Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


An Ceann air a Thoirt far Eòin Baistidh

1 Aig an àm sin chuala Herod an tetrarc mu chliù Ìosa,

2 agus thuirt e ri a sheirbheisich, “Is e seo Eòin Baistidh. Chaidh a thogail o na mairbh, agus is ann air sgàth sin a tha na cumhachdan mìorbhaileach seo ag obrachadh ann.”

3 Oir bha Herod air Eòin a chur an greim is air a cheangal agus air a chur ann am prìosan air sgàth Heròdiais, bean Philip a bhràthair fhèin,

4 oir bha Eòin air a bhith ag ràdh ris, “Chan eil e laghail dhut i a bhith agad.”

5 Agus ged a bha Herod ag iarraidh a chur gu bàs, bha eagal air on t‑sluagh, oir mheas iad gum b' e fàidh a bh' ann.

6 Ach nuair a thàinig co‑là‑breith Heroid, rinn nighean Heròdiais dannsa mun coinneamh agus thoilich i Herod,

7 chun na h‑ìre 's gun do gheall e le mionnan gun toireadh e dhi ge b' e dè a dh'iarradh i.

8 Agus air a piobrachadh le a màthair, thuirt i, “Tha mi airson 's gun toir thu dhomh ceann Eòin Baistidh air truinnsear mòr.”

9 Agus bha an rìgh duilich, ach a thaobh nam mionnan 's air sgàth nan aoighean aige, dh'àithn e a thoirt dhi.

10 Agus chuir e fear a‑mach a thug an ceann far Eòin anns a phrìosan.

11 Agus chaidh a cheann a thoirt air truinnsear mòr is chaidh a thoirt dhan chaileig, agus thug ise gu a màthair e.

12 Thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leotha is dh'adhlaic iad e, agus chaidh iad 's dh'innis iad do dh'Ìosa.


Ìosa a' Biathadh nan Còig Mìle

13 A‑nis nuair a chuala Ìosa seo, tharraing e air ais à sin ann an eathar gu àite fàsail leis fhèin. Ach nuair a chuala an sluagh sin, lean iad air chois e o na bailtean.

14 Agus nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige dhaibh, agus shlànaich e an fheadhainn aca a bha tinn.

15 Agus nuair a bha am feasgar ann, thàinig na deisciobail thuige agus thuirt iad, “'S e àite fàsail a tha an seo agus tha an latha a‑nis seachad; cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean agus gun ceannaich iad biadh dhaib' fhèin.”

16 Ach thuirt Ìosa, “Cha leig iad a leas falbh; thugaibh‑se dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.”

17 Thuirt iad ris, “Chan eil an seo againn ach còig lofaichean agus dà iasg.”

18 Agus thuirt esan, “Thugaibh an seo iad thugamsa.”

19 Agus dh'àithn e dhan t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean agus thug e iad dha na deisciobail, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad.

20 Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus thog iad dà bhasgaid dheug làn de chriomagan a bha a chòrr.

21 Agus bha iadsan a dh'ith mu thimcheall air còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.


Ìosa a' Coiseachd air an Uisge

22 Sa bhad thug e air na deisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh.

23 Agus às dèidh an sluagh a chur air falbh, chaidh e suas dhan bheinn leis fhèin a dh'ùrnaigh. Nuair a thàinig am feasgar, bha e an sin na aonar.

24 Ach bha an t‑eathar mun àm sin astar fada o thìr, air a tilgeil mun cuairt leis na tonnan, oir bha a' ghaoth nan aghaidh.

25 Mus do dh'èirich a' ghrian, thàinig e thuca, a' coiseachd air a' mhuir.

26 Ach nuair a chunnaic na deisciobail e a' coiseachd air a' mhuir, bha iad fo oillt, ag ràdh, “Is e taibhs a th' ann!” agus dh'èigh iad a‑mach le eagal.

27 Ach sa bhad bhruidhinn Ìosa riutha ag ràdh, “Biodh deagh mhisneach agaibh, is mise a th' ann – na biodh eagal oirbh.”

28 Agus fhreagair Peadar e, “A Thighearna, mas tusa a th' ann, iarr orm tighinn thugad air na h‑uisgeachan.”

29 Agus thuirt esan, “Thig.” Is thàinig Peadar a‑mach às an eathar agus choisich e air na h‑uisgeachan is thàinig e gu Ìosa.

30 Ach nuair a chunnaic e a' ghaoth cho làidir, ghabh e eagal, agus a' tòiseachadh air a dhol fodha, ghlaodh e, “A Thighearna, sàbhail mi!”

31 Anns a' bhad shìn Ìosa a‑mach a làmh agus rug e air, is thuirt e ris, “O thusa air bheag creideimh, carson a bha thu fo amharas?”

32 Agus nuair a chaidh iad a‑steach dhan eathar, sguir a' ghaoth.

33 Agus rinn iadsan a bh' anns an eathar adhradh dha, ag ràdh, “Gu fìrinneach is tusa Mac Dhè!”

34 Nuair a bha iad air a dhol thairis, thàinig iad air tìr aig Genesaret.

35 Agus nuair a dh'aithnich muinntir an àite sin e, chuir iad fios air feadh a' cheàrnaidh sin gu lèir agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn

36 agus ghuidh iad air airson 's gum faodadh iad beantainn fiù 's ri iomall aodaich. Agus na h‑uimhir 's a bhean dha, chaidh an leigheas.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan