Lùcas 8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Cosamhlachd an Fhir‑Cuir 1 Às dèidh sin shiubhail e air adhart tro gach baile mòr is gach baile beag a' searmonachadh agus ag aithris deagh sgeul rìoghachd Dhè. Agus bha an dà fhear dheug còmhla ris, 2 agus cuideachd boireannaich àraidh a chaidh a leigheas o dhroch spioradan agus o bhochdainnean: Màiri, ris an canar Magdalen, às an deach seachd deamhain a‑mach, 3 agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a fhritheil dhaibh a‑mach às an cuid fhèin. 4 Agus nuair a bha sluagh mòr a' cruinneachadh, is a thàinig iad às gach baile thuige, thuirt e ann an cosamhlachd: 5 “Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur. Agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus chaidh stampadh air, agus dh'ith eòin an adhair e. 6 Thuit cuid air creig, agus nuair a bha e air fàs, shearg e, air sgàth 's nach robh fliuichead aige. 7 Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn còmhla ris, agus thachd iad e. 8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh'fhàs e, agus thug e toradh a‑mach, a cheud uiread.” A' cantainn nan rudan seo, dh'èigh e, “Ge b' e cò aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.” 9 Dh'fhaighnich a dheisciobail dha dè a bh' anns a' chosamhlachd seo. 10 Thuirt e, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd Dhè, ach dhan a' chòrr tha iad sin ann an cosamhlachdan, airson 's, ‘a' faicinn, nach fhaiceadh iad; agus a' cluinntinn, nach tuigeadh iad.’ 11 “Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè. 12 Is iadsan a tha ri taobh an rathaid an fheadhainn a tha air cluinntinn. Ach an uair sin tha an diabhal a' tighinn agus tha e a' toirt air falbh an fhacail às an cridheachan, airson 's nach creideadh iad 's gum biodh iad air an saoradh. 13 Agus is iadsan a tha air a' chreig an fheadhainn, nuair a dh'èisteas iad ris an fhacal, a ghabhas thuca e le gàirdeachas, ach chan eil freumh aca seo. Creididh iad airson greis agus ann an àm buairidh tuitidh iad air falbh. 14 Agus a thaobh an t‑sìl a thuit am measg dhroigheann, is iad sin an fheadhainn a dh'èisteas, ach fhad 's a thèid iad air an slighe, tha iad air an tachdadh le cùraman agus le beairteas agus le toileachais na beatha, agus chan eil iad a' toirt a‑mach toradh abaich. 15 Agus a thaobh an t‑sìl a thuit air an talamh mhath, is iadsan an fheadhainn, às dèidh dhaibh am facal a chluinntinn, a tha ga chumail nan cridhe onarach agus math, agus a bheir a‑mach toradh le foighidinn. Lampa air Lampair 16 “Chan eil neach sam bith a' lasadh lampa agus ga falach le soitheach no ga cur fo leabaidh. An àite sin cuiridh e air lampair i, airson 's gum faic iadsan a thig a‑steach an solas. 17 Oir chan eil rud sam bith falaichte nach tèid a dhèanamh follaiseach, no dìomhair nach bi aithnichte 's a' tighinn am follais. 18 Mar sin thoiribh an aire ciamar a dh'èisteas sibh, oir ge b' e neach aig a bheil, thèid toirt dha, agus ge b' e neach aig nach eil, thèid fiù 's an rud sin a shaoileas e a th' aige a thoirt uaithe.” Màthair agus Bràithrean Ìosa 19 An uair sin thàinig a mhàthair agus a bhràithrean thuige, ach cha b' urrainn dhaibh faighinn thuige air sgàth an t‑sluaigh. 20 Agus chaidh innse dha: “Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d' fhaicinn.” 21 Ach fhreagair esan iad, “Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean iadsan a chluinneas facal Dhè agus a tha ga dhèanamh.” Ìosa a' Socrachadh an Stoirm 22 Aon latha chaidh e a‑steach do dh'eathar còmhla ri a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Rachamaid thairis gu taobh thall an locha.” Agus chuir iad a‑mach o thìr. 23 Ach fhad 's a sheòl iad, thuit esan na chadal. Agus thàinig sgal gaoithe a‑nuas air an loch, agus bha an t‑eathar ga lìonadh le uisge, agus bha iad ann an cunnart mòr. 24 Agus chaidh iad agus dhùisg iad e, ag ràdh, “A Mhaighstir, a Mhaighstir, tha sinn gu bhith caillte!” Agus dhùisg esan, agus chronaich e a' ghaoth agus boile nan tonn, agus sguir iad, agus bha ciùine ann. 25 Thuirt e riutha, “Càit a bheil ur creideamh?” Agus bha iad fo eagal, is ghabh iad iongnadh, ag ràdh ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, 's gu bheil e fiù 's a' toirt àithne dha na gaothan 's dhan uisge, agus tha iad umhail dha.” Leigheas Duine anns an Robh Deamhain 26 An uair sin sheòl iad gu dùthaich nan Gerasèanach, a tha thall mu choinneamh Ghalile. 27 Nuair a bha Ìosa air a dhol a‑mach air tìr, choinnich duine às a' bhaile ris, anns an robh deamhain. Airson ùine mhòir cha robh e air aodach a chur air, agus cha robh e air fuireach ann an taigh, ach am measg nan tuam. 28 Nuair a chunnaic e Ìosa, dh'èigh e a‑mach agus thuit e sìos ma choinneamh agus thuirt e le guth àrd, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort gun mo chur fo àmhghar.” 29 Oir bha e air àithne a thoirt dhan spiorad neòghlan tighinn a‑mach às an duine. Oir bha e air greimeachadh air gu tric; agus bhiodh e air a chumail fo fhaire agus air a cheangal le slabhraidhean is sèinichean‑coise, ach bhriseadh e na cuibhrichean agus bhiodh e air a ruagadh leis an deamhan do dh'àiteachan fàsail. 30 Dh'fhaighnich Ìosa an uair sin dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?” Agus thuirt e, “Lègion,” oir bha mòran dheamhan air a dhol a‑steach ann. 31 Agus ghuidh iad air gun àithne a thoirt dhaibh falbh sìos dhan doimhneachd. 32 Bha treud lìonmhor mhuc an sin ag ionaltradh air a' bheinn, agus ghuidh iad air cead a thoirt dhaibh a dhol a‑steach annta, agus thug e cead dhaibh. 33 Thàinig na deamhain a‑mach às an duine agus chaidh iad a‑steach dha na mucan, agus ruith an treud mhuc sìos an leathad cas dhan loch agus chaidh am bàthadh. 34 Agus nuair a chunnaic iadsan a bha gam biathadh an rud a thachair, theich iad agus dh'aithris iad e anns a' bhaile agus anns an dùthaich. 35 An uair sin chaidh iadsan a‑mach a dh'fhaicinn an rud a bha air tachairt, agus thàinig iad gu Ìosa, agus fhuair iad an duine às an deach na deamhain na shuidhe aig casan Ìosa, air èideadh agus ceart sa cheann; agus bha an t‑eagal orra. 36 Agus dh'innis iadsan a chunnaic e mar a chaidh an duine anns an robh na deamhain a shlànachadh. 37 An uair sin dh'iarr uile shluagh na dùthcha mun cuairt nan Gerasèanach airsan falbh uapa, oir chaidh an glacadh le eagal mòr. Mar sin chaidh e do dh'eathar agus thill e air ais. 38 Ghuidh an duine às an deach na deamhain air Ìosa gum faodadh e a bhith còmhla ris, ach chuir Ìosa air falbh e, ag ràdh, 39 “Till dhad dhachaigh fhèin agus innis na rinn Dia dhut.” Agus dh'fhalbh e tron bhaile gu lèir a' cur an cèill na rinn Ìosa dha. Nighean Mharbh agus Boireannach Tinn 40 A‑nis, nuair a thill Ìosa, chuir an sluagh fàilte air, oir bha iad uile ga fheitheamh. 41 Agus thàinig duine leis an ainm Iàirus, a bha na riaghladair air an t‑sionagog. Agus a' tuiteam aig casan Ìosa, ghuidh e air gun tigeadh e dhan taigh aige, 42 oir bha an aon nighean a bh' aige, a bha mu dhà bhliadhna dheug, a' bàsachadh. Fhad 's a bha e air a shlighe, bha an sluagh ga bhruthadh. 43 Agus bha boireannach ann a bha a' fulang sruth fala dà bhliadhna dheug, agus ged a chosg i na bh' aice air lighichean, cha b' urrainn dhi a bhith air a leigheas le neach sam bith. 44 Thàinig i suas air a chùlaibh agus bhean i ri iomall aodaich agus sguir an sruth fala sa bhad. 45 Agus thuirt Ìosa, “Cò a bhean rium?” Nuair a dh'àich iad uile e, thuirt Peadar, “A Mhaighstir, tha an sluagh gad chuartachadh agus gad bhruthadh.” 46 Ach thuirt Ìosa, “Bhean cuideigin rium, oir is aithne dhòmhsa gu bheil cumhachd air a dhol asam.” 47 Nuair a chunnaic am boireannach nach b' urrainn dhi fuireach air falach, thàinig i, air chrith, agus a' tuiteam ma choinneamh, dh'innis i ann an làthair an t‑sluaigh gu lèir carson a bha i air beantainn ris, agus mar a chaidh a slànachadh sa bhad. 48 Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth.” 49 Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig neach o thaigh riaghladair an t‑sionagoig, ag ràdh, “Tha do nighean marbh; na cuir dragh air an Fhear‑Teagaisg tuilleadh.” 50 Ach nuair a chuala Ìosa seo fhreagair e e, “Na bi fo eagal, dìreach creid, agus bidh i air a slànachadh.” 51 Nuair a ràinig e an taigh, cha do leig e le neach sam bith a dhol a‑steach còmhla ris ach Peadar, Eòin, Seumas agus athair is màthair an leanaibh. 52 Agus bha iad uile a' caoineadh agus a' caoidh air a son, ach thuirt esan, “Na caoinibh: cha do bhàsaich i; tha i na cadal.” 53 Agus rinn iadsan gàire magaidh air, a chionn 's gun robh fios aca gun robh i marbh. 54 Ach, ga gabhail mun làimh, dh'èigh e, ag ràdh, “A nighean, èirich!” 55 Agus thill an spiorad aice, agus dh'èirich i sa bhad, is dh'òrdaich e dhaibh biadh a thoirt dhi. 56 Agus bha a pàrantan fo iongnadh mòr, ach dh'àithn esan dhaibh gun innse do neach sam bith dè a bh' air tachairt. |