Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Cosamhlachd na Banntraich Leanailtich

1 An uair sin dh'innis e cosamhlachd dhaibh a' sealltainn gum bu chòir ùrnaigh a dhèanamh an‑còmhnaidh agus gun a bhith a' call misneachd.

2 Thuirt e, “Ann am baile sònraichte bha britheamh, air nach robh eagal Dhè 's nach robh a' toirt urraim do dhuine.

3 Agus bha banntrach anns a' bhaile sin a chùm oirre a' tighinn thuige ag ràdh, ‘Thoir ceartas dhomh an aghaidh mo neach‑casaid.’

4 “Airson ùine dhiùlt e, ach mu dheireadh thall thuirt e, ‘Ged nach eil eagal Dhè orm 's nach eil mi a' toirt urraim do dhuine,

5 a chionn 's gu bheil a' bhanntrach seo a' cumail oirre gam bhuaireadh, bheir mi ceartas dhi airson 's nach sàraich i mi le a tighinn leanailtich.’”

6 Agus thuirt an Tighearna, “Èistibh ri na tha am britheamh eucorach ag ràdh.

7 Agus nach toir Dia ceartas dha dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a latha 's a dh'oidhche? Am bi e slaodach gus am freagairt?

8 Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e cinnteach gum faigh iad ceartas gu luath. Ach nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh?”


Cosamhlachd an Pharasaich 's a' Chìs‑Mhaoir

9 Dh'innis Ìosa an uair sin a' chosamhlachd seo do chuid a bha ag earbsa asta fhèin gun robh iad nam fìreanan, agus a bha a' cur feadhainn eile ann an suarachas:

10 “Chaidh dithis fhear suas dhan teampall a dh'ùrnaigh, fear dhiubh na Pharasach 's am fear eile na chìs‑mhaor.

11 Sheas am Pharasach agus rinn e an ùrnaigh seo ris fhèin: ‘A Dhè, tha mi a' toirt taing dhut nach eil mi mar a tha daoine eile – sanntach, eucorach, adhaltranach – no fiù 's coltach ris a' chìs‑mhaor seo.

12 Tha mi a' trasgadh dà uair san t‑seachdain, agus tha mi a' toirt seachad an deicheamh pàirt dhen a h‑uile rud a gheibh mi.’

13 “Ach, a' seasamh fad' às, cha togadh an cìs‑mhaor fiù 's a shùilean suas gu nèamh, ach bhuail e a chom, ag ràdh, ‘A Dhia, bi tròcaireach riumsa, am peacach!’

14 “Tha mi ag ràdh ribh, chaidh am fear seo sìos dha thaigh fhèin air fhìreanachadh, an àite an fhir ud eile. Oir a h‑uile neach a dh'àrdaicheas e fhèin, thèid ìsleachadh, agus an neach a dh'ìslicheas e fhèin, thèid àrdachadh.”


Clann Bheaga agus Ìosa

15 Bha daoine a' toirt fiù 's naoidheanan thuige airson 's gum beanadh e riutha, ach nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.

16 Ach ghairm Ìosa iad thuige fhèin agus thuirt e, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa, agus na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.

17 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh, gu cinnteach cha tèid e a‑steach innte.”


An Riaghladair Beairteach

18 Dh'fhaighnich riaghladair sònraichte dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”

19 Thuirt Ìosa ris, “Carson a tha thu a' gabhail math ormsa? Chan eil neach sam bith math ach Dia a‑mhàin.

20 Is aithne dhut na h‑àitheantan: ‘Na dèan adhaltranas, na dèan murt, na goid, na toir fianais‑bhrèige, thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair.’”

21 Agus thuirt esan, “Tha mi air iad sin uile a chumail om òige.”

22 Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Reic a h‑uile rud a th' agad agus dèan roinn air am measg nam bochdan agus bidh ionmhas agad ann an nèamh, agus trobhad 's lean mise.”

23 Ach nuair a chuala e seo, dh'fhàs e ro bhrònach, oir bha e fìor bheairteach.

24 Choimhead Ìosa air agus thuirt e, “Nach e a tha doirbh dhaibhsan aig a bheil beairteas a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè!

25 Oir tha e nas fhasa do chàmhal a dhol tro chrò snàthaid na do neach beairteach a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.”

26 Thuirt iadsan a chuala seo, “Cò mar sin as urrainn a bhith air a shàbhaladh?”

27 Agus thuirt esan, “Na rudan a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.”

28 An uair sin thuirt Peadar, “Seall, tha sinne air na rudan againn fhèin fhàgail agus air do leantainn‑sa.”

29 Thuirt e riutha, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil aon neach a dh'fhàg taigh, no bean, no bràithrean, no pàrantan, no clann air sgàth rìoghachd Dhè

30 nach faigh tòrr mòr a bharrachd anns an àm seo agus, anns an linn ri thighinn, a' bheatha shìorraidh.”


Ìosa A‑Rithist a' Dèanamh Ro‑Innse ma Bhàs Fhèin

31 Thug e an dà fhear dheug gu aon taobh, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh a h‑uile rud a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.

32 Oir bidh e air a thoirt thairis dha na Cinnich, agus thèid magadh a dhèanamh air agus thèid tàir a dhèanamh air agus thèid smugaidean a thilgeil air.

33 Agus às dèidh a sgiùrsadh, marbhaidh iad e, agus air an treas latha èiridh e.”

34 Ach cha do thuig iadsan aon dhe na rudan seo. Bha am facal seo falaichte uapa agus cha do thuig iad na rudan a chaidh a ràdh.


Dèirceach Dall a' Faighinn a Fhradhairc

35 Nuair a thàinig Ìosa faisg air Iericho, bha duine dall na shuidhe ri taobh an rathaid ag iarraidh dèirce.

36 Agus nuair a chuala e sluagh a' dol seachad, dh'fhaighnich e dè dh'fhaodadh a bhith ann.

37 Dh'innis iad dha, “Tha Ìosa o Nàsaret a' dol seachad.”

38 Agus dh'èigh e, “Ìosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”

39 Agus chronaich iadsan a bh' air thoiseach e, ag ràdh ris a bhith sàmhach, ach b' ann a bu mhotha buileach a dh'èigh esan, “A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”

40 Stad Ìosa agus dh'àithn e gum biodh e air a threòrachadh thuige. Agus nuair a thàinig e faisg, dh'fhaighnich Ìosa dha,

41 “Dè a bu toigh leat a dhèanainn‑sa dhut?” Thuirt esan, “A Thighearna, mo fhradharc fhaighinn air ais.”

42 Thuirt Ìosa ris, “Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu.”

43 Anns a' bhad fhuair e a fhradharc air ais, agus lean e e, a' toirt glòir do Dhia. Nuair a chunnaic an sluagh uile seo, thug iad cliù do Dhia.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan