Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 15 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa mu choinneamh Phìlait

1 Cho luath 's a thàinig a' mhadainn chùm na h‑àrd‑shagartan, còmhla ri na h‑èildearan, na sgrìobhaichean agus a' Chomhairle gu lèir, co‑chomhairle. Cheangail iad Ìosa agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat e.

2 Agus dh'fhaighnich Pìlat dha, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” Agus fhreagair esan e, “Tha thu ga ràdh.”

3 Agus chuir na h‑àrd‑shagartan mòran chasaidean air.

4 Agus cheasnaich Pìlat a‑rithist e: “Nach eil freagairt agad? Seall na tha iad a' cur de chasaidean ort.”

5 Ach cha do fhreagair Ìosa sìon tuilleadh, air chor is gun robh Pìlat fo iongnadh.

6 Aig gach fèill bhiodh e a' leigeil ma sgaoil dhaibh aon phrìosanach a dh'iarradh iad.

7 A‑nis bha fear dham b' ainm Barabas sa phrìosan còmhla ri na reubaltaich a bh' air murt a dhèanamh san ar‑a‑mach.

8 Agus thàinig an sluagh suas agus thòisich iad air iarraidh air Pìlat gun dèanadh e dhaibh mar a b' àbhaist dha.

9 Fhreagair Pìlat iad ag ràdh, “Am bu toigh leibh gun leiginn mu sgaoil dhuibh Rìgh nan Iùdhach?”

10 Oir thuig e gum b' ann air sgàth an fharmaid a bha na h‑àrd‑shagartan air a thoirt thairis.

11 Ach bhrosnaich na h‑àrd‑shagartan an sluagh airson 's, an àite sin, gun leigeadh e mu sgaoil Barabas.

12 Agus a‑rithist thuirt Pìlat riutha, “Dè ma‑thà a bu toigh leibh a dhèanainn leis an duine ris an can sibh Rìgh nan Iùdhach?”

13 Ach dh'èigh iad air ais, “Ceus e!”

14 Agus thuirt Pìlat riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e?” Ach 's ann bu mhotha a dh'èigh iadsan, “Ceus e!”

15 Mar sin, ag iarraidh an t-sluaigh a shàsachadh, leig e mu sgaoil Barabas dhaibh, agus às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a sgiùrsadh, thug e thairis e airson 's gum biodh e air a cheusadh.


Na Saighdearan a' Magadh air Ìosa

16 Agus thug na saighdearan air falbh e a‑steach dhan lùchairt (is e sin am Praetorium), agus ghairm iad còmhla am buidheann shaighdearan gu lèir.

17 Agus chuir iad aodach purpaidh air, agus às dèidh dhaibh droighinn fhighe nan crùn, chuir iad air e.

18 Agus thòisich iad air fhàilteachadh, ag ràdh, “Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!”

19 Agus bhuail iad a cheann le cuilc agus thilg iad smugaidean air, agus a' lùbadh an glùinean thug iad ùmhlachd dha.

20 Agus às dèidh dhaibh magadh air, thug iad dheth an t‑aodach purpaidh is chuir iad a chuid aodaich fhèin air. Agus thug iad a‑mach e airson a cheusadh.


Ìosa air a Cheusadh

21 Cho‑èignich iad duine a bha a' dol seachad, Sìmon o Chirène, athair Alecsandair is Rùfais, a bha a' tighinn a‑steach bhon dùthaich, airson crann‑ceusaidh Ìosa a ghiùlain.

22 Agus thug iad e chun an àite dham b' ainm Golgota, a tha a' ciallachadh Àite Claiginn.

23 Agus thabhainn iad fìon air a mheasgachadh le mirr dha, ach cha do ghabh esan e.

24 Agus cheus iad e agus roinn iad a chuid aodaich, a' tilgeil chrann airson roghnachadh dè a bheireadh iad leotha.

25 Bha e naoi uairean sa mhadainn nuair a cheus iad e.

26 Bha sgrìobhadh a' chùis‑dìtidh na aghaidh ag ràdh: RÌGH NAN IÙDHACH.

27 Agus còmhla ris cheus iad dithis mhèirleach, aon air an làimh dheis agus aon air a làimh chlì.

28 Agus chaidh an sgriobtar a choileanadh a thuirt, “Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.”

29 Agus rinn iadsan a bha a' dol seachad magadh air, a' crathadh an cinn agus ag ràdh, “Ha! Thusa a leagadh an teampall agus a thogadh e ann an trì latha,

30 sàbhail thu fhèin, is thig a‑nuas on chrann‑cheusaidh!”

31 San aon dòigh rinn na h‑àrd‑shagartan le na sgrìobhaichean magadh air nam measg fhèin, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shàbhaladh.

32 Thigeadh Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nis a‑nuas on chrann‑cheusaidh airson 's gum faic is gun creid sinn.” Thug iadsan cuideachd a chaidh a cheusadh còmhla ris droch bheul dha.


Bàs Ìosa

33 Nuair a thàinig meadhan‑latha, thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir gu trì uairean feasgar.

34 Agus aig trì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eloi, Eloi, lema sabachtani?” a tha a' ciallachadh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”

35 Nuair a chuala cuid dhiubhsan a bha nan seasamh mun cuairt e, thuirt iad, “Èistibh, tha e ag èigheach air Eliah.”

36 Ruith fear dhiubh agus lìon e spong le fìon‑geur, agus chuir e air slat cuilce e; thug e dha e ri òl, ag ràdh, “Leigibh leis, faiceamaid an tig Eliah ga thoirt a‑nuas.”

37 Agus leig Ìosa èigh àrd às, is thug e suas an deò.

38 Agus chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na dhà phìos o mhullach gu bonn.

39 Agus nuair a chunnaic an ceannard‑ceud, a bha na sheasamh ma choinneamh, gun tug e suas an deò san dòigh seo, thuirt e, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”

40 Bha boireannaich cuideachd a' coimhead o phìos às; nam measg sin bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme.

41 Nuair a bha e ann an Galile, lean iadsan e agus rinn iad frithealadh dha, agus bha mòran bhoireannach eile ann a thàinig suas còmhla ris gu Ierusalem.


Adhlacadh Ìosa

42 Agus nuair a bha am feasgar air tighinn, on a b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, 's e sin an latha ron t‑Sàbaid,

43 thàinig Iòsaph o Arimatèa, ball urramach dhen Chomhairle, a bha e fhèin cuideachd a' feitheamh airson rìoghachd Dhè, agus a' gabhail misneachd chaidh e a‑steach gu Pìlat, is dh'iarr e corp Ìosa.

44 Agus bha iongnadh air Pìlat gum biodh e marbh mu thràth. Agus a' gairm air a' cheannard‑ceud, dh'fhaighnich e dha an robh e marbh mu thràth.

45 Nuair a fhuair e a‑mach on cheannard‑ceud gu robh, thug e an corp do dh'Iòsaph.

46 Cheannaich Iòsaph anart, agus thug e a‑nuas e, agus shuain e ann an anart e, agus chuir e ann an tuam e a bh' air a ghearradh à creig. Agus roilig e clach an aghaidh beul an tuama.

47 Agus chunnaic Màiri Magdalen agus Màiri màthair Iòseis far an deach a chur na shìneadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan