Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


An Neach as Motha ann an Rìoghachd Nèimh

1 Aig an àm sin thàinig na deisciobail gu Ìosa, ag ràdh, “Cò as motha ann an rìoghachd nèimh?”

2 Agus a' gairm leanaibh thuige, chuir e nam meadhan e,

3 agus thuirt e, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, mura tionndaidh sibh, agus mura fàs sibh coltach ri leanabanan, cha tèid sibh idir a‑steach do rìoghachd nèimh.

4 Mar sin, ge b' e a dh'ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e as motha ann an rìoghachd nèimh.

5 Agus ge b' e a ghabhas aon leanabh dhen leithid seo nam ainm‑sa, gabhaidh e mise.


Ag Adhbhrachadh Tuislidh

6 “Ach ge b' e cò a dh'adhbhraicheas do dh'aon dhen mhuinntir bhig seo a tha a' creidsinn annamsa gum peacaich iad, b' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn mhòr air a ceangal ma amhaich, agus gum biodh e air a bhàthadh ann an doimhne na fairge.

7 Is mairg dhan t‑saoghal air sgàth cheapan‑tuislidh! Oir feumaidh gun tig ceapan‑tuislidh, ach is mairg dhan neach sin tron tig an ceap‑tuislidh!

8 Ma dh'adhbhraicheas do làmh no do chas gun tuislich thu, geàrr dhìot i, agus tilg uat i. Tha e nas fheàrr dhut a dhol a‑steach dhan bheatha ciorramach no cuagach na dà làimh no dà chois a bhith agad, agus thu a bhith air do thilgeil dhan teine shìorraidh.

9 Agus ma dh'adhbhraicheas do shùil gum peacaich thu, spìon asad i, agus tilg uat i. Is fheàrr dhut a dhol a‑steach dhan bheatha le aon t‑sùil na dà shùil a bhith agad, agus thu a bhith air do thilgeil ann an teine Ifrinn.


Cosamhlachd na Caorach Chaillte

10 “Thugaibh an aire nach dèan sibh tàir air aon dhen fheadhainn bhig seo. Oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an ainglean‑san ann an nèamh an‑còmhnaidh a' faicinn aghaidh m' Athar‑sa a tha ann an nèamh.

11 Oir thàinig mac an duine a shaoradh an nì sin a bha caillte.

12 “Dè ur barail‑sa? Ma tha ceud caora aig duine, agus gu bheil aon dhiubh air a dhol air seachran, nach fàg e na naochad 's a naoi air na beanntan agus nach tèid e a lorg na tè a chaidh air seachran?

13 Agus ma lorgas e i, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, tha e a' dèanamh barrachd gàirdeachais airson na tè sin na airson nan naochad 's a naoi, nach deach air seachran.

14 Mar seo chan i toil ur n‑Athar‑se a th' air nèamh gun deigheadh aon neach dhen fheadhainn bhig seo a chall.


Bràthair a Pheacaicheas nad Aghaidh

15 “Ma pheacaicheas do bhràthair nad aghaidh, thalla agus innis a choire dha eadar thu fhèin 's e fhèin a‑mhàin. Ma dh'èisteas e riut, choisinn thu do bhràthair.

16 Ach mura h‑èist e riut, thoir leat aon no dithis eile, airson 's tro bheul dhithis no thriùir fhianaisean gum bi gach facal air a dhèanamh seasmhach.

17 Ach ma dhiùltas e èisteachd riuthasan, innis dhan eaglais e. Agus ma dhiùltas e fiù 's èisteachd ris an eaglais, biodh e dhut mar Chinneach agus mar chìs‑mhaor.

18 “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, ge b' e na rudan a cheanglas sibhse air thalamh, bidh iad ceangailte air nèamh; agus ge b' e na rudan a dh'fhuaisgleas sibhse air thalamh, bidh iad fuasgailte air nèamh.

19 “A‑rithist tha mi ag ràdh ribh, ma dh'aontaicheas dithis agaibh air thalamh mun a h‑uile rud a dh'iarras iad, thèid a dhèanamh dhaibh lem Athair‑sa a th' air nèamh.

20 Oir far a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh nam ainm‑sa, an sin tha mise nam measg.”


Cosamhlachd an t‑Seirbheisich Mhì‑Thròcairich

21 An uair sin thàinig Peadar thuige agus thuirt e ris, “A Thighearna, dè cho tric 's a pheacaicheas mo bhràthair nam aghaidh, agus a bheir mi mathanas dha? Suas ri seachd uairean?”

22 Thuirt Ìosa ris, “Chan eil mise ag ràdh suas ri seachd uairean riut, ach suas ri seachd air iomadachadh seachdad uair.

23 “Mar sin faodaidh rìoghachd nèimh a bhith air a coimeas ri rìgh a bha ag iarraidh cunntasan a chur an òrdugh le a sheirbheisich.

24 Agus nuair a thòisich e a' cur an òrdugh, chaidh neach‑fiach a thoirt thuige a bha fo fhiachan deich mìle tàlann dha.

25 Agus air sgàth 's nach robh dad aige leis am pàigheadh e, dh'àithn a thighearna gum biodh e air a reic, còmhla ri bhean 's a chlann 's a h‑uile sìon a bh' aige, agus gum biodh pàigheadh air a dhèanamh.

26 “Mar sin, thuit an seirbheiseach sìos, a' guidhe air, ‘Bi foighidneach leam, agus pàighidh mi a h‑uile sìon dhut.’

27 Agus a' gabhail truas, shaor tighearna an t‑seirbheisich e agus mhath e na fiachan dha.

28 “Ach nuair a chaidh an seirbheiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon dhe a cho‑sheirbheisich a bh' ann am fiachan ceud denarius dha, agus ga ghlacadh, thòisich e ri thachdadh, ag ràdh, ‘Pàigh air ais d' fhiachan!’

29 “Mar sin thuit a cho‑sheirbheiseach sìos agus ghuidh e air, ‘Bi foighidneach leam, agus pàighidh mi air ais thu.’

30 “Ach cha robh e deònach agus dh'fhalbh e is thilg e ann am prìosan e gus am pàigheadh e na fiachan.

31 Nuair a chunnaic a cho‑sheirbheisich dè a bh' air tachairt, bha iad fìor bhrònach, agus chaidh iad agus dh'innis iad dhan tighearna aca a h‑uile rud a bh' air tachairt.

32 “An uair sin ghairm a thighearna air agus thuirt e ris, “A sheirbheisich uilc! Mhath mi d' fhiachan uile dhut, air sgàth 's gun do ghuidh thu orm.

33 Nach bu chòir dhutsa cuideachd a bhith air tròcair a dhèanamh air do cho‑sheirbheiseach, mar a rinn mise tròcair ortsa?”

34 Agus na fheirg thug a thighearna dhan luchd‑cràidh e gus am pàigheadh e na fiachan aige gu lèir.

35 “Agus mar sin cuideachd nì m' Athair nèamhaidh ri gach aon agaibhse, mura math sibh ur bràthair o ur cridheachan.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan