, ghabh iad iongnadh, ag ràdh, “Ciamar a chrìon a' chraobh‑fhìge sa bhad?”

21 Ach fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas‑cridhe, chan e a‑mhàin gun dèan sibh na chaidh a dhèanamh air a' chraobh‑fhìge, ach fiù 's ma chanas sibh ris a' bheinn seo, ‘Bidh air do thogail agus air do thilgeil dhan mhuir,’ tachraidh e.

22 Agus ge b' e dè na rudan a dh'iarras sibh ann an ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.”


Ùghdarras Ìosa air a Cheasnachadh

23 Agus nuair a chaidh Ìosa a‑steach dhan teampall, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh thuige fhad 's a bha e a' teagasg, ag ràdh, “Dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”

24 Fhreagair Ìosa iad, “Faighnichidh mise cuideachd aon cheist dhuibhse, agus ma fhreagras sibh mise, innsidh mi cuideachd dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson nan rudan seo a dhèanamh.

25 An ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin?” Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan rinn, ‘Carson ma‑thà nach do chreid sibh e?’

26 Ach ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ tha eagal an t‑sluaigh oirnn, oir tha iad uile a' meas gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”

27 Mar sin fhreagair iad Ìosa, “Chan eil fios againn.” Agus thuirt esan riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson nan rudan seo a dhèanamh.”


Cosamhlachd an Dithis Mhac

28 “Dè ur beachd‑se? Bha dithis mhac aig duine, agus thàinig e chun a' chiad mhac, agus thuirt e, ‘A mhic, thalla, dèan obair an‑diugh san fhìon‑lios.’

29 “Agus fhreagair esan, ‘Cha dèan,’ ach às dèidh sin, ghabh e aithreachas agus dh'fhalbh e.

30 “Agus chaidh e chun a' mhac eile, agus thuirt e an aon rud. “Agus fhreagair esan, ‘Thèid, a thighearna,’ ach a dh'aindeoin sin, cha do dh'fhalbh e.

31 “Cò dhen dithis a rinn toil athar?” Thuirt iadsan, “A' chiad fhear.” Thuirt Ìosa riutha, “Gu fìrinneach, tha mise ag ràdh ribh, tha na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean a' dol a‑steach do rìoghachd Dhè romhaibhse.

32 Oir thàinig Eòin thugaibh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e, ach chreid na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean e. Agus fiù 's às dèidh dhuibh fhaicinn, cha do rinn sibh aithreachas, airson 's gun creideadh sibh e.


Cosamhlachd nan Droch Thuathanach

33 “Èistibh ri cosamhlachd eile. Bha maighstir‑taighe ann, a chuir fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich.

34 Nuair a thàinig àm an fhogharaidh, chuir e a sheirbheisich gu na tuathanaich airson an toradh aige fhaighinn.

35 “Agus rug na tuathanaich air a sheirbheisich agus dhochainn iad fear dhiubh, mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile.

36 A‑rithist, chuir e seirbheisich eile a‑mach, barrachd air a' chiad chuideachd, agus rinn iad an aon rud riuthasan.

37 Ach mu dheireadh chuir e a mhac thuca, ag ràdh, ‘Bheir iad urram dham mhac.’

38 “Ach nuair a chunnaic na tuathanaich am mac, thuirt iad ri chèile, ‘Is e seo an t‑oighre. Thigibh, marbhamaid e, agus faigheamaid an oighreachd aige.’

39 Agus rug iad air, agus thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e, agus mharbh iad e.

40 “Mar sin, nuair a thig am fear leis a bheil am fìon‑lios, dè a nì e ris na tuathanaich sin?”

41 Thuirt iad ris, “Bheir e na trustairean sin gu droch chrìoch agus bheir e am fìon‑lios air mhàl do thuathanaich eile a bheir dha an toradh na àm fhèin.”

42 Thuirt Ìosa riutha, “Nach do leugh sibh riamh anns na Sgriobtaran: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith; chaidh seo a dhèanamh leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean‑ne’?

43 “Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gun tèid rìoghachd Dhè a thoirt uaibhse, agus gun tèid a toirt do shluagh a bheir a‑mach a toradh.

44 Agus ge b' e a thuiteas air a' chloich seo, thèid a bhriseadh na phìosan beaga; ach ge b' e cò air an tuit i, pronnaidh i e.”

45 Nuair a chuala na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich a chosamhlachdan, thuig iad gun robh e a' bruidhinn mun deidhinn fhèin.

46 Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an greim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir bha iadsan a' meas gum b' e fàidh a bh' ann.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan