Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus thuirt e riutha, “Tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid dhiubhsan nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè às dèidh dhi tighinn le cumhachd.”


An Cruth‑Atharrachadh

2 Às dèidh sia latha, thug Ìosa Peadar is Seumas is Eòin leis agus threòraich e iad suas beinn àrd leotha fhèin. Agus chaidh a chruth‑atharrachadh mun coinneamh,

3 agus dh'fhàs aodach deàlrach, ro gheal, mar nach b' urrainn do ghealadair‑aodaich sam bith air thalamh a ghealachadh.

4 Agus chaidh Eliah a nochdadh dhaibh còmhla ri Maois, agus bha iad a' còmhradh ri Ìosa.

5 Thuirt Peadar ri Ìosa, “A Rabaidh, tha e math dhuinne a bhith an seo. Dèanamaid trì pàilleanan – aon dhutsa agus aon do Mhaois agus aon do dh'Eliah.”

6 Oir cha robh fios aige dè a chanadh e, oir bha iad fo dhearg‑eagal.

7 An uair sin thàinig sgòth a chuir sgàile orra, agus thàinig guth às an sgòth, ag ràdh, “Is e seo mo Mhac gràdhaichte; èistibh ris‑san!”

8 Sa bhad, nuair a choimhead iad mun cuairt, chan fhaca iad neach sam bith còmhla riutha ach Ìosa a‑mhàin.


Teachd Eliah

9 Agus fhad 's a bha iad a' tighinn a‑nuas on bheinn, dh'àithn e dhaibh gun na rudan a chunnaic iad innse do neach sam bith, gus am biodh Mac an Duine air èiridh o na mairbh.

10 Chùm iad an gnothach aca fhèin, a' deasbad dè a bh' ann an ‘èirigh o na mairbh’.

11 Agus dh'fhaighnich iad dha, “Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gum feum Eliah tighinn an toiseach?”

12 Agus thuirt esan riutha, “Tha Eliah a' tighinn an toiseach airson a h‑uile rud aiseag; ach ciamar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e a' dol a dh'fhulang tòrr rudan agus gu bhith air a chur ann an dìmeas?

13 Ach tha mise ag innse dhuibh gu bheil Eliah dha‑rìribh air tighinn, agus rinn iad ris gach nì a thogair iad, a rèir mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn.”


Ìosa a' Leigheas Balach le Spiorad Balbh

14 Agus nuair a thàinig iad gu na deisciobail, chunnaic iad sluagh mòr mun timcheall, agus sgrìobhaichean ag argamaid riutha.

15 Sa bhad nuair a chunnaic an sluagh gu lèir e, bha iad fo iongnadh mòr is ruith iad thuige agus chuir iad fàilte air.

16 Agus dh'fhaighnich e dhaibh, “Dè a tha sibh ag argamaid riutha mu dheidhinn?”

17 Agus fhreagair aon dhen t‑sluagh e, “Fhir‑Teagaisg, thug mi mo mhac thugad, oir tha spiorad aige a tha ga dhèanamh balbh.

18 Agus ge b' e cuin a ghreimicheas e air, tha e ga thilgeil sìos, agus tha cop ma bheul agus tha e a' gìosgarnaich fhiaclan agus fàsaidh e rag. Agus bhruidhinn mi ri do dheisciobail airson 's gun tilgeadh iad a‑mach e, ach cha b' urrainn dhaibh.”

19 Agus fhreagair esan iad, “O a ghinealaich eas‑creidmhich, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh thugamsa e.”

20 Agus thug iad am balach thuige. Nuair a chunnaic an spiorad e, sa bhad chrath e e, agus thuit e chun na talmhainn agus roilig e mun cuairt, le cop ma bheul.

21 Agus dh'fhaighnich Ìosa dha athair, “Dè cho fada 's a tha seo air a bhith a' tachairt dha?” Agus thuirt e, “On a bha e na leanabh.

22 Agus tha e gu tric air a thilgeil dhan teine, agus dhan uisge, airson a sgrios. Ach mas urrainn dhut rud sam bith a dhèanamh, cuidich leinn agus gabh truas rinn.”

23 Agus thuirt Ìosa ris, “‘Mas urrainn dhut!’ Tha a h‑uile rud comasach dhan neach a chreideas.”

24 Sa bhad dh'èigh athair an leanaibh, “Tha mi a' creidsinn, cuidich thusa lem eas‑creideamh!”

25 Agus nuair a chunnaic Ìosa gun robh sluagh a' cruinneachadh gu luath, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, “A spioraid bhailbh is bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, thig a‑mach às, agus na rach a‑steach ann tuilleadh!”

26 Agus às dèidh èigheach agus a chrathadh gu mòr, chaidh e a‑mach às; agus bha am balach cho coltach ri aon a bha marbh is gun tuirt mòran, “Tha e marbh!”

27 Ach ghabh Ìosa grèim air làimh air agus thog e suas e, agus sheas e.

28 Agus nuair a chaidh e a‑steach dhan taigh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha gu prìobhaideach, “Carson nach robh an comas againne a thilgeil a‑mach?”

29 Agus thuirt e riutha, “Chan urrainn an seòrsa seo tighinn a‑mach tro rud sam bith ach ùrnaigh.”


Ìosa A‑Rithist ag Innse Ro‑Làimh ma Bhàs is ma Aiseirigh

30 Dh'fhalbh iad on àite sin agus chaidh iad tro Ghalile. Agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith,

31 oir bha e a' teagasg a dheisciobal, ag ràdh riutha, “Tha Mac an Duine gus a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine, agus marbhaidh iad e. Agus às dèidh dhaibh a mharbhadh, às dèidh trì latha èiridh e a‑rithist.”

32 Ach cha do thuig iad an abairt, agus bha an t‑eagal orra faighneachd dha.

33 Agus thàinig iad gu Capernàum. An uair a bha e san taigh dh'fhaighnich e dhaibh, “Dè a bha sibh a' deasbad mu dheidhinn air an t‑slighe?”

34 Ach dh'fhan iad sàmhach, oir air an t‑slighe bha iad air a bhith ag argamaid eatarra fhèin a thaobh cò aca a bu mhotha.

35 A' suidhe sìos, ghairm e an dà fhear dheug thuige. Agus thuirt e riutha, “Mas e toil neach sam bith a bhith air thoiseach, bidh esan air dheireadh air càch gu lèir, agus na sheirbheiseach dha na h‑uile.”

36 Agus ghabh e leanabh is chuir e nam meadhan e, agus nuair a ghabh e na ghàirdeanan e, thuirt e riutha,

37 “Ge b' e cò a ghabhas ri leanabh dhen leithid seo nam ainm‑sa, tha e a' gabhail riumsa, agus ge b' e cò a ghabhas riumsa, chan ann riumsa ris a bheil e a' gabhail, ach ris an Aon a chuir a‑mach mi.”


Ge B' e Nach Eil nar n‑Aghaidh, Tha e air ar Son

38 Thuirt Eòin ris, “Fhir‑Teagaisg, chunnaic sinne duine a' tilgeil a‑mach dheamhan nad ainm‑sa, agus dh'fheuch sinn ri bacadh a chur air, a chionn 's nach robh e gar leantainn‑ne.”

39 Ach thuirt Ìosa, “Na cuiribh bacadh air, oir chan eil neach sam bith a nì mìorbhail nam ainm‑sa an comas, goirid às a dhèidh, air olc a ràdh mum dheidhinn.

40 Oir ge b' e cò nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.

41 Oir ge b' e cò a bheir cupa uisge dhuibhse ri òl nam ainm‑sa, a chionn 's gur ann le Crìosd a tha sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.


Ag Adhbhrachadh Peacaidh

42 “Ge b' e cò a dh'adhbhraicheas do dh'aon dhen mhuinntir bhig seo a tha a' creidsinn annamsa gum peacaich iad, b' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn mhòr air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge.

43 Agus ma dh'adhbhraicheas do làmh gum peacaich thu, geàrr dhìot i. Is fheàrr dhut a dhol a‑steach dhan bheatha ciorramach na le dà làimh gun deigheadh tu a dh'Ifrinn, dhan teine nach mùchar,

44 far ‘nach bàsaich an cnuimh‑san, agus nach tèid an teine às.’

45 Agus ma dh'adhbhraicheas do chas gum peacaich thu, geàrr dhìot i. Is fheàrr dhut a dhol a‑steach dhan bheatha cuagach na le dà chois a bhith air do thilgeil a dh'Ifrinn,

46 far ‘nach bàsaich an cnuimh‑san, agus nach tèid an teine às.’

47 Agus ma dh'adhbhraicheas do shùil gum peacaich thu, spìon asad i. Is fheàrr dhut a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè le aon t‑sùil na dà shùil a bhith agad agus gum biodh tu air do thilgeil ann an Ifrinn,

48 far “‘nach bàsaich an cnuimh‑san, agus nach tèid an teine às.’

49 “Oir thèid a h‑uile neach a shailleadh le teine.

50 “Tha an salann math, ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciamar a nì sibh saillte a‑rithist e? Biodh salann agaibh nur measg: bithibh sìochail ri chèile.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan