Lùcas 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Buaireadh Ìosa anns an Fhàsach 1 Agus thill Ìosa, làn dhen Spiorad Naomh, o Iòrdan agus bha e air a threòrachadh leis an Spiorad anns an fhàsach 2 airson ceathrad latha, ga bhuaireadh leis an diabhal. Agus cha do dh'ith e rud sam bith anns na làithean sin: agus nuair a chaidh an crìochnachadh, bha e acrach. 3 Thuirt an diabhal ris, “Mas tu Mac Dhè, can ris a' chloich seo tionndadh na h‑aran.” 4 Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e sgrìobhte, ‘Chan ann air aran a‑mhàin a bhios duine beò.’” 5 Agus thug an diabhal suas e, agus sheall e dha rìoghachdan an t‑saoghail gu lèir ann an tiota tìm. 6 Agus thuirt an diabhal ris, “Bheir mise dhutsa an t‑ùghdarras seo gu lèir agus a' ghlòir aca, oir chaidh a thoirt thairis dhòmhsa, agus tha mi ga thoirt do neach sam bith as toigh leam. 7 Mar sin, ma nì thu adhradh dhòmhsa, is ann leatsa a bhios e gu lèir.” 8 Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’” 9 Agus thug e gu Ierusalem e, is chuir e air binnean an teampaill e, agus thuirt e ris, “Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos à seo. 10 Oir tha e sgrìobhte: ‘Bheir e àithne dha ainglean mud thimcheall, do ghleidheadh’; 11 agus ‘Togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal 's gum buail thu do chas air cloich.’” 12 Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e air a ràdh, ‘Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia.’” 13 Agus nuair a chrìochnaich an diabhal a h‑uile buaireadh, dh'fhalbh e uaithe gus an tigeadh àm fàbharach. Ìosa air a Dhiùltadh ann an Nàsaret 14 Agus thill Ìosa a Ghalile ann an cumhachd an Spioraid, agus chaidh iomradh ma dheidhinn a‑mach air feadh a' cheàrnaidh mun cuairt gu lèir. 15 Agus bha e a' teagasg anns na sionagogan aca, a' faighinn molaidh on a h‑uile duine. 16 Agus thàinig e gu Nàsaret, far an do thogadh e, 's mar a b' fhasan dha, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog air latha na Sàbaid, is sheas e airson leughadh. 17 Agus chaidh rolla an fhàidh Isaiah a thoirt dha. Agus dh'fhuasgail e an rolla is lorg e an t‑àite far a bheil e sgrìobhte: 18 “Tha Spiorad an Tighearna orm, a chionn 's gun do dh'ung e mi airson an deagh sgeòil a shearmonachadh dha na bochdan. Tha e air mo chur a ghairm saorsa dha na braighdean agus fradharc air aiseag dha na doill, a thoirt saorsa dhan mhuinntir a tha air an claoidh, 19 a shearmonachadh bliadhna fàbhair an Tighearna.” 20 Agus roilig e suas an rolla, thug e air ais dhan fhear‑frithealaidh e, is shuidh e. Agus bha sùilean a h‑uile duine a bh' anns an t‑sionagog a' coimhead gu geur air. 21 Agus thòisich e ag ràdh riutha, “An‑diugh chaidh an Sgriobtar seo a choileanadh nur n‑èisteachd‑se.” 22 Agus bhruidhinn iad uile gu math ma dheidhinn is ghabh iad iongnadh mu na faclan gràsmhor a bha a' tighinn a‑mach às a bheul. Agus thuirt iad, “Nach e seo mac Iòsaiph?” 23 Agus thuirt e riutha, “Gun amharas canaidh sibh an gnàth‑fhacal seo rium: ‘A lighiche, leighis thu fhèin! Na chuala sinn a rinn thu ann an Capernàum, dèan an seo na do bhaile fhèin cuideachd.’” 24 Agus thuirt e, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil fàidh sam bith a' faighinn fàilte na dhùthaich fhèin. 25 Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun robh mòran bhanntrach ann an Israel ann an làithean Eliah, nuair a chaidh an t‑adhar a dhùnadh airson trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre gu lèir. 26 Ach cha deach Eliah a chur gu aon dhiubh, ach gu Sarepta Shìdoin, gu boireannach a bha na banntraich. 27 Agus bha mòran lobhar ann an Israel aig àm Elisah am fàidh agus cha deach aon dhiubh a ghlanadh ach Nàaman an Sirianach.” 28 Agus chaidh iadsan uile a bh' anns an t‑sionagog a lìonadh le feirg, nuair a chuala iad na rudan sin. 29 Agus dh'èirich iad, is thilg iad a‑mach às a' bhaile e, agus thug iad leotha e gu mullach a' chnuic air an robh am baile aca air a thogail, airson a thilgeil sìos am bearradh. 30 Ach a' gabhail tro am meadhan, dh'fhalbh e. Ìosa a' Slànachadh Duine anns an Robh Deamhan 31 Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile ann an Galile, agus bha e gan teagasg air an t‑Sàbaid, 32 agus bha iad fo iongnadh mu theagasg‑san, oir bha ùghdarras aig fhacal‑san. 33 Agus anns an t‑sionagog bha duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus dh'èigh e le guth mòr, 34 “À! Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.” 35 Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às.” Agus nuair a bha an deamhan air esan a thilgeil sìos nam measg, thàinig e a‑mach às gun chron sam bith a dhèanamh air. 36 Agus bha iad uile fo iongnadh agus thuirt iad ri chèile, “Dè an seòrsa cainnt a tha an seo? Oir le ùghdarras is cumhachd tha e a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad a' tighinn a‑mach.” 37 Agus bha iomradh ma dheidhinn‑san a' dol a‑mach air feadh gach àite dhen cheàrnaidh mun cuairt. Ìosa a' Slànachadh Mhòran 38 Dh'èirich e às an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin. A‑nis bha màthair‑chèile Shìmoin a' fulang le fiabhras mòr, agus dh'fhaighnich iad do dh'Ìosa an cuidicheadh e i. 39 Agus sheas e os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh'fhàg e i. Agus dh'èirich i sa bhad, agus fhritheil i dhaibh. 40 A‑nis, fhad 's a bha a' ghrian a' dol fodha, chaidh iadsan uile a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis a thoirt thuige, agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad. 41 Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd. 42 Agus nuair a thàinig an latha, dh'fhalbh e agus chaidh e gu àite fàsail. Agus bha an sluagh ga shireadh agus thàinig iad thuige, agus dh'fheuch iad ri a chumail om fàgail. 43 Ach thuirt esan riutha, “Feumaidh mi soisgeul rìoghachd Dhè a shearmonachadh dha na bailtean eile cuideachd, oir is ann airson seo a chaidh mo chur a‑mach.” 44 Agus bha e a' searmonachadh ann an sionagogan Iudèa. |