Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìosa a' Cur a‑mach an Dà Fhear Dheug

1 Ghairm Ìosa còmhla an dà fhear dheug agus thug e cumhachd is ùghdarras dhaibh thairis air a h‑uile deamhan agus airson tinneasan a leigheas,

2 is chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh euslainteach.

3 Thuirt e riutha, “Na toiribh dad leibh airson na slighe – bata, no baga, no aran, no airgead, agus na biodh dà lèine‑fhada agaibh.

4 Agus ge b' e dè an taigh dhan tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus às a sin falbhaibh.

5 Agus iadsan uile nach gabh ribh, nuair a dh'fhàgas sibh am baile sin, crathaibh an dust o ur casan mar fhianais nan aghaidh.”

6 Agus dh'fhalbh iad is chaidh iad tro na bailtean, a' searmonachadh an deagh sgeòil agus a' leigheas anns gach àite.

7 A‑nis chuala Herod an tetrarc mun a h‑uile rud a bha a' tachairt. Agus bha e fo dhragh mòr, a chionn 's gun deach a ràdh le cuid gun robh Eòin air a bhith air a thogail o na mairbh,

8 agus le cuid gun robh Eliah air nochdadh, agus le cuid eile gun robh aon dhe na fàidhean o shean air èirigh.

9 Ach thuirt Herod, “Thug mise an ceann far Eòin, ach cò am fear seo mu bheil mi a' cluinntinn a leithid seo de rudan?” Agus bha e ag iarraidh esan fhaicinn.


Ìosa a' Biathadh nan Còig Mìle

10 Agus nuair a thill na h‑abstoil, dh'innis iad dha na bha iad air a dhèanamh. Thug e leis iad agus chaidh e air leth dhan bhaile ris an canar Betsaida.

11 Nuair a thuig an sluagh mu dheidhinn, lean iad e. Chuir e fàilte orra agus bhruidhinn e riutha mu rìoghachd Dhè agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.

12 Ach bha an latha a' tighinn gu crìch, is thàinig an dà fhear dheug agus thuirt iad ris, “Cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean mun cuairt, gus am faigh iad aoigheachd agus biadh, oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.”

13 Ach thuirt esan riutha, “Thugaibhse dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.” Thuirt iadsan, “Chan eil barrachd againn air còig lofaichean agus dà iasg – mura tèid sinn is gun ceannaich sinn biadh airson an t‑sluaigh seo gu lèir.”

14 Oir bha iad mu chòig mìle fear ann. An uair sin thuirt e ri a dheisciobail, “Thoiribh orra suidhe sìos ann am buidhnean de chaogadan.”

15 Rinn iad mar sin; thug iad orra uile suidhe sìos.

16 Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e iad, agus thug e iad dha na deisciobail airson an cur mu choinneamh an t‑sluaigh.

17 Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus chaidh na bha a chòrr a chruinneachadh, dà bhasgaid dheug de chriomagan.


Aidmheil Pheadair de Chrìosd

18 Thachair, nuair a bha e ag ùrnaigh air leth 's a dheisciobail còmhla ris, gun do dh'fhaighnich e dhaibh, “Cò a tha an sluagh ag ràdh a th' annam?”

19 Fhreagair iadsan, “Eòin Baistidh, ach tha cuid ag ràdh Eliah, agus cuid eile gu bheil aon dhe na fàidhean o shean air èirigh a‑rithist.”

20 Thuirt esan riutha, “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?” Agus fhreagair Peadar, “Crìosd Dhè.”


Ìosa ag Innse Ro‑Làimh ma Bhàs Fhèin

21 Thug e rabhadh teann is àithne dhaibh gun seo innse do neach sam bith.

22 Thuirt e, “Feumaidh Mac an Duine mòran fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus air a thogail suas air an treas latha.”

23 Agus thuirt e ris na h‑uile, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh gach latha agus leanadh e mise.

24 Oir ge b' e leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa, sàbhailidh esan i.

25 Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine, ged a choisinneas e an saoghal gu lèir, ma bhios e fhèin air a sgrios no air a chall?

26 Oir ge b' e a ghabhas nàire mum dheidhinn‑sa agus m' fhaclan, bidh Mac an Duine a' gabhail nàire dhethsan nuair a thig e na ghlòir fhèin agus ann an glòir an Athar 's nan ainglean naomha.

27 Ach tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid dhiubhsan nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè.”


An Cruth‑Atharrachadh

28 Mu ochd latha às dèidh nam faclan seo, thug e leis Peadar is Eòin is Seumas suas a' bheinn a dhèanamh ùrnaigh.

29 Agus fhad 's a bha e ag ùrnaigh, chaidh coltas aghaidh atharrachadh, agus dh'fhàs an t‑aodach aige geal mar bhoillsgeadh dealanaich.

30 Agus seall, bha dithis fhear a' còmhradh ris: b' iad sin Maois agus Eliah,

31 a nochd ann an glòir agus a bhruidhinn ma bhàs a bha esan a' dol a choileanadh ann an Ierusalem.

32 Bha Peadar agus a chompanaich fo thruimead cadail, ach nuair a bha iad air làn‑dhùsgadh, chunnaic iad a ghlòir agus an dithis fhear a bha nan seasamh còmhla ris.

33 Dìreach nuair a bha na fir a' dealachadh ris, thuirt Peadar ri Ìosa, “A Mhaighstir, tha e math gu bheil sinne an seo. Dèanamaid trì pàilleanan – aon dhutsa agus aon do Mhaois agus aon do dh'Eliah,” (gun tuigse aige air dè a bha e ag ràdh).

34 Fhad 's a bha e a' bruidhinn, thàinig sgòth agus chuir i sgàil orra, agus bha an t‑eagal orra fhad 's a bha iad a' dol a‑steach dhan sgòth.

35 Agus thàinig guth às an sgòth, ag ràdh, “Is e seo mo Mhac taghte‑sa; èistibh ris!”

36 Nuair a bha an guth air bruidhinn, chaidh Ìosa a lorg na aonar. Dh'fhan iadsan sàmhach agus cha do dh'innis iad do neach sam bith anns na làithean sin aon rud mu na bha iad air fhaicinn.


Ìosa a' Leigheas Balaich aig an Robh Deamhan

37 Air an ath latha, nuair a thàinig iad a‑nuas on bheinn, choinnich sluagh mòr ris.

38 Agus, seall, dh'èigh duine dhen t‑sluagh a‑mach, “Fhir‑Teagaisg, tha mi a' guidhe ort sealltainn air mo mhac, oir is e m' aon duine cloinne a th' ann.

39 Agus, seall, bidh spiorad a' breith air agus anns a' bhad tha e ag èigheach, agus ga chrathadh na h‑uimhir is gum bi cop a' tighinn ma bheul. Is gann gu bheil e ga fhàgail idir, agus tha e ga phronnadh.

40 Agus ghuidh mi air do dheisciobail a thilgeil a‑mach, ach cha robh e an comas dhaibh.”

41 Fhreagair Ìosa, “O, a ghinealaich eas‑creidmheich agus fhiair, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh 's gur fulang? Thoir do mhac an seo.”

42 Fhad 's a bha e a' tighinn air adhart, thilg an deamhan sìos e, agus chrath e e. Ach chronaich Ìosa an spiorad neòghlan, agus leighis e an leanabh agus thug e air ais dha athair e.

43 Agus bha iad uile fo mhòr‑iongnadh mu mhòrachd Dhè. Fhad 's a bha iad uile a' gabhail iongnadh mun a h‑uile rud a bha Ìosa a' dèanamh, thuirt e ri a dheisciobail:


Ìosa ag Innse Ro‑Làimh mu Bhàs Fhèin an Dara h‑Uair

44 “Taisgibh nur cluasan na faclan seo: tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.”

45 Ach cha do thuig iadsan an abairt seo agus bha i air a falach uapa, airson 's nach tuigeadh iad i. Agus bha eagal orra faighneachd dha mun abairt seo.


Cò a Bu Mhotha a Bhitheadh

46 Dh'èirich argamaid eatarra mu dheidhinn cò aca a bu mhotha a bhitheadh.

47 Ach, eòlach air smuaintean an cridhe, ghabh Ìosa leanabh agus chuir e ri thaobh fhèin e.

48 An uair sin thuirt e riutha, “Ge b' e a ghabhas ris an leanabh seo nam ainm‑sa, tha e a' gabhail riumsa; agus ge b' e a ghabhas riumsa, tha e a' gabhail ris an Aon a chuir a‑mach mi. Oir an neach as lugha a bhios nur measg‑se uile, bidh esan mòr.”

49 Fhreagair Eòin, “A Mhaighstir, chunnaic sinne duine a' tilgeil a‑mach dheamhan nad ainm‑sa, agus dh'fheuch sinn ri bacadh a chur air, a chionn 's nach eil e gar leantainn‑ne.”

50 Ach thuirt Ìosa ris, “Na cuiribh bacadh air, oir ge b' e nach eil nur n‑aghaidh, tha e air ur son.”


Cur an aghaidh nan Samaritanach

51 Nuair a dhlùthaich na làithean dhàsan a bhith air a ghabhail suas, shuidhich e aghaidh gus a dhol gu Ierusalem.

52 Agus chuir e teachdairean air thoiseach air, is dh'fhalbh iad agus chaidh iad a‑steach do bhaile leis na Samaritanaich, airson ullachadh a dhèanamh dhàsan.

53 Ach cha do ghabh iadsan ris, a chionn 's gun robh aghaidh suidhichte air a dhol gu Ierusalem.

54 Nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas is Eòin seo, thuirt iad, “A Thighearna, am bu toigh leat gun gairmeamaid air teine a thighinn a‑nuas o nèamh airson an sgrios?”

55 Ach thionndaidh esan agus chronaich e iad: [“Chan eil fhios agaibh dè an gnè spioraid dhe bheil sibh,

56 oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios bheathannan dhaoine ach airson an sàbhaladh.”] Agus chaidh iad gu baile eile.


A' Chosgais ann a Bhith a' Leantainn Ìosa

57 Fhad 's a bha iad a' coiseachd air adhart air an t‑slighe, thuirt cuideigin ris, “Leanaidh mise thu ge b' e càit an tèid thu.”

58 Thuirt Ìosa ris, “Tha tuill aig na sionnaich agus neadan aig eòin an adhair, ach chan eil àite aig Mac an Duine far an leag e a cheann.”

59 Ri duine eile thuirt e, “Lean mise,” ach thuirt esan, “A Thighearna, an toiseach leig leam a dhol airson m' athair adhlacadh.”

60 Ach thuirt Ìosa ris, “Leig le na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh, ach thalla thusa agus cuir an cèill rìoghachd Dhè.”

61 Agus thuirt neach eile, “Leanaidh mise thu, a Thighearna, ach leig leam an toiseach soraidh slàn fhàgail acasan a th' aig mo dhachaigh.”

62 Ach thuirt Ìosa ris, “Chan eil neach sam bith a chuireas a làmh ris a' chrann‑treabhaidh, agus a sheallas às a dhèidh, iomchaidh airson rìoghachd Dhè.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan