Lùcas 19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Sachèus an Cìs‑Mhaor 1 Chaidh Ìosa a‑steach do Iericho agus bha e a' dol troimhe. 2 Agus seall, bha duine an sin air an robh an t‑ainm Sachèus. B' e àrd‑chìs‑mhaor a bh' ann, agus bha e beairteach. 3 Bha e ag iarraidh faicinn cò a bh' ann an Ìosa, ach air sgàth an t‑sluaigh cha b' urrainn dha, a chionn 's gun robh e beag. 4 Mar sin ruith e air thoiseach agus shreap e suas ann an craoibh shicamoir airson 's gum faiceadh e esan, oir bha Ìosa gus a dhol seachad an taobh sin. 5 Nuair a thàinig Ìosa dhan àite, sheall e suas agus thuirt e ris, “A Shachèuis, dèan cabhag 's thig a‑nuas, oir an‑diugh feumaidh mi fuireach aig do thaigh.” 6 Mar sin, a' dèanamh cabhaig, thàinig e a‑nuas agus ghabh e ris gu h‑aoibhneach. 7 Nuair a chunnaic iad uile e, ghearain iad: “Tha e air a dhol a‑steach gus a bhith na aoigh aig duine peacach.” 8 Ach sheas Sachèus agus thuirt e ris an Tighearna, “Seall, a Thighearna, tha mi a' toirt leth dhem chuid dha na bochdan. Agus ma thug mi sìon o neach sam bith tro chasaid‑brèige, bheir mi dha a cheithir uiread.” 9 Agus thuirt Ìosa ris, “Thàinig slàinte an‑diugh chun an taighe seo, a chionn 's gur e mac do dh'Abrahàm a th' anns an duine seo cuideachd. 10 Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a theàrnadh an nì sin a bha caillte.” Cosamhlachd nan Deich Mina 11 Fhad 's a bha iad ag èisteachd ris na rudan seo, lean e air is dh'innis e cosamhlachd, a chionn 's gun robh e faisg air Ierusalem agus a chionn 's gun do shaoil iadsan gun robh rìoghachd Dhè a' dol a nochdadh sa bhad. 12 Mar sin thuirt e, “Chaidh duine uasal do dhùthaich fad' às, airson rìoghachd fhaighinn dha fhèin, agus tilleadh air ais. 13 Ghairm e air deichnear dhe na seirbheisich aige, thug e mina an duine dhaibh, agus thuirt e riutha, ‘Dèanaibh malairt gus an till mi.’ 14 “Ach bha fuath aig a shaoranaich dha agus chuir iad teachdaireachd às a dhèidh ag ràdh, ‘Chan eil sinn ag iarraidh gum bi an duine seo na rìgh oirnn.’ 15 “Nuair a thill e, às dèidh dha an rìoghachd fhaighinn, dh'òrdaich e gum biodh na seirbheisich ud dhan tug e an t‑airgead air an gairm thuige, airson 's gum biodh fios aige dè a bhuannaich iad tro mhalairt. 16 “Thàinig a' chiad fhear air adhart, ag ràdh, ‘A thighearna, choisinn do mhina deich minathan.’ 17 “Thuirt e ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith! A chionn 's gun robh thusa fìrinneach ann am fìor bheagan, biodh uachdaranachd agadsa air deich bailtean.’ 18 “Thàinig an dara fear, ag ràdh, ‘A thighearna, rinn do mhina còig minathan.’ 19 “Agus thuirt e ris‑san, ‘Bidh thusa os cionn còig bailtean.’ 20 “An uair sin thàinig fear eile, ag ràdh, ‘A thighearna, seall do mhina, a bha taisgte agam ann an nèapraige. 21 Oir bha eagal orm romhad, air sgàth 's gur e duine cruaidh a th' annad. Tha thu a' togail an rud nach do thaisg thu agus a' buain an rud nach do chuir thu.’ 22 “Thuirt a mhaighstir ris, ‘Led fhaclan fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbheisich! Bha fios agad gum b' e duine cruaidh a bh' annam, a' togail an rud nach do thaisg mi agus a' buain an rud nach do chuir mi. 23 Carson mar sin nach do chuir thu m' airgead ann am banca? An uair sin, a' tilleadh, thogainn e le riadh.’ 24 “Agus thuirt e riuthasan a sheas faisg air làimh, ‘Thoiribh am mina uaithe, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich minathan.’ 25 “Agus thuirt iad ris, ‘A thighearna, tha deich minathan aige!’ 26 “Tha mi ag ràdh ribh, ‘A h‑uile neach aig a bheil gun tèid barrachd a thoirt dha, ach on neach aig nach eil gun tèid fiù 's na th' aige a thoirt air falbh. 27 Ach na nàimhdean seo agamsa, leis nach bu toigh l' gum bithinn‑sa nam rìgh os an cionn, thugaibh an seo iad agus marbhaibh iad mum choinneamh.’” An Dol‑a‑Steach Buadhmhor 28 Às dèidh do dh'Ìosa na rudan sin a ràdh, lean e air adhart romhpa, a' dol suas gu Ierusalem. 29 Fhad 's a thàinig e faisg air Betphage agus Betani aig a' bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola, chuir e air falbh dithis dheisciobal, 30 ag ràdh, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus nuair a thèid sibh a‑steach gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e. 31 Ma dh'fhaighnicheas neach sam bith dhuibh, ‘Carson a tha sibh ga fhuasgladh?’ canaibh mar seo: ‘Tha feum aig an Tighearna air.’” 32 Mar sin dh'fhàg iadsan a chaidh a chur air falbh, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt esan riutha. 33 Agus fhad 's a bha iad a' fuasgladh an t‑searraich, thuirt iadsan leis an robh e riutha, “Carson a tha sibh a' fuasgladh an t‑searraich?” 34 Fhreagair iadsan, “Tha feum aig an Tighearna air.” 35 Mar sin thug iad gu Ìosa e agus thilg iad an cuid aodaich uachdair air an t‑searrach, agus chuir iad Ìosa air. 36 Fhad 's a chaidh e air adhart, sgaoil iad an t‑aodach‑uachdair aca air an rathad. 37 Nuair a bha e mu thràth a' tighinn faisg air slighe sìos Beinn nan Crann‑Ola, thòisich mòr‑chuideachd nan deisciobal uile air gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guthan àrda airson nan obraichean cumhachdach uile a bha iad air fhaicinn, 38 ag ràdh: “Is beannaichte an Rìgh a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna! Sìth ann an nèamh agus glòir anns na h‑àrdan!” 39 Thuirt cuid dhe na Pharasaich on t‑sluagh ris, “Fhir‑Teagaisg, cronaich do dheisciobail!” 40 Agus fhreagair esan, “Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin sàmhach, gun èigheadh na clachan a‑mach.” 41 Agus a' tighinn faisg, chunnaic e am baile is chaoin e air a shon 42 agus thuirt e, “Nam b' aithne dhut, fiù 's dhutsa, air an latha seo na rudan a bhuineas dhad shìth – ach tha iad a‑nis falaichte od shùilean. 43 Oir thig na làithean ort nuair a chuireas do nàimhdean balla‑bacaidh mud thimcheall agus cuartaichidh iad thu agus bruthaidh iad a‑steach air gach taobh dhìot. 44 Leagaidh iad chun an làir thu, agus do chlann annad. Agus chan fhàg iad clach air muin cloiche annad, a chionn 's nach b' aithne dhut àm‑tadhail Dhè ort.” Ìosa anns an Teampall 45 An uair sin chaidh e a‑steach dhan teampall agus thòisich e air an fheadhainn a bha a' reic a thilgeil a‑mach, 46 ag ràdh riutha, “Tha e sgrìobhte, ‘Bidh mo thaigh‑sa na thaigh‑ùrnaigh;’ ach rinn sibhse uamh mhèirleach dheth.” 47 Agus bha e a' teagasg gach latha anns an teampall. Bha na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus ceannardan an t‑sluaigh ag iarraidh a chur gu bàs, 48 ach cha robh iad a faighinn a' chothruim, oir bha an sluagh uile ag èisteachd gu dùrachdach ris. |