Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


An Aiseirigh aig Ìosa

1 Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri Magdalen is màthair Sheumais is Salòme spìosraidhean, airson 's gum faodadh iad a dhol ga ungadh.

2 Fìor thràth sa mhadainn air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nuair a bha a' ghrian air èirigh, chaidh iad chun an tuaim.

3 Agus bha iad ag ràdh ri càch‑a‑chèile, “Cò a roiligeas a' chlach dhuinn o bheul an tuaim?”

4 A' coimhead suas, chunnaic iad gun robh a' chlach – a bha fìor mhòr – air a rolaigeadh air falbh.

5 A' dol a‑steach dhan tuam, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, air èideadh ann an culaidh fhada gheal, agus bha eagal mòr orra.

6 Ach thuirt e riutha, “Na biodh eagal oirbh. Tha sibh a' sireadh Ìosa o Nàsaret, a chaidh a cheusadh. Dh'èirich e; chan eil e an seo. Seallaibh an t‑àite far an do chuir iad na shìneadh e.

7 Ach thallaibh, innsibh dha dheisciobail agus do Pheadar gu bheil e a' dol romhaibh a Ghalile. An sin chì sibh e, mar a thuirt e ribh.”

8 Agus chaidh iad a‑mach is theich iad on tuam, oir bha ball‑chrith agus iongnadh air an greimeachadh, agus cha tuirt iad sìon ri neach sam bith, oir bha eagal orra. [Chan eil Marcas 16:9‑20 sna làmh‑sgrìobhainnean as tràithe no ann an tòrr dhe na fianaisean as sine.]

9 A‑nis nuair a dh'èirich e tràth air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nochd e an toiseach ri Màiri Magdalen, às an do thilg e seachd deamhain.

10 Chaidh ise agus dh'innis i sin dhaibhsan a bh' air a bhith còmhla ris, a bha ri bròn is caoineadh.

11 Ach nuair a chuala iadsan gun robh e beò agus gun robh ise air fhaicinn, cha do chreid iad.

12 Às dèidh sin nochd e ri dithis dhiubh ann an cruth eile, fhad 's a bha iad a' coiseachd dhan dùthaich.

13 Chaidh iad air ais agus dh'innis iad do chàch, ach cha do chreid iad iadsan na bu mhotha.

14 Às dèidh sin nochd e ris an aon fhear dheug fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd, agus chronaich e iad airson an eas‑creideimh agus an cruas cridhe, a chionn 's nach do chreid iad iadsan a chunnaic e às dèidh dha èirigh.

15 Agus thuirt e riutha, “Thallaibh air feadh an t‑saoghail gu lèir agus searmonaichibh an soisgeul dhan chruthachadh gu lèir.

16 Ge b' e cò a chreideas agus a th' air a bhaisteadh, thèid a shàbhaladh, ach ge b' e cò nach creid, thèid a dhìteadh.

17 Leanaidh na comharraidhean seo an fheadhainn a chreideas: nam ainm‑sa tilgidh iad a‑mach deamhain; bruidhinnidh iad le teangannan ùra;

18 togaidh iad nathraichean len làmhan; agus ma dh'òlas iad puinnsean marbhteach sam bith, cha dèan e cron orra; cuiridh iad an làmhan air daoine tinn, agus bidh iad gu math.”

19 Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè.

20 Agus chaidh iadsan a‑mach is shearmonaich iad anns gach àite, agus bha an Tighearna a' co‑obrachadh leotha agus a' dearbhadh an fhacail le na comharraidhean a thàinig leis.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan