Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Tabhartas na Banntraich

1 Nuair a sheall e suas, chunnaic Ìosa na daoine beairteach a' tilgeil an tiodhlacan dhan chiste‑ionmhais.

2 Is chunnaic e cuideachd banntrach bhochd a' tilgeil dà bhonn bheag innte.

3 Agus thuirt e, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do thilg a' bhanntrach bhochd seo barrachd innte na iad uile.

4 Oir thilg iad seo uile às am mòr‑phailteas, ach thilg ise às a gainne fhèin am bith‑beò a bh' aice gu lèir.”


Sgrios an Teampaill agus Comharran Deireadh na Linn

5 Fhad 's a bha cuid a' bruidhinn air mar a bha an teampall air a sgeadachadh le clachan brèagha agus le tiodhlacan coisrigte, thuirt Ìosa,

6 “A thaobh nan rudan seo a chì sibh, thig na làithean anns nach tèid clach fhàgail air muin cloiche dhiubh nach tèid a thilgeil sìos.”

7 An uair sin dh'fhaighnich iad dha, “Fhir‑Teagaisg, cuin ma‑thà a bhios na rudan seo ann? Agus dè an comharra a bhios ann nuair a bhios na rudan seo gus tachairt?”

8 Agus thuirt esan, “Thoiribh an aire nach tèid ur mealladh, oir thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan!’ agus ‘Tha an t‑àm faisg air làimh!’ Na leanaibh iad.

9 Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh oillt oirbh, oir feumaidh na rudan seo tachairt an toiseach, ach cha bhi a' chrìoch ann sa bhad.”

10 An uair sin thuirt e riutha, “Èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.

11 Bidh crithean‑talmhainn mòra ann, agus goirtean agus plàighean ann an iomadh àite, agus seallaidhean oillteil agus comharraidhean mòra o nèamh.

12 “Ach roimhe seo uile, cuiridh iad an làmhan oirbhse agus geur‑leanaidh iad sibh, gur toirt thairis dha na sionagogan agus na prìosain, agus thèid ur toirt mu choinneamh rìghrean agus riaghladairean air sgàth m' ainme‑sa.

13 Bidh seo na chothrom fianaiseachaidh dhuibh.

14 Mar sin suidhichibh nur n‑inntinnean nach ullaich sibh ro‑làimh ciamar a fhreagras sibh.

15 Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi gin dhiubhsan a tha nan nàimhdean dhuibh comasach air seasamh nan aghaidh no an àicheadh.

16 Thèid ur brathadh fiù 's le ur pàrantan, ur bràithrean, ur càirdean agus ur caraidean, agus cuiridh iad cuid agaibh gu bàs.

17 Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa.

18 Ach cha tèid aon ròineag de dh'fhalt ur cinn a sgrios.

19 Tro ur leanaltas sealbhaichidh sibh ur n‑anman.

20 “Nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an uair sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh faisg air làimh.

21 An uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan agus fàgadh iadsan a th' air taobh a‑staigh a' bhaile e, agus na rachadh iadsan a tha anns an dùthaich a‑steach ann,

22 oir is iad sin làithean an dìoghaltais, airson a h‑uile rud a tha sgrìobhte a choileanadh.

23 Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban anns na làithean sin! Oir bidh àmhghar mòr air an talamh agus corraich an aghaidh an t‑sluaigh seo.

24 Tuitidh iad le faobhar a' chlaidheimh, agus thèid an treòrachadh ann am braighdeanas a‑steach dha na nàiseanan gu lèir. Bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich gus an tèid amannan nan Cinneach a choileanadh.

25 “Agus bidh comharraidhean anns a' ghrèin, anns a' ghealaich agus anns na rionnagan, agus air an talamh fìor dhragh nàiseanan agus imcheist air sgàth beucadh a' chuain agus nan tonn.

26 Thèid daoine ann an laigse le eagal agus le droch‑dhùil mu na tha a' tighinn air an t‑saoghal, oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

27 Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòth, le cumhachd agus mòr‑ghlòir.

28 Nuair a thòisicheas na rudan seo air tachairt, seasaibh suas agus togaibh ur cinn, oir tha ur saoradh a' tighinn faisg.”

29 Agus dh'innis e cosamhlachd dhaibh: “Seallaibh air a' chraoibh‑fhìge, 's na craobhan gu lèir.

30 Nuair a bhios iad air an duilleach a chur a‑mach, chì sibh air ur son fhèin agus tha fios agaibh gu bheil an samhradh mu thràth faisg air làimh.

31 Mar sin leibhse cuideachd: nuair a chì sibh na rudan seo a' tachairt, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè faisg air làimh.

32 “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo seachad gus an tachair a h‑uile rud.

33 Thèid nèamh agus talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.

34 “Bithibh faiceallach, air eagal 's gum bi ur cridheachan air an draghadh sìos le geòcaireachd agus le misg, agus le cùraman na beatha seo, agus gun tig an latha sin oirbh gu luath mar ribe.

35 Oir thig e air a h‑uile neach a tha a' fuireach air aghaidh na talmhainn gu lèir.

36 Dèanaibh faire aig gach àm, a' dèanamh ùrnaigh airson 's gum bi an neart agaibh airson teicheadh on a h‑uile rud a tha a' dol a thachairt, agus airson seasamh mu choinneamh Mhic an Duine.”

37 Gach latha bha e a' teagasg anns an teampall, ach air an oidhche dheigheadh e a‑mach agus dh'fhanadh e air a' bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola.

38 Agus tràth gach madainn bhiodh an sluagh uile a' tighinn thuige anns an teampall airson èisteachd ris.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan