Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Cosamhlachd an Luchd‑Obrach san Fhìon‑Lios

1 “Oir tha rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe a chaidh a‑mach tràth sa mhadainn airson luchd‑obrach fhastadh dhan fhìon‑lios aige.

2 Agus às dèidh dha denarius san latha aontachadh leis an luchd‑obrach, chuir e dha fhìon‑lios iad.

3 “Agus a' dol a‑mach mu naoi uairean sa mhadainn chunnaic e feadhainn eile nan seasamh dìomhain san ionad‑mhargaidh.

4 Agus riuthasan thuirt e, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios agus ge b' e a bhios ceart bheir mi dhuibh e.’

5 Mar sin dh'fhalbh iad. “A' dol a‑mach a‑rithist mu mheadhan‑latha agus mu thrì uairean feasgar, rinn e an aon rud.

6 Agus mu chòig uairean feasgar, chaidh e a‑mach agus lorg e feadhainn eile nan seasamh. Agus thuirt e riutha, ‘Carson a tha sibh nur seasamh an seo fad an latha gu dìomhain?’

7 “Thuirt iadsan ris, ‘A chionn 's nach do rinn duine sam bith fastadh oirnn.’ “Thuirt esan riutha, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios.’

8 “Agus nuair a thàinig am feasgar, thuirt maighstir an fhìon‑lios ris an stiùbhard aige, ‘Gairm an luchd‑obrach, agus pàigh dhaibh an tuarastal, a' tòiseachadh leis an fheadhainn mu dheireadh gus a' chiad fheadhainn.’

9 “Agus nuair a thàinig an fheadhainn a chaidh fhastadh mu chòig uairean feasgar, fhuair gach fear dhiubh denarius.

10 Ach nuair a thàinig a' chiad fheadhainn, shaoil iadsan gum faigheadh iad na bu mhotha, ach fhuair gach aon dhiubh denarius cuideachd.

11 Ach nuair a fhuair iad e, rinn iad gearan an aghaidh a' mhaighstir‑taighe,

12 ag ràdh, ‘An fheadhainn mu dheireadh seo, dh'obraich iad aon uair a thìde, agus rinn thusa iad co‑ionann rinne a ghiùlain eallach an latha agus an teas loisgeach.’

13 “Ach fhreagair e aon dhiubh ag ràdh, ‘A charaid, chan eil mi a' dèanamh eucoir ort. Nach do rinn thu aonta leum airson denarius?

14 Tog na tha leat fhèin agus thalla. Is i mo thoil‑sa gun toirinn dhan fhear seo a thàinig mu dheireadh mar a thug mi dhutsa.

15 Nach eil e ceadaichte dhòmhsa dèanamh lem chuid fhèin mar as miann leam? No a bheil do shùil‑sa farmadach a chionn 's gu bheil mise fialaidh?’

16 “Mar sin bidh iadsan a th' air dheireadh air thoiseach, agus iadsan a th' air thoiseach air dheireadh.”


Ìosa a' Dèanamh Ro‑Innse ma Bhàs Fhèin an Treas Uair

17 Agus fhad 's a bha Ìosa a' dol suas gu Ierusalem, thug e an dà dheisciobal dheug gu aon taobh, agus air an t‑slighe thuirt e riutha,

18 “Seall, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad gu bàs e

19 agus bheir iad thairis dha na Cinnich e airson magadh air, a sgiùrsadh agus a cheusadh. Agus air an treas latha bidh e air a thogail suas!”


Iarrtas Màthar

20 An uair sin thàinig màthair clann Shebede thuige còmhla ri a mic, agus a' dèanamh ùmhlachd ma choinneamh dh'iarr i rudeigin uaithe.

21 Agus thuirt e rithe, “Dè a tha thu ag iarraidh?” Thuirt i ris, “Can gun suidh an dithis mhac seo agamsa, aon air do làimh dheis agus aon air do làimh chlì, nad rìoghachd.”

22 Ach fhreagair Ìosa, “Chan eil fhios agaibh dè a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air an cupa òl a dh'òlas mise?” Thuirt iadsan ris, “Tha sinn an comas.”

23 Thuirt esan riutha, “Òlaidh sibh mo chupa‑sa, ach a bhith a' suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin airson a bhuileachadh, ach tha sin dhaibhsan dham bheil e air ullachadh lem Athair.”

24 Agus nuair a chuala an deichnear seo, bha iad diombach ris an dithis bhràithrean.

25 Ach ghairm Ìosa thuige iad, agus thuirt e, “Is aithne dhuibh gu bheil àrd‑thighearnas aig riaghladairean nan Cinneach thairis orra, agus gu bheil na daoine mòra aca a' cur ùghdarras an gnìomh thairis orra.

26 “Cha bhi e mar sin nur measg‑se. Ach ge b' e cò lem bu toigh l' a bhith mòr nur measg‑se, biodh e na sheirbheiseach agaibh,

27 agus ge b' e cò agaibh lem bu toigh l' a bhith air thoiseach, biodh e na sheirbheiseach dhuibh,

28 dìreach san dòigh anns nach tàinig Mac an Duine airson 's gun deigheadh frithealadh a dhèanamh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus airson a bheatha fhèin a thoirt mar èirig airson mhòran.”


Dithis Dhall a' Faighinn Fradhairc

29 Agus fhad 's a bha iad a' fàgail Iericho, lean sluagh mòr e.

30 Agus, seall, bha dithis dhaoine a bha dall nan suidhe ri taobh an rathaid, agus nuair a chuala iad gu robh Ìosa a' dol seachad dh'èigh iad, “Dèan tròcair oirnne, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh.”

31 Chronaich an sluagh iad, ag ràdh riutha a bhith sàmhach, ach b' ann na bu mhotha a dh'èigh iadsan, “Dèan tròcair oirnn, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh.”

32 Stad Ìosa agus dh'èigh e orra is thuirt e, “Dè a bu toigh leibh a dhèanainn‑sa dhuibh?”

33 Thuirt iadsan ris, “A Thighearna, ar sùilean a bhith air am fosgladh.”

34 Ghabh Ìosa truas riutha, agus bhean e dha na sùilean aca, agus sa bhad fhuair iad am fradharc air ais, agus lean iad e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan