Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa a' Leigheas Fear leis a' Phairilis

1 Nuair a thàinig e a‑rithist gu Capernàum às dèidh beagan làithean, chaidh cluinntinn gun robh e aig an dachaigh.

2 Chaidh mòran a chruinneachadh còmhla, air chor is nach robh an còrr àite ann, fiù 's aig an doras, agus bha e ag aithris an fhacail dhaibh.

3 Agus thàinig iad, a' toirt thuige fear air an robh a' phairilis, air a ghiùlain le ceathrar.

4 Nuair nach b' urrainn dhaibh faighinn faisg air Ìosa air sgàth an t‑sluaigh, thug iad air falbh mullach an taighe os a chionn, agus às dèidh dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh am fear leis a' phairilis na laighe.

5 Nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “A leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”

6 A‑nis bha cuid dhe na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, a' reusanachadh nan cridheachan,

7 “Carson a tha am fear seo a' bruidhinn mar sin? 'S e toibheum a tha an seo. Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach an t‑Aon – Dia?”

8 Agus cho luath 's a bha fios aig Ìosa na spiorad gun robh iadsan a' reusanachadh mar sin annta fhèin, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh a' reusanachadh nan rudan sin nur cridheachan?

9 Dè as fhasa, a ràdh ris an fhear air a bheil a' phairilis, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh dhut,’ no a ràdh, ‘Èirich, tog suas do leabaidh agus coisich’?

10 Ach airson 's gum faod fios a bhith agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine air thalamh airson peacaidhean a mhathadh”, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis,

11 “Tha mi ag ràdh riut, èirich, tog suas do leabaidh, agus thalla dhad thaigh.”

12 Dh'èirich e agus sa bhad thog e suas a leabaidh agus chaidh e a‑mach mun coinneamh gu lèir. Bha iongnadh mòr orra uile agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Chan fhaca sinne riamh rud sam bith mar seo!”


Ìosa a' Gairm Lèbhi

13 Chaidh e a‑mach a‑rithist ri taobh na mara. Bha an sluagh gu lèir a' tighinn thuige, agus bha e gan teagasg.

14 Agus a' gabhail seachad, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig bùth na cìse agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.

15 Agus fhad 's a bha e na shuidhe aig bòrd aig a thaigh‑san, bha mòran chìs‑mhaor is pheacach nan suidhe còmhla ri Ìosa agus a dheisciobail, oir bha mòran ann a lean e.

16 Nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe còmhla ri peacaich agus ri cìs‑mhaoir, thuirt iad ri dheisciobail, “Carson a tha e ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”

17 Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e riutha, “Chan iadsan a tha slàn aig a bheil feum air lighiche, ach iadsan a tha tinn. Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach.”


Ìosa air a Cheasnachadh mu Thrasgadh

18 Bha deisciobail Eòin is nam Pharasach a' trasgadh. Thàinig daoine agus thuirt iad ris, “Carson a tha deisciobail Eòin is nam Pharasach a' trasgadh, 's nach eil do dheisciobail‑sa a' trasgadh?”

19 Fhreagair Ìosa, “An urrainn do fhleasgaich na bainnse trasgadh fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? Cho fada 's a tha fear na bainnse aca còmhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh.

20 Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh san latha sin.

21 “Chan eil neach sam bith a' fuaigheal pìos aodaich neosheargte air seann bhad aodaich. Ma dh'fhuaighleas, tha an tuthag a' draghadh air falbh uaithe – am pìos ùr on t‑seann phìos – agus tha an sracadh air a dhèanamh nas miosa.

22 Agus chan eil duine sam bith a' cur fìon ùr ann an seann searragan. Ma chuireas, sracaidh am fìon ùr na searragan, agus tha am fìon agus na searragan air an sgrios, ach tha fìon ùr ga chur ann an searragan ùra.”


Tighearna na Sàbaid

23 Aon Shàbaid bha e a' dol tro na h‑achaidhean arbhair agus, fhad 's a bha iad a' coiseachd, thòisich a dheisciobail air na diasan arbhair a spìonadh.

24 Agus thuirt na Pharasaich ris, “Seall, carson a tha iad a' dèanamh an rud nach eil ceadaichte air Latha na Sàbaid?”

25 Thuirt e riutha, “Nach do leugh sibhse riamh mar a rinn Daibhidh nuair a bha e ann an dìth, agus acras air fhèin agus orrasan a bha còmhla ris?

26 Mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiàtair an t‑àrd‑shagart, agus a dh'ith e an t‑aran coisrigte, nach eil laghail do neach sam bith ithe ach dha na sagartan, agus a thug e cuideachd dhan fheadhainn a bha còmhla ris?”

27 An uair sin thuirt e riutha, “Chaidh an t‑Sàbaid a dhèanamh airson an duine, 's chan e an duine airson na Sàbaid.

28 Mar sin, is e Mac an Duine fiù 's Tighearna na Sàbaid.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan