Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Dealachadh‑Pòsaidh

1 Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.

2 Thàinig Pharasaich thuige agus, airson a dhearbhadh, dh'fhaighnich iad, “A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?”

3 Ach fhreagair esan iad, “Dè a dh'àithn Maois dhiubh?”

4 Thuirt iadsan, “Cheadaich Maois dhuinn teisteanas‑dealachaidh a sgrìobhadh, agus a cur air falbh.”

5 Ach thuirt Ìosa riutha, “B' ann air sgàth cruas ur cridhe a sgrìobh e an àithne seo dhuibh.

6 Ach o thoiseach a' chruthachaidh rinn Dia fireann is boireann iad.

7 Air an adhbhar seo fàgaidh duine athair 's a mhàthair, agus bidh e air aonadh ri bhean,

8 agus bidh an dithis nan aon fheòil. Mar sin chan eil iad nan dithis tuilleadh, ach nan aon fheòil.

9 Mar sin, na chuir Dia còmhla, na sgaradh duine.”

10 Agus san taigh dh'fhaighnich na deisciobail dha mu dheidhinn seo a‑rithist.

11 Agus thuirt e riutha, “Ge b' e cò a chuireas air falbh a bhean agus a phòsas tèile, tha e a' dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh,

12 agus ma chuireas ise air falbh a fear is gum pòs i fear eile, tha ise a' dèanamh adhaltranais.”


Clann Bheaga agus Ìosa

13 Agus bha iad a' toirt leanabanan thuige airson 's gum beanadh e riutha, agus chronaich na deisciobail iad.

14 Ach nuair a chunnaic Ìosa seo bha e diombach agus thuirt e riutha, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa; na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.

15 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh, gu cinnteach cha tèid e a‑steach innte.”

16 Agus ghabh e na ghàirdeanan iad agus bheannaich e iad, a' cur a làmhan orra.


An Duine Beairteach

17 Fhad 's a bha e a' tòisicheadh air a shlighe, ruith duine suas thuige agus chaidh e sìos air a ghlùinean ma choinneamh, agus dh'fhaighnich e dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”

18 Agus thuirt Ìosa ris, “Carson a tha thu a' gabhail math ormsa? Chan eil neach sam bith math ach Dia a‑mhàin.

19 Is aithne dhut na h‑àitheantan: ‘Na dèan murt, na dèan adhaltranas, na goid, na toir fianais‑bhrèige, na dèan foill, thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair.’”

20 Agus thuirt e ris, “Fhir‑Teagaisg, tha mi air iad sin uile a chumail om òige.”

21 Agus a' coimhead air, ghràdhaich e e, agus thuirt e, “Tha aon rud a dhìth ort: thalla, reic na th' agad agus thoir dha na bochdan, agus bidh ionmhas agad air nèamh, agus trobhad 's lean mise.”

22 Ach, dubhach air sgàth an fhacail sin, dh'fhalbh e gu brònach, oir bha mòran saidhbhreis aige.

23 Sheall Ìosa mun cuairt, agus thuirt e ri a dheisciobail, “Nach doirbh a bhios e dhaibhsan aig a bheil beairteas a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè!”

24 Bha na deisciobail fo iongnadh air sgàth a bhriathran. Ach fhreagair Ìosa iad a‑rithist, “A chlann, nach doirbh e a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè!

25 Tha e nas fhasa do chàmhal a dhol tro chrò snàthaid na do dhuine beairteach a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.”

26 Ach bha iad fo fhìor iongnadh agus thuirt iad ri chèile, “Cò mar sin as urrainn a bhith air a shàbhaladh?”

27 Sheall Ìosa orra agus thuirt e, “Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia; oir do Dhia tha a h‑uile sìon comasach.”

28 Thòisich Peadar air cantainn ris, “Seall, dh'fhàg sinne a h‑uile rud agus lean sinn thusa!”

29 Thuirt Ìosa, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh'fhàg taigh no bràithrean no peathraichean no màthair no athair no clann no achaidhean, air mo shon‑sa agus airson an t‑soisgeil,

30 nach fhaigh a cheud uiread san àm seo fhèin (taighean is bràithrean is peathraichean is màthraichean is clann is achaidhean – cuide ri geur‑leanmhainnean) agus, san linn ri thighinn, a' bheatha shìorraidh.

31 Ach bidh mòran a th' air thoiseach air dheireadh, agus air dheireadh a bhios air thoiseach.”


Ìosa A‑Rithist a' Dèanamh Ro‑Innse ma Bhàs Fhèin

32 Bha iad air an rathad a' dol suas gu Ierusalem, agus bha Ìosa a' coiseachd air thoiseach orra; agus ghlac iongnadh iad, agus bha iadsan a bha a' leantainn fo eagal. Agus a‑rithist a' toirt an dà fhear dheug air leth, thòisich e air na rudan a bha a' dol a thachairt innse dhaibh,

33 ag ràdh, “Seall, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad gu bàs e agus bheir iad thairis dha na Cinnich e.

34 Nì iadsan magadh air is tilgidh iad smugaid air, agus sgiùrsaidh iad e is cuiridh iad gu bàs e. Agus às dèidh trì latha èiridh e.”


Iarrtas Sheumais is Eòin

35 Thàinig Seumas agus Eòin, mic Shebede, suas thuige, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha sinn ag iarraidh gun dèan thu dhuinne ge b' e dè a dh'iarras sinn.”

36 Agus thuirt esan riutha, “Dè a tha sibh ag iarraidh a nì mi dhuibh?”

37 Fhreagair iadsan, “Ceadaich dhuinne suidhe air do làimh dheis agus air do làimh chlì, nad ghlòir.”

38 Thuirt Ìosa riutha, “Chan eil fios agaibh dè a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air an cupa òl a dh'òlas mise, no a bhith air ur baisteadh leis a' bhaisteadh leis an tèid mise a bhaisteadh?”

39 Thuirt iadsan ris, “Tha sinn an comas.” Ach thuirt Ìosa riutha, “An cupa a dh'òlas mise, òlaidh sibhse, agus leis a' bhaisteadh leis an tèid mise a bhaisteadh thèid sibhse a bhaisteadh,

40 ach suidhe air mo làimh dheis no air mo làimh chlì, cha leamsa sin ri bhuileachadh, ach is ann dhaibhsan dhan deach ullachadh a tha e.”

41 Nuair a chuala an deichnear seo, thòisich iad air diomb a ghabhail ri Seumas is Eòin.

42 Ghairm Ìosa thuige fhèin iad, agus thuirt e riutha, “Is aithne dhuibh gu bheil àrd‑thighearnas acasan a th' air am faicinn mar riaghladairean thar nan Cinneach thairis orra, agus gu bheil na daoine mòra aca a' cur ùghdarras an gnìomh thairis orra.

43 Ach cha bhi e mar sin nur measg‑se. Ge b' e cò lem bu toigh l' a bhith mòr nur measg‑se, bidh e na sheirbheiseach agaibh,

44 agus ge b' e cò agaibh lem bu toigh l' a bhith air thoiseach, bidh e na sheirbheiseach dha na h‑uile.

45 Oir cha tàinig fiù 's Mac an Duine airson 's gun deigheadh frithealadh a dhèanamh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus airson a bheatha fhèin a thoirt mar èirig airson mhòrain.”


Bartimèus Dall a' Faighinn a Fhradhairc

46 An uair sin thàinig iad gu Iericho. Agus fhad 's a bha Ìosa 's a dheisciobail is sluagh mòr a' fàgail Iericho, bha Bartimèus (is e sin mac Thimèuis), dèirceach dall, na shuidhe ri taobh an rathaid.

47 Nuair a chuala e gum b' e Ìosa o Nàsaret a bh' ann, thòisich e air èigheach agus air a ràdh, “Ìosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”

48 Agus chronaich mòran e, ag ràdh ris a bhith sàmhach, ach b' ann na bu mhotha buileach a dh'èigh esan, “A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”

49 Stad Ìosa agus thuirt e, “Èighibh air!” Agus dh'èigh iad air an duine dhall, ag ràdh ris, “Biodh misneachd agad! Èirich! Tha e ag èigheach ort!”

50 A' tilgeil dheth an aodaich uachdair aige, leum e suas, is thàinig e gu Ìosa.

51 Agus thuirt Ìosa ris, “Dè a bu toigh leat mise a dhèanamh dhut?” Agus thuirt an duine dall ris, “A Rabònaidh, mo fhradharc fhaighinn air ais.”

52 Thuirt Ìosa ris, “Thalla, shlànaich do chreideamh thu.” Sa bhad fhuair e a fhradharc air ais, agus lean e air an t‑slighe e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan