Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Iùdas ag Aontachadh Ìosa a Bhrathadh

1 A‑nis bha Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte, ris an canar a' Chàisg, a' tighinn faisg.

2 Agus bha na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean a' sireadh ciamar a chuireadh iad às do dh'Ìosa, oir bha eagal an t‑sluaigh orra.

3 An uair sin chaidh Sàtan a‑steach ann an Iùdas, ris an canar Iscariot, a bha air àireamh am measg an dà fhear dheug.

4 Agus dh'fhalbh e is bhruidhinn e ris na h‑àrd‑shagartan agus ri maoir an teampaill a thaobh ciamar a bhrathadh e esan dhaibh.

5 Bha iadsan aoibhneach agus dh'aontaich iad airgead a thoirt dha.

6 Agus gheall esan, is shir e àm iomchaidh airson a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair.


An t‑Suipear Dheireannach

7 An uair sin thàinig latha Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte, air am feumadh uan na Càisge a bhith air ìobradh.

8 Chuir Ìosa a‑mach Peadar agus Eòin, ag ràdh, “Thallaibh agus ullaichibh a' Chàisg dhuinn, airson 's gun ith sinn i.”

9 Dh'fhaighnich iad dha, “Càit am bu toigh leat gun ullaicheamaid i?”

10 Thuirt e riutha, “Seallaibh, nuair a tha sibh air a dhol a‑steach dhan bhaile, coinnichidh duine ribh a' giùlain soitheach uisge. Leanaibh e a‑steach dhan taigh dhan tèid e,

11 agus canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh ribh: “Càit a bheil an seòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?”’

12 Agus seallaidh esan dhuibh seòmar mòr uidheamaichte, shuas an staidhre: ullaichibh i an sin.”

13 Nuair a chaidh iad a‑mach fhuair iad e dìreach mar a thuirt e riutha; is dh'ullaich iad a' Chàisg.

14 Nuair a thàinig an uair shuidh e aig a' bhòrd agus na h‑abstoil còmhla ris.

15 Agus thuirt e riutha, “Tha mi air miannachadh gu dùrachdach a' Chàisg seo ithe còmhla ribh mus fulaing mi.

16 Oir tha mi ag ràdh ribh nach ith mi i gus an tèid a coileanadh ann an rìoghachd Dhè.”

17 Nuair a ghabh e thuige cupa agus a thug e taing, thuirt e, “Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh e.

18 Oir tha mi ag ràdh ribh nach òl mi de thoradh an fhìonain on àm seo gus an tig rìoghachd Dhè.”

19 Nuair a ghabh e thuige aran agus a thug e taing, bhris e e agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, “Is e seo mo chorp‑sa, a tha air a thoirt air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.”

20 Agus anns an aon dòigh an cupa, às dèidh dhaibh ithe, ag ràdh, “Is e seo cupa a' chùmhnaint nuaidh nam fhuil‑sa, a tha air a dòrtadh air ur son‑se.

21 Ach, seallaibh, tha làmh an fhir a bhrathas mi còmhla rium air a' bhòrd.

22 Oir tha Mac an Duine dha‑rìribh a' falbh, a rèir mar a chaidh òrdachadh, ach is mairg dhan duine sin leis an tèid a bhrath!”

23 Agus thòisich iad air ceasnachadh nam measg fhèin cò dhiubh a bha a' dol a dhèanamh an rud seo.

24 Agus bha còmhstri cuideachd eatarra a thaobh cò aca bu mhotha a bhiodh air a mheas nam measg.

25 Thuirt e riutha, “Tha tighearnas aig rìghrean nan Cinneach thairis orra, agus bidh tabhartaich air a thoirt orrasan aig a bheil ùghdarras thairis orra.

26 Ach na bithibh‑se mar sin. An àite sin biodh an neach as motha nur measg mar an neach as òige, agus an ceannard mar esan a tha a' frithealadh.

27 Oir cò aca as motha, an neach a shuidheas aig bòrd no esan a fhritheileas? Nach e am fear a shuidheas aig bòrd? Ach tha mise nur measg mar neach a nì frithealadh.

28 Is sibhse iadsan a dh'fhan còmhla riumsa nam dheuchainnean.

29 Dìreach mar a bhuilich m' Athair rìoghachd ormsa, tha mise ga buileachadh oirbhse,

30 airson gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd‑sa nam rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.

31 “A Shìmoin, a Shìmoin, seall, dh'iarr Sàtan sibhse airson gun criathradh e sibh mar chruithneachd.

32 Ach tha mise air ùrnaigh a dhèanamh air do shon‑sa nach fàg do chreideamh thu. Agus nuair a tha thu air tionndadh air ais, neartaich do bhràithrean.”

33 Ach thuirt e ris, “A Thighearna, tha mise deiseil a dhol còmhla riutsa fiù 's dhan phrìosan agus gu bàs.”

34 Thuirt Ìosa, “Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì tursan gur aithne dhut mi.”

35 Agus thuirt e riutha, “Nuair a chuir mi a‑mach sibh gun sporan, gun bhaga agus gun chuarain, an robh dìth rud sam bith oirbh?” Agus thuirt iad, “Cha robh dad.”

36 Thuirt esan riutha, “Ach a‑nis, ge b' e neach aig a bheil sporan, thoireadh e leis e, agus san aon dòigh baga. Agus an neach aig nach eil claidheamh, reiceadh e an t‑aodach‑uachdair aige agus ceannaicheadh e fear.

37 Oir tha mi ag ràdh ribh gum feum na chaidh a sgrìobhadh a bhith air a choileanadh annamsa: ‘Bha e air àireamh am measg nan ciontach.’ Oir tha na tha seo mum dheidhinn‑sa ga choileanadh.”

38 Agus thuirt iadsan, “Seall, a Thighearna, tha dà chlaidheamh an seo.” Agus thuirt esan riutha, “Tha sin gu leòr!”


Ìosa ag Ùrnaigh air Beinn nan Crann‑Ola

39 Nuair a bha e air a dhol a‑mach, chaidh e a rèir a chleachdaidh gu Beinn nan Crann‑Ola, agus lean a dheisciobail e.

40 Agus nuair a thàinig e chun an àite, thuirt e riutha, “Dèanaibh ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh.”

41 Agus chaidh e air falbh uapa mu fhad tilgeil cloiche agus chaidh e air a ghlùinean is rinn e ùrnaigh,

42 ag ràdh, “Athair, ma tha thu deònach, thoir uam an cupa seo. A dh'aindeoin sin, chan e mo thoil‑sa, ach do thoil‑sa, gun robh dèante.” [

43 Agus nochd aingeal o nèamh ris, ga neartachadh.

44 Agus ann an àmhghar, rinn e ùrnaigh na bu dhùrachdaiche, agus bha am fallas aige mar bhoinnean mòra fala a' tuiteam sìos air an talamh.]

45 Nuair a dh'èirich e o ùrnaigh, thàinig e gu a dheisciobail, agus fhuair e iad nan cadal air sgàth tùirse.

46 Agus thuirt e riutha, “Carson a tha sibh nur cadal? Èiribh, agus dèanaibh ùrnaigh, airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh.”


Ìosa air a Chur an Grèim

47 Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, thàinig sluagh, agus bha am fear air an robh an t‑ainm Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, air an ceann. Thàinig e suas gu Ìosa airson a phògadh,

48 ach thuirt Ìosa ris, “A Iùdais, a bheil thu, le pòg, a' brath Mhic an Duine?”

49 Agus nuair a chunnaic iadsan a bha timcheall air an rud a bha a' dol a thachairt, thuirt iad ris, “A Thighearna, am buail sinn leis a' chlaidheamh?”

50 Agus bhuail aon dhiubh seirbheiseach an àrd‑shagairt agus gheàrr e dheth a chluas dheas.

51 Ach thuirt Ìosa, “Tha sin gu leòr!” Agus bhean e ri a chluais agus leighis e i.

52 An uair sin thuirt Ìosa ris na h‑àrd‑shagartan, ri oifigearan an teampaill agus ris na h‑èildearan, a bha air tighinn air a shon, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean mar gum b' e gadaiche a bh' annam?

53 Nuair a bha mi còmhla ribh gach latha anns an teampall, cha do chuir sibh ur làmhan orm. Ach is i seo ur n‑uair‑se, agus cumhachd an dorchadais.”


Peadar ag Àicheadh Ìosa

54 An uair sin rug iad air agus thug iad leotha e a‑steach do thaigh an àrd‑shagairt. Agus bha Peadar a' leantainn pìos air falbh.

55 Agus nuair a bha iad air teine a lasadh ann am meadhan na cùirt‑lios agus air suidhe sìos còmhla, shuidh Peadar nam measg.

56 Ach nuair a chunnaic bana‑sheirbheiseach e na shuidhe ann an solas an teine, sheall i gu geur air agus thuirt i, “Bha am fear seo cuideachd còmhla ris.”

57 Ach dh'àich esan e, ag ràdh, “A bhoireannaich, chan aithne dhomh e.”

58 Agus beagan às dèidh sin chunnaic neach eile e, agus thuirt e, “Tha thusa cuideachd air aon dhiubh.” Agus thuirt Peadar, “A dhuine, chan eil mi!”

59 Mu uair a thìde às dèidh sin, thuirt cuideigin eile gu làidir, “Gu fìrinneach bha am fear seo cuideachd còmhla ris; oir is e Galilèach a tha annsan cuideachd.”

60 Ach thuirt Peadar, “A dhuine, chan eil fhios a'm dè a tha thu ag ràdh.” Agus anns a' bhad, fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, ghairm coileach.

61 Agus thionndaidh an Tighearna is choimhead e air Peadar; agus chuimhnich Peadar air facal an Tighearna, mar a thuirt e ris: “Mun gairm coileach an‑diugh, àicheidh tu mi trì tursan.”

62 Agus chaidh e a‑mach agus chaoin e gu goirt.


An Fheadhainn a Ghlac Ìosa a' Magadh Air

63 Bha na daoine a bha a' cumail grèim air Ìosa a' magadh air, agus ga bhualadh.

64 Chòmhdaich iad cuideachd a shùilean agus chùm iad orra ga cheasnachadh, “Dèan fàidheadaireachd: cò a bhuail thu?”

65 Agus thuirt iad tòrr rudan eile gu toibheumach na aghaidh.


Ìosa mu choinneamh na Comhairle

66 Nuair a thàinig an latha, chruinnich comhairle èildearan an t‑sluaigh, an dà chuid àrd‑shagartan agus sgrìobhaichean, còmhla. Agus thug iad esan chun na comhairle acasan.

67 Thuirt iad, “Mas tusa an Crìosd, innis dhuinn.” Ach thuirt esan riutha, “Ma dh'innseas mi dhuibh, cha chreid sibh,

68 agus ma dh'fhaighnicheas mi, cha fhreagair sibh.

69 Ach on àm seo air adhart, bidh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh cumhachd Dhè.”

70 Agus dh'fhaighnich iad uile, “An tusa mar sin Mac Dhè?” Agus thuirt e riutha, “Tha sibhse ag ràdh gur mi.”

71 Ach thuirt iadsan, “Dè an còrr feum a tha againn air fianais? Oir chuala sinn fhèin e, às a bheul fhèin.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan