Marcus 8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ìosa a' Biathadh nan Ceithir Mìle 1 Anns na làithean sin, nuair a chruinnich sluagh mòr a‑rithist, agus gun sìon aca ri ithe, ghairm Ìosa a dheisciobail thuige agus thuirt e riutha, 2 “Tha truas agam ris an t‑sluagh a chionn 's gu bheil iad air a bhith còmhla rium a‑nis trì latha agus nach eil sìon aca ri ithe. 3 Ma chuireas mi air falbh acrach iad gu an dachaighean, fannaichidh iad air an t‑slighe, agus tha cuid dhiubh air tighinn o astar fad' às.” 4 Agus fhreagair a dheisciobail e, “Càit am bi neach sam bith an comas air gu leòr arain fhaighinn san àite fàsail seo airson an sàsachadh?” 5 Agus dh'fhaighnich e dhaibh, “Cia mheud lof a th' agaibh?” Agus thuirt iadsan, “Seachd.” 6 Agus thug e òrdugh dhan t‑sluagh suidhe sìos air an talamh. Agus ghabh e na seachd lofaichean, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha dheisciobail iad, airson an cur mun coinneamh; agus chuir iad sìos mu choinneamh an t‑sluaigh iad. 7 Bha beagan de dh'èisg mheanbha aca cuideachd; agus às dèidh am beannachadh, dh'àithn e gum biodh iadsan cuideachd air an cur sìos mun coinneamh. 8 Agus dh'ith iad agus chaidh an sàsachadh. Agus thog iad suas seachd basgaidean dhe na criomagan a bha a chòrr aca. 9 A‑nis bha mu cheithir mìle an sin. Agus chuir e air falbh iad. 10 Agus sa bhad chaidh e a‑steach dhan eathar còmhla ri a dheisciobail agus thàinig e gu ceàrnaidh Dhalmanuta. 11 Thàinig na Pharasaich agus thòisich iad air argamaid ris, a' sireadh chomharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh. 12 Agus ag osnaich gu domhainn na spiorad, thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo a' sireadh chomharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach tèid comharra a thoirt dhan ghinealach seo.” 13 Agus dh'fhàg e iad, agus às dèidh dha a dhol a‑steach dhan eathar a‑rithist, chaidh e chun an taoibh eile. Taois Ghoirt nam Pharasach agus Heroid 14 A‑nis bha na deisciobail air dìochuimhneachadh aran a thoirt leotha, agus cha robh aca ach aon lof nan cois san eathar. 15 Agus thug e àithne dhaibh, ag ràdh, “Thoiribh an aire, bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach, agus mu thaois ghoirt Heroid.” 16 Agus thòisich iad air deasbad, ag ràdh, “Tha seo a chionn 's nach eil aran againn.” 17 Agus a' tuigsinn seo, thuirt Ìosa riutha, “Carson a tha sibh a' deasbad nach eil aran agaibh? An e nach eil sibh fhathast a' toirt fa‑near no a' tuigsinn? A bheil ur cridheachan fhathast air an cruadhachadh? 18 A bheil sùilean agaibh is nach fhaic sibh agus a bheil cluasan agaibh is nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a' cuimhneachadh? 19 Nuair a bhris mi na còig lofaichean airson nan còig mìle, cia mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?” Thuirt iad ris, “A dhà dheug.” 20 “Nuair a bhris mi na seachd airson nan ceithir mìle, cia mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?” Agus thuirt iadsan, “Seachd.” 21 Agus thuirt e riutha, “Ciamar nach eil sibh a' tuigsinn?” Leigheas Duine a Bha Dall aig Betsaida 22 Thàinig iad gu Betsaida, agus thug feadhainn thuige duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris. 23 Agus rug e air làimh air an duine dhall agus threòraich e a‑mach às a bhaile e, agus às dèidh dha smugaid a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh'fhaighnich e dha, “A bheil thu a' faicinn sìon?” 24 Agus choimhead e suas, is thuirt e, “Tha mi a' faicinn dhaoine; tha iad a' coimhead coltach ri craobhan a' coiseachd.” 25 An uair sin chuir Ìosa a làmhan air a shùilean a‑rithist; agus choimhead e gu geur air, agus fhuair e a fhradharc air ais, is chunnaic e a h‑uile sìon gu soilleir. 26 Agus chuir e gu a dhachaigh fhèin e, ag ràdh, “Na rach fiù 's dhan bhaile.” Aidmheil Pheadair de Chrìosd 27 Agus chaidh Ìosa agus a dheisciobail a‑mach gu bailtean Chesarèa Philipi. Air an t‑slighe cheasnaich e a dheisciobail: “Cò a tha daoine ag ràdh a th' annam?” 28 Agus thuirt iad ris, “Eòin Baistidh, agus canaidh cuid eile Eliah, agus cuid eile aon dhe na fàidhean.” 29 Agus cheasnaich esan iad: “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?” Fhreagair Peadar e, “Is tusa an Crìosd.” 30 Agus thug e òrdugh dhaibh gun seo innse do neach sam bith ma dheidhinn. Ìosa ag Innse Ro‑Làimh ma Bhàs Fhèin 31 Agus thòisich e a' teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus às dèidh trì latha èirigh a‑rithist. 32 Is thuirt e seo gu soilleir. Agus thug Peadar gu aon taobh e is thòisich e ga chronachadh. 33 Ach a' tionndadh agus a' faicinn a dheisciobal, chronaich e Peadar, ag ràdh, “Thalla gu mo chùlaibh, a Shàtain! Oir chan eil thu a' smaoineachadh mu rudan Dhè, ach mu rudan dhaoine.” Slighe a' Chroinn‑Ceusaidh 34 Agus ghairm e thuige an sluagh 's a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise. 35 Oir ge b' e cò leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa 's airson an t‑soisgeil, sàbhailidh esan i. 36 Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine an saoghal gu lèir a chosnadh agus a bheatha a chall? 37 Oir dè as urrainn do dhuine a thoirt seachad an àite a bheatha? 38 Oir ge b' e a ghabhas nàire mum dheidhinn‑sa agus m' fhaclan sa ghinealach adhaltranach is olc seo, bidh Mac an Duine cuideachd a' gabhail nàire dhethsan nuair a thig e ann an glòir Athar 's nan ainglean naomha.” |