Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Glan agus Neòghlan

1 Chruinnich na Pharasaich agus cuid dhe na sgrìobhaichean a bh' air tighinn o Ierusalem timcheall air.

2 Agus chunnaic iad gun robh cuid dhe na deisciobail aige ag ithe arain le làmhan “neòghlan”, is e sin gun an nighe.

3 (Oir chan ith na Pharasaich 's na h‑Iùdhaich gu lèir biadh mura nigh iad an làmhan gu faiceallach, a' cumail dualchas nan èildearan.

4 Agus nuair a thig iad on mhargaidh, chan ith iad mura nigh iad iad fhèin. Agus tha mòran de rudan eile ann a chumas iad, mar nighe chupannan is phoitean is shoithichean umha is bheingean‑ithe).

5 Dh'fhaighnich na Pharasaich 's na sgrìobhaichean dha, “Carson nach eil do dheisciobail a' coiseachd a rèir dualchas nan èildearan, ach ag ithe arain le làmhan ‘neòghlan’?”

6 Agus thuirt e riutha, “Is math a rinn Isaiah fàidheadaireachd mur deidhinn, a bhreug‑chràbhaichean; mar a tha e sgrìobhte: “‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridheachan fada uam.

7 Is ann gu dìomhain a tha iad a' toirt adhraidh dhòmhsa, a' teagasg mar theagasg àitheantan dhaoine.’

8 “Tha sibh a' trèigsinn àithne Dhè agus a' cumail ri dualchas dhaoine.”

9 Agus thuirt e riutha, “Tha dòigh mhath agaibh air àithne Dhè a chur gu aon taobh airson 's gun cùm sibh ri ur dualchas fhèin.

10 Oir thuirt Maois, ‘Thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair,’ agus, ‘Ge b' e neach a mhallaicheas athair no màthair, thèid a chur gu cinnteach gu bàs.’

11 Ach tha sibhse ag ràdh, ma chanas duine ri athair no ri mhàthair: ‘Tha ge b' e dè a bhiodh sibh air fhaighinn uamsa na Chorban’ (is e sin, tiodhlac do Dhia),

12 mar sin cha cheadaich sibh dha tuilleadh rud sam bith a dhèanamh dha athair no dha mhàthair,

13 a' cur Facal Dhè an neo‑bhrìgh tro ur dualchas a tha sibhse a' toirt seachad. Agus tha sibh a' dèanamh mòran rudan dhen t‑seòrsa sin.”

14 Ghairm e an sluagh gu lèir thuige a‑rithist is thuirt e riutha, “Èistibh riumsa, sibhse uile, agus tuigibh:

15 chan eil rud sam bith air taobh a‑muigh an duine, tro a bhith a' dol a‑steach ann, a tha an comas air a dhèanamh neòghlan, ach na rudan a tha a' tighinn a‑mach às an duine, is iad sin a tha ga dhèanamh neòghlan.

16 An neach aig a bheil cluasan, èisteadh e.”

17 Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh air falbh on t‑sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha mun abairt aige.

18 Agus thuirt e riutha, “Mar sin, a bheil sibhse fhathast gun tuigse?” Nach eil sibh a' faicinn nach urrainn do rud sam bith a thèid a‑steach do neach on taobh a‑muigh a dhèanamh neòghlan,

19 air sgàth 's gu bheil e a' dol a‑steach, chan ann dhan chridhe ach dhan stamaig aige, agus air a chur a‑mach dhan t‑sitig (mar sin chuir e an cèill gun robh a h‑uile biadh “glan”).

20 Agus thuirt e, “Is e an nì a thig a‑mach às an duine a dh'fhàgas e ‘neòghlan.’

21 Oir on taobh a‑staigh, a‑mach à cridheachan dhaoine, thig smuaintean olca, strìopachas, goid, murt,

22 adhaltranas, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, feòlmhorachd, farmad, cùl‑chàineadh, pròis, amaideachd.

23 Tha a h‑uile h‑olc seo a' tighinn a‑mach on taobh a‑staigh, agus a' dèanamh an duine ‘neòghlan.’”


Creideamh a' Bhoireannaich Shirophenìsich

24 Agus o sin dh'èirich e is chaidh e air falbh gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. Agus chaidh e a‑steach do thaigh agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith air, ach a dh'aindeoin sin cha b' urrainn dha a bhith air fhalach.

25 Ach sa bhad chuala boireannach aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan ma dheidhinn agus thàinig i is thuit i aig a chasan.

26 A‑nis b' e bana‑Ghreugach a bh' anns a' bhoireannach, Sirophenìseach a‑thaobh a breith. Agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach às a nighinn.

27 Agus thuirt e rithe, “Leig leis a' chloinn a bhith air am biathadh an toiseach, oir chan eil e ceart aran na cloinne a ghabhail 's a thilgeil chun nan con.”

28 Ach fhreagair i e, “Seadh, a Thighearna, ach ithidh fiù 's na coin fon bhòrd sprùilleach na cloinne.”

29 Agus thuirt e rithe, “Airson na freagairt seo, faodaidh tu falbh; tha an deamhan air a dhol a‑mach às do nighinn.”

30 Agus chaidh i dhachaigh is fhuair i an leanabh na laighe air an leabaidh agus an deamhan air tighinn a‑mach.


Leigheas an Fhir a Bha Bodhar agus Balbh

31 A‑rithist chaidh Ìosa a‑mach à ceàrnaidh Thìruis agus chaidh e tro Shìdon gu Muir Ghalile, ann an ceàrnaidh Dhecapolis.

32 Agus thug iad thuige duine a bha bodhar agus aig an robh stad na bhruidhinn, agus ghuidh iad air gun cuireadh e a làmh air.

33 Ga thoirt gu aon taobh leis fhèin on t‑sluagh, chuir e a chorragan na chluasan, agus às dèidh smugaid a thilgeil, bhean e ri a theangaidh.

34 Agus a' coimhead suas gu nèamh rinn e osna agus thuirt e ris, “Ephphata!” (a tha a' ciallachadh, “Bi air d' fhosgladh!”).

35 Agus chaidh a chluasan fhosgladh is chaidh ceangal a theangaidh fhuasgladh, agus bhruidhinn e gu soilleir.

36 Agus dh'àithn Ìosa dhaibh gun innse do neach sam bith. Ach mar bu mhotha a dh'àithn esan dhaibh, 's ann a bu mhotha gu h‑eudmhor a rinn iadsan aithris air.

37 Agus bha iad fo iongnadh thar tomhais, ag ràdh, “Rinn e a h‑uile rud gu math. Tha e fiù 's a' toirt air na bodhair cluinntinn agus air na balbhain bruidhinn.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan