Marcus 14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ìosa air Ungadh aig Betani 1 A‑nis bha a' Chàisg agus Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte dà latha air falbh, agus bha na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean a' sireadh ciamar a chuireadh iad an greim e tro fhoill, agus a chuireadh iad e gu bàs. 2 Oir thuirt iad, “Chan ann air an Fhèill, air eagal 's gun èirich aimhreit am measg an t‑sluaigh.” 3 Agus fhad 's a bha e ann am Betani ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig boireannach le crogan alabastair de dh'acfhainn fìor chosgail, agus bhris i an crogan agus dhòirt i air a cheann i. 4 Ach bha cuid ann a thuirt gu diombach nam measg fhèin, “Carson a tha an acfhainn air a cosg mar seo? 5 Oir dh'fhaodadh an acfhainn seo a bhith air a reic airson barrachd air tuarastal bliadhna agus air a toirt dha na bochdan.” Agus chronaich iad i. 6 Ach thuirt Ìosa, “Leigibh leatha. Carson a tha sibh a' cur dragh oirre? Rinn i gnìomh àlainn dhòmhsa. 7 Oir tha na bochdan an‑còmhnaidh agaibh còmhla ribh, agus uair sam bith a thoilicheas sibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh. Ach cha bhi mise an‑còmhnaidh agaibh. 8 Rinn i na b' urrainn dhi: thàinig i ro‑làimh a dh'ungadh mo chuirp airson adhlacadh. 9 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e càit an tèid an soisgeul a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre.” 10 An uair sin chaidh Iùdas Iscariot, a bh' air àireamh am measg an dà fhear dheug, gu na h‑àrd‑shagartan airson esan a bhrath dhaibh. 11 Agus nuair a chuala iad, bha iad toilichte 's gheall iad airgead a thoirt dha. Agus bha e a' sireadh cothrom iomchaidh airson esan a bhrath. Suipear an Tighearna 12 Air a' chiad latha de dh'Fhèill an Arain Neo‑Ghortaichte, nuair a bhiodh iad ag ìobradh uan na Càisge, thuirt deisciobail Ìosa ris, “Càit am bu toigh leat sinn a dhol a dh'ullachadh airson 's gun itheadh tu a' Chàisg?” 13 Chuir e dithis dhe dheisciobail air falbh, agus thuirt e riutha, “Thallaibh dhan bhaile, agus coinnichidh duine ribh a' giùlain soitheach uisge. Leanaibh e, 14 agus ge b' e àite dhan tèid e a‑steach, canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh: Càit a bheil mo sheòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?’ 15 Agus seallaidh esan dhuibh seòmar mòr, shuas an staidhre, uidheamaichte is deiseil; an sin ullaichibh air ar son.” 16 Chaidh na deisciobail a‑mach agus thàinig iad dhan bhaile, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt e riutha, is dh'ullaich iad a' Chàisg. 17 Nuair a bha am feasgar air tighinn, thàinig esan còmhla ris an dà fhear dheug. 18 Agus fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd agus ag ithe, thuirt Ìosa, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse mise, fear a tha ag ithe còmhla rium.” 19 Thòisich iad air a bhith tùrsach, 's air a ràdh ris, fear mu seach, “Cha mhise e, am mi?” 20 Ach thuirt e riutha, “Is e fear dhen dà fhear dheug a th' ann, a tha a' bogadh arain còmhla riumsa san t‑soitheach. 21 Oir thèid Mac an Duine air falbh dìreach mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn, ach is mairg dhan fhear sin leis an tèid Mac an Duine a bhrath: bhiodh e na b' fheàrr dhan duine sin mura robh e air a bhreith riamh.” 22 Agus fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e agus thug e dhaibh e, agus thuirt e, “Gabhaibh, is e seo mo chorp‑sa.” 23 Agus ghabh e thuige cupa, agus às dèidh dha taing a thoirt, thug e dhaibh e, agus dh'òl iad uile às. 24 Agus thuirt e riutha, “Is e seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a th' air a dòrtadh a‑mach airson mhòrain. 25 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan òl mi tuilleadh de thoradh an fhìonain gus an latha sin nuair a dh'òlas mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.” 26 Nuair a bha iad air laoidh a sheinn chaidh iad a‑mach gu Beinn nan Crann‑Ola. Ìosa a' Fàidheadaireachd mu Àicheadh Pheadair 27 Agus thuirt Ìosa riutha, “Bidh sibh uile air ur sgainnealachadh asam, oir tha e sgrìobhte: “‘Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich.’ 28 “Ach às dèidh m' aiseirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile.” 29 Ach thuirt Peadar ris, “Ged a thèid iadsan uile a sgainnealachadh, cha tèid mise.” 30 Agus thuirt Ìosa ris, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, an‑diugh fhèin air a' cheart oidhche seo, mun gairm an coileach dà thuras, àicheidh tu mi trì tursan.” 31 Ach thuirt e gu làidir, “Ged a dh'fheumainn bàsachadh còmhla riut, chan àichinn thu.” Agus thuirt a h‑uile duine aca an aon rud. Getsemane 32 Chaidh iad gu àite dham b' ainm Getsemane, agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Suidhibh‑se an seo, fhad 's a nì mise ùrnaigh.” 33 Agus thug e leis Peadar, Seumas is Eòin, agus thòisich e air a bhith fo mhòr‑àmhghar 's air a bhuaireadh. 34 Agus thuirt e riutha, “Tha m' anam ro bhrònach, fiù 's gu bàs. Fuirichibh an seo agus dèanaibh faire.” 35 Agus a' dol beagan na b' fhaide air adhart, thuit e air an talamh is rinn e ùrnaigh – nam biodh e comasach, gun deigheadh an uair seo seachad air. 36 Agus thuirt e, “Abba, Athair, tha gach rud an comas dhutsa. Thoir an cupa seo air falbh uam. Ach chan e na 's toigh leamsa, ach na 's toigh leatsa.” 37 An uair sin thàinig e agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thuirt e ri Peadar, “A Shìmoin, a bheil thu nad chadal? Nach b' urrainn dhut faire a dhèanamh airson uair a thìde? 38 Dèanaibh faire is ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.” 39 Agus a‑rithist dh'fhalbh e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh nan aon bhriathran. 40 Agus a‑rithist thàinig e agus fhuair e nan cadal iad, oir bha an sùilean fìor throm, agus cha robh fhios aca ciamar a fhreagradh iad e. 41 Agus thàinig e an treas turas agus thuirt e riutha, “A bheil sibh fhathast a' cadal 's a' gabhail fois? Tha sin gu leòr; thàinig an uair. Seall, tha Mac an Duine air a bhrath do làmhan pheacach. 42 Èiribh! Thallamaid! Seallaibh, tha mo neach‑brathaidh air tighinn faisg!” Ìosa air a Chur an Grèim 43 Agus fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, agus sluagh còmhla ris le claidheamhan is cuaillean, o na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus na h‑èildearan. 44 A‑nis bha an neach‑brathaidh air comharra a thoirt dhaibh, ag ràdh, “Am fear dhan toir mise pòg, 's e sin e; glacaibh e agus thoiribh leibh e, fo gheàrd.” 45 Agus nuair a thàinig e, chaidh e dìreach thuige agus thuirt e, “A Rabaidh!” Agus phòg e e. 46 Agus chuir iad an làmhan air agus ghlac iad e. 47 Ach tharraing aon fhear dhiubhsan a bha an làthair a chlaidheamh agus bhuail e seirbheiseach an àrd‑shagairt agus gheàrr e a chluas dheth. 48 Agus fhreagair Ìosa iad, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean gam ghlacadh‑sa mar gum b' e gadaiche a bh' annam? 49 Bha mi còmhla ribh gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi. Ach biodh na Sgriobtairean air an coileanadh.” 50 Agus dh'fhàg iad uile e agus theich iad. 51 Agus lean òganach àraidh e, gun dad air ach aodach anairt. Agus ghlac iad e, 52 ach dh'fhàg e aca an t‑aodach anairt agus theich e rùisgte. Mu choinneamh na Comhairle 53 Thug iad Ìosa leotha chun an àrd‑shagairt, agus chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na h‑èildearan agus na sgrìobhaichean uile còmhla. 54 Agus lean Peadar e pìos air falbh, eadhon a‑steach do chùirt‑lios an àrd‑shagairt. Agus bha e na shuidhe còmhla ri na seirbheisich, agus ga bhlàthachadh fhèin aig an teine. 55 A‑nis bha na h‑àrd‑shagartan agus a' Chomhairle gu lèir a' sireadh fianais an aghaidh Ìosa airson a chur gu bàs, ach cha d' fhuair iad sìon. 56 Oir bha mòran a' toirt fianais bhrèige na aghaidh, ach cha robh aonta nan cuid fianais. 57 Sheas cuid suas agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh, 58 “Chuala sinne e ag ràdh, ‘Sgriosaidh mi an teampall seo a chaidh a dhèanamh le làmhan, agus ann an trì latha togaidh mi fear eile, nach deach a thogail le làmhan.’” 59 Ach fiù 's mu dheidhinn sin cha robh aonta nan cuid fianais. 60 An uair sin sheas an t‑àrd‑shagart suas nam measg agus cheasnaich e Ìosa: “Nach eil freagairt idir agad? Dè an fhianais a tha iad seo a' togail nad aghaidh?” 61 Ach dh'fhan esan sàmhach; cha tug e freagairt sam bith. A‑rithist cheasnaich an t‑àrd‑shagart e, ag ràdh, “An tusa an Crìosd, Mac an Aoin Bheannaichte?” 62 Agus thuirt Ìosa, “Is mi, agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh a' Chumhachd, agus a' tighinn cuide ri neòil nèimh.” 63 Agus shrac an t‑àrd‑shagart aodach‑uachdair, agus thuirt e, “Dè am feum a th' againn tuilleadh air fianaisean? 64 Chuala sibh an toibheum. Dè ur barail‑se?” Agus dhìt iad uile e mar airidh air bàs. 65 Agus thòisich cuid air smugaidean a thilgeil air, is air aodann a chòmhdachadh, is air a bhualadh, ag ràdh ris, “Dèan fàidheadaireachd!” Agus ghabh na seirbheisich dha le sgailcean. Peadar ag Àicheadh Ìosa 66 Fhad 's a bha Peadar gu h‑ìosal sa chùirt‑lios, thàinig aon de bhana‑sheirbheisich an àrd‑shagairt, 67 agus a' faicinn Pheadair ga gharadh fhèin, sheall i gu geur air agus thuirt i, “Bha thusa cuideachd còmhla ri Ìosa o Nàsaret.” 68 Ach dh'àich esan e, ag ràdh, “Chan eil fios agam agus chan eil mi a' tuigsinn dè a tha thu ag ràdh.” Agus chaidh esan a‑mach dhan phoirdse, agus ghairm coileach. 69 Agus ga fhaicinn, thòisich a' bhana‑sheirbheiseach air a ràdh a‑rithist riuthasan a bha nan seasamh mun cuairt, “'S e fear dhiubh a tha seo.” 70 Ach a‑rithist dh'àich e e. Agus às dèidh greiseig thuirt iadsan a bha nan seasamh mun cuairt a‑rithist ri Peadar, “Gu fìrinneach is e fear dhiubh a th' annad, oir is Galilèach thu.” 71 Ach thòisich esan air mallachadh 's air mionnachadh, “Chan aithne dhomh an duine seo air a bheil sibh a' bruidhinn.” 72 Agus sa bhad ghairm coileach an dara h‑uair. Is chuimhnich Peadar air dè a thuirt Ìosa ris: “Mun gairm coileach dà uair, àicheidh tu mi trì tursan.” Agus bhris e sìos is chaoin e. |