Marcus 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Eòin Baistidh ag Ullachadh na Slighe 1 Toiseach soisgeul Ìosa Crìosd, Mac Dhè. 2 Dìreach mar a tha e sgrìobhte ann an Isaiah am fàidh: “Seall, tha mi a' cur mo theachdaire air thoiseach ort, a dh'ullaicheas do shlighe; 3 guth aoin ag èigheach anns an fhàsach, ‘Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach.’” 4 Nochd Eòin, a' baisteadh anns an fhàsach agus a' searmonachadh baisteadh an aithreachais airson mathanas pheacaidhean. 5 Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean. 6 A‑nis bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, le crios leathair ma mheadhan, agus ag ithe lòcaist le mil fhiadhaich. 7 Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh. 8 Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.” Baisteadh agus Buaireadh Ìosa 9 Anns na làithean sin thàinig Ìosa o Nàsaret Ghalile agus chaidh a bhaisteadh le Eòin anns an Iòrdan. 10 Nuair a bha e a' tighinn a‑nìos às an uisge, chunnaic e na nèamhan gan reubadh fosgailte agus an Spiorad a' tighinn a‑nuas air mar chalman. 11 Agus thàinig guth o nèamh ag ràdh, “Is tusa mo Mhac gràdhach, leatsa tha mi fìor thoilichte.” 12 Sa bhad, chuir an Spiorad dhan fhàsach e. 13 Agus bha e anns an fhàsach airson ceathrad latha air a bhuaireadh leis an t‑Sàtan. Agus bha e còmhla ri na beathaichean fiadhaich, agus bha na h‑ainglean a' frithealadh dha. Ìosa a' Cur an Cèill an Deagh Sgeul 14 A‑nis às dèidh do dh'Eòin a bhith air a chur an grèim, thàinig Ìosa a‑steach do Ghalile, a' searmonachadh soisgeul Dhè, 15 agus ag ràdh, “Chaidh an t‑àm a choileanadh, agus tha rìoghachd Dhè faisg. Dèanaibh‑se aithreachas agus creidibh an soisgeul!” Gairm nan Ciad Dheisciobal 16 Agus a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e Sìmon agus Anndra a bhràthair a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta. 17 Thuirt Ìosa riutha, “Thigibh às mo dhèidh‑sa, agus nì mi sibh nur n‑iasgairean air daoine.” 18 Agus sa bhad dh'fhàg iad an lìn agus lean iad esan. 19 Agus a' dol beagan air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair san eathar a' càradh an lìon. 20 Sa bhad ghairm e iad, agus dh'fhàg iad Sebede an athair san eathar còmhla ris na fir a bh' air am fastadh, agus lean iad esan. Ìosa a' Cur Ruaig air Spiorad Olc 21 Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum agus sa bhad air an t‑Sàbaid chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg. 22 Agus bha iad fo iongnadh mu a theagasg‑san, oir theagaisg e mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b' ann mar na sgrìobhaichean. 23 Dìreach an uair sin bha duine anns an robh spiorad neòghlan san t‑sionagog aca, agus dh'èigh e, 24 ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.” 25 Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às!” 26 Dhubh‑chriothnaich an spiorad neòghlan e, agus ag èigheach le guth àrd, thàinig e a‑mach às. 27 Agus bha iad uile fo uimhir de dh'iongnadh is gun do dh'fhaighnich iad do chàch‑a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr le ùghdarras! Tha e fiù 's a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.” 28 Agus chaidh a chliù sa bhad a‑mach air feadh na tìre gu lèir timcheall Ghalile. Ìosa a' Leigheas Mhòran 29 Nuair a thàinig iad on t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin is Anndra, còmhla ri Seumas is Eòin. 30 A‑nis bha màthair‑chèile Shìmoin na laighe tinn le fiabhras, agus sa bhad dh'innis iad do dh'Ìosa ma deidhinn. 31 Agus thàinig esan agus rug e air làimh oirre agus thog e suas i. An uair sin dh'fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh. 32 Air an fheasgar sin aig dol sìos na grèine bha iad gan toirt‑san uile a bha tinn thuige, agus iadsan a bha fo chumhachd dheamhan. 33 Bha am baile gu lèir air a chruinneachadh aig an doras. 34 Agus leighis e mòran a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis, agus thilg e a‑mach mòran dheamhain, agus cha cheadaicheadh e dha na deamhain bruidhinn, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e. Ìosa ag Ùrnaigh ann an Àite Fàsail 35 Agus ag èirigh fìor thràth sa mhadainn, fhad 's a bha e fhathast dorcha, dh'fhalbh e agus chaidh e gu àite fàsail, agus an sin bha e ag ùrnaigh. 36 Shir Sìmon agus an fheadhainn a bha còmhla ris gu dùrachdach e, 37 agus lorg iad e is thuirt iad ris, “Tha a h‑uile duine a' coimhead air do shon!” 38 Agus thuirt esan riutha, “Rachamaid air adhart gu na bailtean a tha faisg air làimh, airson 's gum faod mi searmonachadh an sin cuideachd. Oir is ann airson seo a thàinig mi.” 39 Agus chaidh e tro Ghalile gu lèir a' searmonachadh anns na sionagogan aca agus a' tilgeil a‑mach dheamhain. Duine le Luibhre 40 Thàinig lobhar thuige, a' guidhe air, agus a' lùbadh a ghlùin dha, thuirt e ris, “Mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.” 41 Agus air a lìonadh le truas, shìn e a‑mach a làmh agus bhean e ris, agus thuirt e, “Is miann leam. Bi glan!” 42 Sa bhad dh'fhàg an luibhre e, agus chaidh a dhèanamh glan. 43 An uair sin, a' rabhadh dha gu geur, chuir e air falbh sa bhad e. 44 Agus thuirt e ris, “Feuch nach innis thu rud sam bith do neach sam bith. Ach thalla agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus mar fhianais dhaibh, tairg na dh'àithn Maois airson do ghlanaidh.” 45 Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh. |