Mata 13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Cosamhlachd Fear‑Cuir an t‑Sìl 1 Air an latha sin fhèin chaidh Ìosa a‑mach às an taigh agus shuidh e ri taobh na mara. 2 Agus chruinnich sluagh mòr thuige, air chor is gun deach e a‑steach do dh'eathar agus gun do shuidh e sìos, agus sheas an sluagh gu lèir air an tràigh. 3 Agus dh'innis e mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, ag ràdh: “Seallaibh, chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl 4 agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus thàinig na h‑eòin agus dh'ith iad e. 5 Thuit cuid eile air àite creagach, far nach robh mòran talmhainn aige, agus sa bhad dh'fhàs e suas, a chionn 's nach robh doimhne talmhainn aige. 6 Ach nuair a dh'èirich a' ghrian chaidh a losgadh, agus a chionn 's nach robh freumh aige, shearg e às. 7 Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn suas agus thachd iad e. 8 Ach thuit cuid eile air talamh math agus thug e toradh a‑mach, cuid a cheud, cuid a sheasgad agus cuid a thrithead uiread. 9 “Ge b' e cò aig a bheil cluasan, cluinneadh e.” 10 An uair sin thàinig na deisciobail is thuirt iad ris, “Carson a tha thu a' bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan?” 11 Agus fhreagair e iad, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan cha deach a thoirt. 12 Oir dhan neach aig a bheil, dhàsan thèid barrachd a thoirt, agus bidh am pailteas aige, ach uaithesan aig nach eil, thèid fiù 's na th' aige a thoirt uaithe. 13 Is ann airson seo a tha mise a' bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan: “A chionn 's a' faicinn nach eil iad a' faicinn; agus a' cluinntinn nach eil iad a' cluinntinn, cha mhotha a tha iad a' tuigsinn. 14 “Anntasan tha fàidheadaireachd Isaiah air a coileanadh, a tha ag ràdh: “Cluinnidh sibh ach cha tuig sibh; agus chì sibh ach cha toir sibh fa‑near. 15 Oir tha cridhe an t‑sluaigh seo air fàs mì‑mhothachail; len cluasan is gann gun cluinn iad agus dhùin iad an sùilean, air eagal 's gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tionndaidheadh iad, agus gun slànaichinn iad. 16 “Ach is beannaichte ur sùilean‑se, oir tha iad a' faicinn; agus ur cluasan, oir tha iad a' cluinntinn. 17 Oir gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh gum b' iomadh fàidh agus fìrean a mhiannaich na rudan fhaicinn a tha sibhse a' faicinn, ach nach fhaca iad, agus na rudan a chluinntinn a tha sibhse a' cluinntinn, ach nach cuala iad. 18 “Cluinnibh‑se, mar sin, cosamhlachd fear‑cuir an t‑sìl: 19 A h‑uile neach a chluinneas facal na rìoghachd agus nach tuig e, tha an droch fhear a' tighinn agus a toirt air falbh na chaidh a chur na chridhe; is e seo an sìol a chaidh a chur ri taobh an rathaid. 20 An sìol a chaidh a chur air àiteachan creagach, is e seo an neach a chluinneas am facal agus a ghabhas e sa bhad le gàirdeachas, 21 ach chan eil freumh aige ann fhèin, ach mairidh e ùine ghoirid, agus nuair a thig trioblaid no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tuitidh e air falbh. 22 An sìol a chaidh a chur am measg dhroigheann, is e seo an neach a tha a' cluinntinn an fhacail, ach tha cùram an t‑saoghail agus mealltaireachd beairteis a' tachdadh an fhacail, agus fàsaidh e neo‑thorrach. 23 An sìol a chaidh a chur ann an deagh thalamh, is e sin an neach a chluinneas am facal agus a thuigeas e. Tha esan dha‑rìribh a' giùlain toraidh agus a' toirt a‑mach a cheud, a sheasgad agus a thrithead uiread.” Cosamhlachd nan Luibh 24 Chuir e cosamhlachd eile mun coinneamh, ag ràdh, “Faodaidh rìoghachd nèimh a bhith air a samhlachadh ri duine a chuir sìol math na achadh. 25 Ach fhad 's a bha a dhaoine nan cadal, thàinig a nàmhaid is chuir e luibhean am measg a' chruithneachd agus chaidh e air falbh. 26 Ach nuair a thàinig an t‑arbhar fo dhèis is a thug e a‑mach a thoradh, an uair sin nochd na luibhean cuideachd. 27 “Agus thàinig seirbheisich maighstir an taighe agus thuirt iad ris, ‘A mhaighstir, nach do chuir thusa sìol math nad achadh? Ciamar mar sin a tha luibhean ann?’ 28 Thuirt esan riutha, ‘Tha nàmhaid air seo a dhèanamh.’ Agus thuirt a sheirbheisich ris, ‘A bheil thu, mar sin, ag iarraidh gun tèid sinne agus gun cruinnich sinn iad?’ 29 Ach thuirt esan, ‘Chan eil, air eagal 's, nuair a chruinnicheas sibh na luibhean, gun spìon sibh a' chruithneachd còmhla riutha. 30 Leigibh leis an dà chuid fàs còmhla gus an tig am fogharadh, agus aig àm an fhogharaidh canaidh mise ris an luchd‑buana, “Cruinnichibh an toiseach na luibhean agus ceanglaibh iad nan sguaban airson a bhith air an losgadh, ach cruinnichibh a' chruithneachd dham shabhal.”’” Cosamhlachdan an t‑Sìl Mustaird is na Taois Ghoirt 31 Chuir e cosamhlachd eile mun coinneamh, ag ràdh, “Tha rìoghachd nèimh coltach ri gràinne de shìol mustaird a ghabh duine agus a chuir e na achadh. 32 Is e as lugha dhe na sìl uile, ach nuair a tha e air fàs tha e nas motha na na lusan‑gàrraidh uile agus thig e gus a bhith na chraoibh; mar sin thig eòin an adhair agus nì iad neadan na gheugan.” 33 Dh'innis e cosamhlachd eile dhaibh: “Tha rìoghachd nèimh coltach ri taois ghoirt, a ghabh boireannach agus a dh'fhalaich i ann an trì tomhasan mine, gus an do dh'èirich e gu lèir.” 34 Thuirt Ìosa na rudan seo uile ris an t‑sluagh ann an cosamhlachdan; agus às aonais cosamhlachd cha do bhruidhinn e riutha. 35 Bha seo airson 's gun deigheadh an rud a choileanadh a chaidh a ràdh tron fhàidh: “Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachdan, cuiridh mi an cèill rudan a bha falaichte o thoiseach an t‑saoghail.” Cosamhlachd nan Luibh air a Mìneachadh 36 An uair sin dh'fhàg e an sluagh agus chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus thàinig a dheisciobail thuige, ag ràdh, “Mìnich dhuinne cosamhlachd luibhean an achaidh.” 37 Agus fhreagair esan, “Am fear a chuireas an sìol math, is esan Mac an Duine. 38 Is e an t‑achadh an saoghal, agus is e an sìol math clann na rìoghachd, ach is e na luibhean clann an droch fhir, 39 agus is e an nàmhaid a chuir iad an diabhal. Is e am fogharadh deireadh na linne, agus is iad na buanaichean na h‑ainglean. 40 “Dìreach mar a tha na luibhean air an cruinneachadh agus air an losgadh le teine, is ann mar sin a bhitheas aig deireadh na linne. 41 Cuiridh Mac an Duine na h‑ainglean aige a‑mach, agus cruinnichidh iad às a rìoghachd‑san gach ceap‑tuislidh agus iadsan a tha a' dèanamh mì‑riaghailt, 42 agus tilgidh iad dhan fhùirneis theinntich iad. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal. 43 An uair sin deàrrsaidh na fìreanan mar a' ghrian, ann an rìoghachd an Athar‑san. Ge b' e cò aig a bheil cluasan, cluinneadh e. Cosamhlachdan an Ionmhais Fhalaichte agus na Neamhnaid 44 “Tha rìoghachd nèimh coltach ri ionmhas falaichte ann an achadh, a lorg duine agus a dh'fhalaich e. Agus an uair sin, na aoibhneas, tha e a' falbh agus a' reic a h‑uile sìon a th' aige, agus a' ceannach an achaidh sin. 45 “A‑rithist, tha rìoghachd nèimh coltach ri ceannaiche a' sireadh neamhnaidean grinn, 46 agus nuair a lorg e aon neamhnaid ro luachmhor, chaidh e agus reic e na bh' aige agus cheannaich e i. Cosamhlachd an Lìn 47 “A‑rithist, tha rìoghachd nèimh coltach ri lìon a chaidh a thilgeil dhan mhuir agus a chruinnich a h‑uile seòrsa èisg. 48 Nuair a bha e làn, tharraing iad suas air an tràigh e, agus shuidh iad agus chruinnich iad na h‑èisg mhatha a‑steach do shoithichean, ach thilg iad na droch èisg air falbh. 49 Is ann mar sin a bhitheas aig deireadh na linne. Thig na h‑ainglean a‑mach agus sgaraidh iad na h‑uilc o na fìreanan, 50 agus tilgidh iad dhan fhùirneis theinntich iad. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal. 51 “An do thuig sibh na rudan seo uile?” Thuirt iad ris, “Thuig.” 52 Agus thuirt e riutha, “Mar sin, tha gach sgrìobhaiche a th' air oideachadh airson rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe, a bheir a‑mach rudan ùra is sean às an ionmhas aige.” Fàidh gun Urram 53 Agus nuair a bha Ìosa air na cosamhlachdan seo a chrìochnachadh, dh'fhalbh e às a sin, 54 agus a' tighinn gu a bhaile fhèin, theagaisg e iad nan sionagog; mar sin ghabh iad iongnadh, agus thuirt iad, “Càit an d' fhuair am fear seo an gliocas seo, agus na h‑obraichean cumhachdach seo? 55 Nach e seo mac an t‑saoir? Nach e ainm a mhàthar Moire? Nach iad a bhràithrean Seumas is Iòsaph is Sìmon is Iùdas? 56 Agus nach eil a pheathraichean gu lèir còmhla rinn? Càite mar sin an d' fhuair an duine seo na rudan seo uile?” 57 Agus ghabh iad oilbheum ma dheidhinn. Ach thuirt Ìosa riutha, “Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, agus na theaghlach fhèin.” 58 Agus cha do rinn e mòran obraichean cumhachdach an sin, air sgàth an eas‑creideimh. |