Marcus 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Leigheas Duine anns an Robh Deamhan 1 Thàinig iad gu taobh eile na mara, gu dùthaich nan Gerasèanach. 2 Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan, 3 aig an robh a dhachaigh anns na tuaman, agus cha b' urrainn neach sam bith a cheangal tuilleadh, fiù 's le sèinichean. 4 Oir chaidh a cheangal gu tric le slabhraidhean agus le sèinichean, ach tharraing e na sèinichean‑coise às a chèile, agus bhris e na slabhraidhean nam pìosan beaga. Cha robh an neart aig neach sam bith airson a cheannsachadh. 5 A latha 's a dh'oidhche, am measg nan tuam 's air na beanntan, bha e an‑còmhnaidh ag èigheach 's ga ghearradh fhèin le clachan. 6 Nuair a chunnaic e Ìosa o fhad' às, ruith e agus thilg e e fhèin sìos ma choinneamh. 7 Agus dh'èigh e le guth àrd, is thuirt e, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort, tro Dhia, gun mo chur fo àmhghar.” 8 Oir bha e ag ràdh ris, “Thig a‑mach às an duine, a spioraid neòghlain!” 9 Agus bha Ìosa a' faighneachd dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?” Fhreagair esan, “Is e Lègion an t‑ainm a th' orm, oir tha mòran againn ann.” 10 Agus ghuidh e air gu dùrachdach gun an cur a‑mach às an dùthaich. 11 A‑nis bha treud mòr mhuc an sin ag ionaltradh faisg air làimh air cliathaich na beinne. 12 Ghuidh na deamhain air Ìosa, “Cuir sinne dha na mucan; leig leinn a dhol a‑steach annta.” 13 Mar sin thug e cead dhaibh, agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach, agus chaidh iad a‑steach dha na mucan; agus ruith an treud, timcheall air dà mhìle dhiubh, sìos gu luath air leathad cas dhan mhuir; agus chaidh am bàthadh sa mhuir. 14 Agus theich iadsan a bha gam biathadh agus dh'aithris iad e sa bhaile agus san dùthaich. Agus thàinig daoine airson faicinn dè an rud a bh' air tachairt. 15 Thàinig iad gu Ìosa agus chunnaic iad an duine anns an robh na deamhain, am fear aig an robh an Lègion, na shuidhe an sin, air èideadh agus ceart sa cheann; agus bha an t‑eagal orra. 16 Agus iadsan a chunnaic e, dh'aithris iad dhaibh mar a thachair dhan duine san robh na deamhain, agus mu na mucan. 17 Agus thòisich iad a' guidhe air Ìosa a dhol a‑mach às a' cheàrnaidh aca. 18 Fhad 's a bha e a' dol a‑steach dhan eathar, ghuidh an duine anns an robh na deamhain air Ìosa am faodadh e a bhith còmhla ris. 19 Ach cha do leig e leis, is thuirt e ris, “Thalla dhachaigh gu do chuideachd, agus innis dhaibh na rinn an Tighearna dhut, agus mar a rinn e tròcair ort.” 20 Agus dh'fhalbh esan, agus thòisich e air aithris san Decapolis na rinn Ìosa dha. Agus ghabh iad uile iongnadh. Nighean Mharbh is Boireannach Tinn 21 Nuair a bha Ìosa air a dhol thairis a‑rithist san eathar chun an taoibh eile, chruinnich sluagh mòr timcheall air, agus bha e ri taobh na mara. 22 An uair sin thàinig aon de riaghladairean an t‑sionagoig, dham b' ainm Iàirus, agus nuair a chunnaic e esan, thuit e aig a chasan. 23 Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, “Tha mo nighean bheag ri uchd bàis. Thig, tha mi a' guidhe ort, agus cuir do làmhan oirre airson 's gun tèid a slànachadh, agus gum bi i beò.” 24 Agus chaidh Ìosa còmhla ris. Lean sluagh mòr e agus bhrùth iad a‑steach air. 25 Agus bha boireannach ann air an robh sruth fala dà bhliadhna dheug. 26 Bha i air mòran fhulang fo iomadh lighiche, agus bha i air na bh' aice a chosg, agus cha robh i dad na b' fheàrr, ach dh'fhàs i na bu mhiosa. 27 Bha i air cluinntinn mu Ìosa agus thàinig i suas air a chùlaibh am measg an t‑sluaigh, agus bhean i ris an aodach aige. 28 Oir smaoinich i, “Ma bheanas mi fiù 's ris an aodach aige thèid mo shlànachadh”. 29 Agus sa bhad chaidh a sruth fala a thiormachadh, agus dh'aithnich i na corp fhèin gun deach a leigheas on tinneas aice. 30 Sa bhad dh'aithnich Ìosa ann fhèin gun robh cumhachd air a dhol a‑mach às, agus thionndaidh e mun cuairt am measg an t‑sluaigh, agus thuirt e, “Cò a bhean rim aodach?” 31 Agus thuirt a dheisciobail ris, “Tha thu a' faicinn an t‑sluaigh a' bruthadh a‑steach ort, agus tha thu ag ràdh, ‘Cò a bhean rium?’” 32 Ach choimhead e mun cuairt airson a faicinn‑se a rinn seo. 33 An uair sin, agus fios aice dè a thachair dhi, thàinig am boireannach, fo eagal 's air chrith, is thuit i sìos ma choinneamh agus dh'innis i an fhìrinn air fad dha. 34 Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.” 35 Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig feadhainn o thaigh riaghladair an t‑sionagoig a thuirt, “Tha do nighean air bàsachadh; carson a chuireadh tu dragh air an Fhear‑Teagaisg tuilleadh?” 36 Ach a' cluinntinn na thubhairt iad, thuirt Ìosa ri riaghladair an t‑sionagoig, “Na bi fo eagal; dìreach creid.” 37 Agus cha do leig e le neach sam bith a leantainn ach Peadar, Seumas is Eòin bràthair Sheumais. 38 Thàinig iad gu taigh riaghladair an t‑sionagoig, agus chunnaic Ìosa an ùpraid, feadhainn a' caoineadh 's a' burralaich. 39 Agus nuair a chaidh e a‑steach, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh a' dèanamh ùpraid 's a' caoineadh? Cha do bhàsaich an leanabh, ach tha i na cadal.” 40 Agus rinn iadsan gàire magaidh air. Ach às dèidh dha iadsan uile a chur a‑mach, thug e leis athair is màthair an leanaibh 's iadsan a bha còmhla ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an leanabh. 41 A' gabhail grèim air an leanabh air làimh, thuirt e rithe, “Talitha cùm,” a tha a' ciallachadh, “A chaileag, tha mise ag ràdh riut, èirich.” 42 Sa bhad dh'èirich a' chaileag agus choisich i (bha i dà bhliadhna dheug a dh'aois). Agus sa bhad ghabh iad uile iongnadh anabarrach mòr. 43 Agus thug e òrdugh teann dhaibh nach bu chòir fios a bhith aig neach sam bith air a seo, agus thuirt e riutha rudeigin a thoirt dhi ri ithe. |