Mata 17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017An Cruth‑Atharrachaidh 1 Agus às dèidh sia latha thug Ìosa leis Peadar is Seumas, is Eòin a bhràthair, agus threòraich e iad suas beinn àrd leotha fhèin. 2 Agus chaidh a chruth‑atharrachadh mun coinneamh, agus dheàlraich aghaidh mar a' ghrian, agus dh'fhàs aodach deàlrach, ro gheal. 3 Agus, seall, chaidh Maois agus Eliah a nochdadh dhaibh, a' còmhradh ris. 4 Thuirt Peadar ri Ìosa, “A Thighearna, tha e math dhuinne a bhith an seo. Mas toigh leatsa, nì mi trì pàilleanan an seo – aon dhutsa agus aon do Mhaois agus aon do dh'Eliah.” 5 Nuair a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, chuir sgòth dheàlrach sgàil orra, agus thuirt guth às an sgòth riutha, “Is e seo mo Mhac gràdhaichte, leis a bheil mi fìor thoilichte; èistibh ris‑san!” 6 Nuair a chuala na deisciobail seo, thuit iad air an aghaidhean agus ghabh iad fìor eagal. 7 Ach thàinig Ìosa agus bhean e dhaibh, is thuirt e, “Èiribh, agus na biodh eagal oirbh.” 8 Agus nuair a thog iad suas an sùilean, chan fhaca iad neach sam bith ach Ìosa a‑mhàin. 9 Agus fhad 's a bha iad a' tighinn a‑nuas on bheinn, thug Ìosa àithne dhaibh: “Na innsibh mun t‑sealladh do neach sam bith, gus am bi Mac an Duine air a thogail o na mairbh.” 10 Agus dh'fhaighnich a dheisciobail dha, “Carson mar sin a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gum feum Eliah tighinn an toiseach?” 11 Fhreagair e, “Tha Eliah a' tighinn, agus aisigidh e a h‑uile rud. 12 Ach tha mise ag ràdh ribh gun tàinig Eliah mu thràth, agus cha do dh'aithnich iad e, ach rinn iad ris gach nì a thogair iad. Mar sin cuideachd fulaingidh Mac an Duine uapa.” 13 An uair sin thuig na deisciobail gun robh e a' bruidhinn riutha mu Eòin Baistidh. Leigheas Balaich aig an Robh Deamhan 14 Agus nuair a thàinig iad chun an t‑sluaigh, thàinig duine suas gu Ìosa agus, a' tuiteam gu ghlùinean, 15 thuirt e, “A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha an tinneas tuiteamach air, agus tha e a' fulang gu mòr. Oir gu tric tha e a' tuiteam dhan teine, agus gu tric dhan uisge. 16 Thug mi gu do dheisciobail e, agus cha b' urrainn dhaibh a leigheas.” 17 Agus fhreagair Ìosa, “O, a ghinealaich eas‑creidmheich agus chlaoin, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh an seo thugamsa e.” 18 Agus chronaich Ìosa an deamhan, agus thàinig e às, agus chaidh am balach a leigheas on àm sin a‑mach. 19 An uair sin thàinig na deisciobail gu Ìosa gu dìomhair agus thuirt iad, “Carson nach robh an comas againne a thilgeil a‑mach?” 20 Thuirt e riutha, “Air sgàth ur beag‑creideimh. Oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh mar shìol de ghràinne mustaird agaibh, canaidh sibh ris a' bheinn seo, ‘Gluais à seo gu sin,’ agus gluaisidh i, agus cha bhi rud sam bith eu‑comasach dhuibh.” 21 Ach cha tèid an seòrsa seo a‑mach ach tro ùrnaigh is tro thrasgadh. Ìosa ag Innse Ro‑Làimh mu Bhàs Fhèin an Dara h‑Uair 22 Nuair a bha iad air cruinneachadh ann an Galile, thuirt Ìosa riutha, “Bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan dhaoine; 23 agus marbhaidh iad e, agus bidh e air a thogail suas air an treas latha.” Agus bha iadsan fìor bhrònach. Cìs an Teampaill 24 Nuair a thàinig iad gu Capernàum, thàinig luchd‑togail cìs an teampaill gu Peadar, agus thuirt iad ris, “Nach eil ur Fear‑Teagaisg a' pàigheadh cìs an teampaill?” 25 Thuirt esan, “Tha.” Agus nuair a thàinig Peadar a‑steach dhan taigh, bhruidhinn Ìosa ris an toiseach, ag ràdh, “Dè do bharail‑sa, a Shìmoin? Cò uaithe a tha rìghrean na talmhainn a' togail an càin no an cìse? An ann on cloinn fhèin, no o fheadhainn eile?” 26 Agus nuair a thuirt e, “O fheadhainn eile,” thuirt Ìosa ris, “Mar sin tha a' chlann saor. 27 A dh'aindeoin sin, airson 's nach toir sinn oilbheum dhaibh, thalla chun na mara is tilg dubhan innte, agus gabh a' chiad iasg a thig suas; is nuair a dh'fhosglas tu a bheul gheibh thu bonn airgid. Gabh sin is thoir dhaibh e air mo shon‑sa agus air do shon fhèin.” |