Lùcas 20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ùghdarras Ìosa air a Cheasnachadh 1 Aon latha, fhad 's a bha Ìosa a' teagasg an t‑sluaigh anns an teampall agus a' searmonachadh an t‑soisgeil, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean, còmhla ri na h‑èildearan, suas thuige. 2 Thuirt iad ris, “Innis dhuinn dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh, no cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?” 3 Fhreagair esan, “Faighnichidh mise ceist dhuibhse cuideachd. Innsibh dhomh: 4 an ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin?” 5 Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan, ‘Carson nach do chreid sibh e?’ 6 Ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ clachaidh an sluagh uile sinn, oir tha iad deimhinnte gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.” 7 Mar sin fhreagair iadsan nach robh fhios aca cò às a bha e. 8 Agus thuirt Ìosa riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson nan rudan seo a dhèanamh.” Cosamhlachd nan Droch Thuathanach 9 Agus thòisich e air a' chosamhlachd seo innse dhan t‑sluagh: “Chuir duine fìon‑lios, agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich airson ùine mhòir. 10 Aig an àm cheart chuir e seirbheiseach gu na tuathanaich airson 's gun toireadh iad dha cuid de thoradh an fhìon‑lios. Ach dhochainn na tuathanaich e agus chuir iad uapa falamh e. 11 Chuir e seirbheiseach eile a‑mach, ach dhochainn iad esan cuideachd agus làimhsich iad gu maslach e agus chuir iad uapa falamh e. 12 Agus chuir e an treas fear a‑mach, ach leòn iad am fear seo cuideachd is thilg iad a‑mach e. 13 “An uair sin thuirt am fear leis an robh am fìon‑lios, ‘Dè a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach thuca; 's dòcha gun toir iad urram dhàsan.’ 14 “Ach nuair a chunnaic na tuathanaich e, thuirt iad nam measg fhèin, ‘Is e seo an t‑oighre. Marbhamaid e airson 's gum bi an oighreachd againn fhèin.’ 15 Mar sin thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e agus mharbh iad e. “Dè an uair sin a nì am fear leis an robh am fìon‑lios riutha? 16 Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich seo agus bheir e am fìon‑lios do dhaoine eile.” Nuair a chuala iad seo, thuirt iad, “Na tachradh e gu bràth!” 17 Ach choimhead e gu dìreach orra, agus thuirt e, “Mar sin, dè mu dheidhinn an rud seo a tha sgrìobhte: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith’? 18 “A h‑uile neach a thuiteas air a' chloich sin, thèid a bhriseadh na phìosan beaga; ach ge b' e air an tuit i, pronnaidh i e.” 19 Dh'iarr na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean an làmhan a chur air aig an àm sin fhèin ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a dh'abair e a' chosamhlachd seo. A' Pàigheadh Chìsean do Chèasar 20 Chùm iad sùil gheur air; chuir iad a‑mach faireadairean, a' leigeil orra gun robh iad fìrinneach, airson 's gun glacadh iad na chainnt e, gus an toireadh iad thairis e do chumhachd agus ùghdarras an riaghladair. 21 Agus dh'fhaighnich iad dha, “Fhir‑Teagaisg, is aithne dhuinn gu bheil thu a' bruidhinn 's a' teagasg gu ceart, agus nach eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine ach a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. 22 A bheil e laghail dhuinne cìs a thoirt do Chèasar no nach eil?” 23 Ach thug e fa‑near an seòltachd, agus thuirt e riutha, 24 “Seallaibh bonn airgid dhomh. Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh a th' air?” Fhreagair iadsan, “Le Cèasar.” 25 Thuirt esan riutha, “Mar sin, thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar, agus do Dhia na rudan a tha le Dia.” 26 Cha b' urrainn dhaibh a ghlacadh tro na briathran aige mu choinneamh an t‑sluaigh. Ach, a' gabhail iongnadh mun fhreagairt aige, dh'fhàs iad sàmhach. Pòsadh anns an Aiseirigh 27 Agus thàinig cuid dhe na Sadusaich thuige, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann, 28 agus cheasnaich iad e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, sgrìobh Maois dhuinne nam bàsaicheadh bràthair duine is gum fàgadh e bean, ach gum biodh e gun chlann, gun gabhadh a bhràthair a bhean thuige fhèin, agus gun togadh e sliochd dha bhràthair. 29 A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann. Agus ghabh a' chiad fhear bean agus chaochail e gun chlann, 30 agus an dara fear, 31 agus ghabh an treas fear i, agus anns an aon dòigh dh'fhàg an t‑seachdnar uile i gun chlann, agus chaochail iad. 32 Mu dheireadh, chaochail am boireannach cuideachd. 33 Mar sin, anns an aiseirigh, cò aca aig am bi i mar bhean? Oir bha i aig an t‑seachdnar mar bhean.” 34 Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha clann na linn seo a' pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, 35 ach iadsan a tha air am meas airidh air an linn ud fhaighinn agus an aiseirigh o na mairbh, chan eil iad a' pòsadh no air an toirt ann am pòsadh. 36 Oir cha chaochail iad a‑chaoidh, on a tha iad coltach ri ainglean, agus tha iad nan clann do Dhia agus tha iad nan clann dhan aiseirigh. 37 Ach a thaobh togail nam marbh, sheall Maois fhèin seo dhuinn anns a' chunntas mun phreas, nuair a ghabh e air an Tighearna ‘Dia Abrahàim agus Dia Ìsaaic agus Dia Iàcoib.’ 38 A‑nis, chan e Dia nam marbh a th' ann ach nam beò, oir dhàsan tha na h‑uile beò.” 39 An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean, “Fhir‑Teagaisg, is math a bhruidhinn thu!” 40 Oir cha robh de dhànadas aca ceist sam bith a chur air tuilleadh. Cò dha a Tha Crìosd na Mhac? 41 An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Ciamar as urrainn dhaibh a ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh? 42 Oir tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm: “‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: Suidh aig mo dheas‑làimh 43 gus an cuir mi do nàimhdean nan stòl fod chasan.’” 44 “Tha Daibhidh mar sin a' gabhail ‘Tighearna’ air. Ciamar mar sin a tha e na mhac dha?” Rabhadh an Aghaidh Luchd‑Teagaisg an Lagha 45 An uair sin thuirt e ri a dheisciobail ann an èisteachd an t‑sluaigh gu lèir, 46 “Bithibh air ur faiceall o na sgrìobhaichean, leis an toigh l' a bhith a' coiseachd mun cuairt ann an culaidhean fada agus leis am miann fàilte fhaighinn anns na margaidhean, agus na prìomh chathraichean fhaighinn anns na sionagogan, agus na h‑àiteachan urramach fhaighinn aig na cuirmean, 47 a tha ag ithe suas taighean bhanntrach, agus airson leigeil orra nì iad ùrnaighean fhada. Gheibh iad sin an dìteadh as motha.” |