Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 24 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


An Aiseirigh aig Ìosa

1 Ach air a' chiad latha dhen t‑seachdain, ann an camhanaich an latha, chaidh iad chun an tuaim, a' toirt leotha nan spìosraidhean a dh'ullaich iad.

2 Agus fhuair iad a' chlach air a roiligeadh on tuam,

3 ach nuair a chaidh iad a‑steach, cha d' fhuair iad corp an Tighearna Ìosa.

4 Fhad 's a bha iad ann an imcheist mun seo, seall, sheas dithis dhaoine ann an aodaichean deàlrach rin taobh.

5 Agus a' gabhail an eagail, chrom iadsan an aghaidhean chun na talmhainn. Thuirt na daoine riutha, “Carson a tha sibh a' sireadh an fhir a tha beò am measg nam marbh?

6 Chan eil e an seo, ach tha e air èirigh! Cuimhnichibh mar a thuirt e ribh fhad 's a bha e fhathast ann an Galile:

7 ‘Feumaidh Mac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rithist air an treas latha.’”

8 Agus chuimhnich iad air na faclan aige.

9 An uair sin, a' tilleadh on tuam, dh'innis iad na rudan seo uile dhan aon fhear dheug, agus dhan fheadhainn eile gu lèir.

10 A‑nis b' iad Màiri Magdalen, Ioanna agus Màiri màthair Sheumais, agus na boireannaich eile a bha còmhla riutha, a dh'innis na rudan seo dha na h‑abstoil.

11 Ach bha na faclan seo mar fhaoin‑sgeulan dhaibh, agus cha robh iad gan creidsinn.

12 Ach dh'èirich Peadar agus ruith e chun an tuaim. Chrom e sìos agus chunnaic e na stiallan anairt leotha fhèin; agus dh'fhalbh e dhachaigh, a' gabhail iongnadh mu na bh' air tachairt.


Air an Rathad gu Emàus

13 Agus seall, air an latha sin fhèin bha dithis dhiubh a' dol gu baile air an robh an t‑ainm Emàus, a bha mu sheachd mìle o Ierusalem.

14 Bha iad a' còmhradh ri chèile mu na rudan seo uile a bh' air tachairt.

15 Fhad 's a bha iad a' còmhradh agus a' deasbad, thàinig Ìosa faisg orra agus choisich e còmhla riutha.

16 Ach bha an sùilean air an cumail o bhith ga aithneachadh.

17 Thuirt e riutha, “Dè na gnothaichean a tha sibh a' deasbad eadaraibh fhad 's a tha sibh a' coiseachd?” Sheas iad gun ghluasad, an aghaidhean dubhach.

18 An uair sin fhreagair fear dhiubh air an robh an t‑ainm Cleopas e, “An tusa an t‑aon neach‑tadhail ann an Ierusalem aig nach eil fios air na chaidh a dhèanamh an sin anns na làithean seo?”

19 Agus thuirt e riutha, “Dè na rudan?” “Na rudan a thachair do dh'Ìosa o Nàsaret, duine a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal mu choinneamh Dhè, agus an t‑sluaigh gu lèir.

20 Agus mar a thug na h‑àrd‑shagartan agus ar riaghladairean thairis gu dìteadh bàis e, agus mar a cheus iad e.

21 Ach bha dòchas againne gum b' esan am fear a bha a' dol a shaoradh Israeil – seadh, agus a thuilleadh air a seo uile, is e an‑diugh an treas latha on a thachair na rudan seo.

22 Agus rud eile: chuir cuid de bhoireannaich o ar measg iongnadh oirnn. Bha iad aig an tuam tràth anns a' mhadainn,

23 agus nuair nach d' fhuair iad a chorp, thàinig iad air ais ag ràdh cuideachd gum faca iad sealladh de dh'ainglean a thuirt gu bheil e beò.

24 Chaidh cuid dhen fheadhainn a bha còmhla rinn fhèin chun an tuaim, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt na boireannaich, ach esan chan fhaca iad.”

25 Thuirt e riutha, “A dhaoine amaideach agus mall‑chridheach gus a bhith a' creidsinn a h‑uile rud uile a thuirt na fàidhean!

26 Nach fheumadh Crìosd na rudan seo fhulang, agus a dhol a‑steach dha ghlòir?”

27 Agus a' tòiseachadh le Maois is o na fàidhean gu lèir, dh'eadar‑mhìnich e dhaibh anns na Sgriobtaran uile na rudan ma thimcheall fhèin.

28 Theann iad dlùth ris a' bhaile dhan robh iad a' dol. Leig esan air gun robh e a' dol na b' fhaide air adhart.

29 Ach chuir iadsan ìmpidh air, ag ràdh, “Fan còmhla rinn, oir tha e faisg air an fheasgar is cha mhòr nach eil an latha seachad.” Agus chaidh e a‑steach airson fuireach còmhla riutha.

30 Nuair a shuidh e aig a' bhòrd còmhla riutha, ghlac e an t‑aran, bheannaich e, bhris e agus thug e dhaibh e.

31 Agus chaidh an sùilean fhosgladh agus dh'aithnich iad e. Is chaidh e às an t‑sealladh orra.

32 Agus thuirt iad ri chèile, “Nach robh ar cridheachan a' lasadh annainn fhad 's a bha e a' bruidhinn rinn air an t‑slighe, fhad 's a dh'fhosgail e dhuinn na Sgriobtaran?”

33 Agus dh'èirich iad san uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, far an d' fhuair iad an t‑aon fhear deug agus an fheadhainn a bha cuide riutha cruinn còmhla,

34 ag ràdh, “Dh'èirich an Tighearna dha‑rìribh agus nochd e ri Sìmon!”

35 An uair sin dh'innis iad na bh' air tachairt air an rathad, agus mar a chaidh esan aithneachadh leotha ann am briseadh an arain.


Ìosa a' Nochdadh ris na Deisciobail

36 Fhad 's a bha iad fhathast a' bruidhinn mu na rudan seo, sheas Ìosa fhèin nam measg, agus thuirt e riutha, “Sìth dhuibh.”

37 Ach bha iadsan air an clisgeadh agus fo eagal, is shaoil iad gum b' e spiorad a chunnaic iad.

38 Agus thuirt e riutha, “Carson a tha sibh fo uallach, 's carson a tha ceistean ag èirigh nur cridheachan?

39 Coimheadaibh air mo làmhan agus air mo chasan, oir 's mi fhèin a th' ann. Làimhsichibh mi agus coimheadaibh, oir chan eil feòil is cnàmhan aig spiorad, mar a chì sibh a th' agamsa.”

40 Agus nuair a bha e air sin a ràdh, sheall e dhaibh a làmhan agus a chasan.

41 Agus fhad 's a bha iad fhathast mì‑chreidmheach air sgàth aoibhneis, agus fo iongnadh, thuirt e riutha, “A bheil sìon ri ithe agaibh an seo?”

42 Thug iad dha pìos èisg ròiste,

43 agus ghlac e e, agus dh'ith e mun coinneamh e.

44 An uair sin thuirt e riutha, “Is iad seo m' fhaclan‑sa a thuirt mi ribh fhad 's a bha mi fhathast còmhla ribh, gum feumadh a h‑uile sìon a tha sgrìobhte mum dheidhinn‑sa ann an Lagh Mhaois is anns na Fàidhean is anns na Sailm a bhith air a choileanadh.”

45 An uair sin dh'fhosgail e an inntinnean airson 's gun tuigeadh iad na Sgriobtaran.

46 Agus thuirt e riutha, “Mar seo tha e sgrìobhte, gum feumadh an Crìosd fulang agus èirigh o na mairbh air an treas latha,

47 agus gum feumadh aithreachas is mathanas pheacaidhean a bhith air a shearmonachadh na ainm‑san dhan a h‑uile nàisean, a' tòiseachadh o Ierusalem.

48 Tha sibh nur fianaisean air na rudan seo.

49 Agus seallaibh, tha mise a' cur gealladh m' athar a‑mach oirbh; ach fanaibh‑se anns a' bhaile gus an tèid ur sgeadachadh le cumhachd on àirde.”


Ìosa a' Dol suas gu Nèamh

50 An uair sin threòraich e a‑mach iad cho fada ri Betani, agus a' togail suas a làmhan, bheannaich e iad.

51 Fhad 's a bha e gam beannachadh, dhealaich e riutha agus chaidh a thoirt suas gu nèamh.

52 Agus rinn iad adhradh dha is thill iad gu Ierusalem le mòr‑aoibhneas.

53 Agus bha iad an‑còmhnaidh anns an teampall, a' moladh Dhè.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan