Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Tadhal nam Magi

1 A‑nis, às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a bhreith ann an Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, seallaibh, thàinig Magi on àird an ear gu Ierusalem

2 ag ràdh, “Càit a bheil esan a rugadh na Rìgh nan Iùdhach? Oir chunnaic sinne a rionnag anns an àird an ear agus tha sinn air tighinn a thoirt adhraidh dha.”

3 Nuair a chuala an Rìgh Herod seo, bha e fo dhragh mòr, agus Ierusalem gu lèir còmhla ris.

4 Agus às dèidh dha na h‑àrd‑shagartan is sgrìobhaichean an t‑sluaigh gu lèir a chruinneachadh ri chèile, dh'fhaighnich e dhaibh càit an robh an Crìosd gu bhith air a bhreith.

5 Thuirt iad ris, “Ann am Betlehem Iudèa, oir is ann mar seo a chaidh a sgrìobhadh leis an fhàidh:

6 ‘Agus thusa, a Bhetlehem, ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah; oir asadsa thig riaghladair a threòraicheas mo shluagh Israel.’”

7 An uair sin ghairm Herod gu dìomhair air na Magi agus fhuair e a‑mach uapa gu mionaideach an t‑àm anns an do nochd an rionnag.

8 Agus chuir e gu Betlehem iad, ag ràdh, “Thallaibh agus coimheadaibh gu dìcheallach airson a' phàiste, agus nuair a tha sibh air fhaighinn, innsibh dhòmhsa, airson 's gun tig mise cuideachd agus gun dèan mi adhradh dha.”

9 Às dèidh èisteachd ris an rìgh, dh'fhalbh iad; agus, seallaibh, chaidh an rionnag a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an àite far an robh am pàiste.

10 Nuair a chunnaic iad an rionnag, rinn iad gàirdeachas anabarrach le aoibhneas mòr.

11 Agus a' dol a‑steach dhan taigh, chunnaic iad am pàiste còmhla ri Moire a mhàthair, agus thuit iad sìos is rinn iad adhradh dha. An uair sin, a' fosgladh nan ionmhasan aca, thairg iad tiodhlacan dha: òr is tùis is mirr.

12 Agus às dèidh dhaibh rabhadh fhaighinn ann an aisling – gun tilleadh gu Herod – dh'fhàg iad airson an dùthaich fhèin air slighe eile.


An Teicheadh dhan Èipheit

13 A‑nis nuair a bha iad air fàgail, seallaibh, nochd aingeal leis an Tighearna ri Iòsaph ann an aisling, ag ràdh, “Èirich! Gabh am pàiste agus a mhàthair, is teich dhan Èipheit, agus fan an sin gus an innis mise dhut, oir tha Herod a' dol a choimhead airson a' phàiste, airson cur às dha.”

14 Agus dh'èirich e, agus ghabh e am pàiste is a mhàthair anns an oidhche agus chaidh e dhan Èipheit

15 agus dh'fhan e an sin gu bàs Heroid. Bha sin airson 's gun deigheadh an rud a bha an Tighearna air a ràdh tron fhàidh a choileanadh: “A‑mach às an Èipheit ghairm mi mo mhac.”

16 An uair sin nuair a chunnaic Herod gun robh na Magi air a char a thoirt às, thàinig fearg mhòr air. Agus chuir e feadhainn uaithe is mharbh e na bha de bhalaich ann am Betlehem agus sa cheàrnaidh sin uile a bha dà bhliadhna a dh'aois is fodha, a rèir an ama a bha e air fhaighinn a‑mach gu mionaideach o na Magi.

17 An uair sin choileanadh na chaidh a ràdh le Ieremiah am fàidh:

18 “Chaidh guth a chluinntinn ann an Rama, caoineadh, agus caoidh ro‑mhòr, Rachel a' caoineadh airson a cloinne, agus dhiùlt i sòlas a ghabhail, a chionn 's nach eil iad ann tuilleadh.”


An Tilleadh gu Nàsaret

19 Ach nuair a chaochail Herod, seall, nochd aingeal leis an Tighearna ann an aisling ri Iòsaph anns an Èipheit

20 ag ràdh, “Èirich, thoir leat an leanabh agus a mhàthair, agus thalla gu tìr Israeil, oir fhuair iadsan a bha a' sireadh beatha an leanaibh bàs.”

21 Mar sin dh'èirich esan agus thug e leis an leanabh 's a mhàthair, agus chaidh e gu tìr Israeil.

22 Ach nuair a chuala e gu robh Archelaus a' riaghladh ann an tìr Iudèa an àite Heroid athair, bha an t‑eagal air a dhol an sin. Ach às dèidh dha rabhadh fhaighinn ann an aisling, thill e gu sgìre Ghalile,

23 agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan