Lùcas 17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Peacadh, Creideamh, Dleastanas 1 Thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Chan urrainn nach tig buairidhean gus a bhith a' peacachadh, ach is mairg dhàsan tron tig iad. 2 B' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge na gun adhbhraicheadh e gum peacaicheadh aon dhen fheadhainn bheaga seo. 3 Thugaibh an aire dhuib' fhèin. “Ma pheacaicheas do bhràthair, cronaich e, agus ma nì e aithreachas, thoir mathanas dha. 4 Agus ma pheacaicheas e nad aghaidh seachd uairean anns an latha, ma thilleas e thugad seachd uairean ag ràdh, ‘Tha aithreachas orm,’ thoir mathanas dha.” 5 Thuirt na h‑abstoil ris an Tighearna, “Meudaich ar creideamh!” 6 Fhreagair an Tighearna, “Nam biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol mustaird, chanadh sibh ris a' chraoibh shiceamain seo, ‘Bi air do spìonadh às do bhun, agus bi air do shuidheachadh san fhairge.’ Agus bhiodh i umhail dhuibh. 7 “Ach cò nur measg aig a bheil seirbheiseach a bha dìreach air tilleadh o bhith a' treabhadh no a' buachailleachd a chanadh ris, ‘Thig anns a' bhad, agus suidh sìos gu biadh’? 8 Nach dòcha an àite sin gun canadh e ris, ‘Ullaich suipear dhomh agus, a' cur aodach ceart ort, fritheil dhomh fhad 's a dh'itheas is a dh'òlas mi; agus às dèidh sin ithidh is òlaidh tusa’? 9 An toir e taing dhan t‑seirbheiseach sin a chionn 's gun do rinn e na chaidh òrdachadh dha? 10 Mar sin sibhse cuideachd: nuair a tha sibh air a h‑uile rud a chaidh àithne dhuibh a dhèanamh, canaibh, ‘Is seirbheisich neo‑airidh sinn; oir cha do rinn sinn ach ar dleastanas.’” Deichnear air an Leigheas o Luibhre 11 A‑nis, air a shlighe gu Ierusalem, bha Ìosa a' dol eadar Samaria is Galile. 12 Agus fhad 's a bha e a' dol a‑steach do bhaile, thachair deichnear dhaoine ris a bha nan lobhair. Sheas iad fada uaithe, 13 agus thog iad suas an guthan, ag ràdh, “Ìosa, a Mhaighstir, dèan tròcair oirnn.” 14 Nuair a chunnaic e iad, thuirt e riutha, “Thallaibh agus seallaibh sib' fhèin dha na sagartan.” Agus fhad 's a bha iad a' falbh, chaidh an dèanamh glan. 15 An uair sin, nuair a chunnaic aon dhiubh gun deach a leigheas, thill e air ais, a' toirt glòir do Dhia le guth àrd, 16 agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann. 17 An uair sin fhreagair Ìosa, “Nach deach deichnear a ghlanadh? Càit a bheil an naoinear eile? 18 Nach deach neach sam bith a lorg a thill agus a thug moladh do Dhia ach an coigreach seo?” 19 Agus thuirt e ris, “Èirich is thalla, shlànaich do chreideamh thu.” Teachd Rìoghachd Dhè 20 Às dèidh dha na Pharasaich faighneachd dha cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad ag ràdh, “Chan eil rìoghachd Dhè a' tighinn le comharraidhean a tha follaiseach. 21 Cha mhotha a chanas iad, ‘Seall, seo i!’ no ‘Seall, siud i!’ oir seallaibh, tha rìoghachd Dhè nur measg.” 22 An uair sin thuirt e ris na deisciobail, “Thig na làithean nuair a mhiannaicheas sibh aon dhe na làithean aig Mac an Duine fhaicinn, ach chan fhaic sibh e. 23 Agus canaidh iad ribh, ‘Seall an siud!’ no ‘Seall an seo!’ Na rachaibh a‑mach agus na leanaibh iad. 24 Oir mar a tha an dealanach a' boillsgeadh 's a' lasadh an adhair o aon taobh chun an taoibh eile, mar sin bidh Mac an Duine na latha fhèin. 25 Ach an toiseach feumaidh e mòran rudan fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis a' ghinealach seo. 26 “Dìreach mar a bha ann an làithean Nòah, mar sin cuideachd bithidh ann an làithean Mhic an Duine. 27 Bha iad ag ithe agus ag òl, a' pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an latha anns an deach Nòah a‑steach dhan àirc, agus thàinig an dìle is sgrios i iad uile. 28 “Anns an aon dòigh, dìreach mar a thachair ann an làithean Lot, bha iad ag ithe agus ag òl, a' ceannach agus a' reic, a' cur agus a' togail. 29 Ach air an latha nuair a chaidh Lot a‑mach à Sodom, chaidh teine 's pronnasg a fhrasadh o nèamh, agus sgrios e iad uile. 30 “Is ann dìreach mar sin a bhitheas air an latha anns an tèid Mac an Duine fhoillseachadh. 31 Air an latha sin, an neach a bhios air mullach an taighe, agus a chuid anns an taigh, na tigeadh e a‑nuas airson a thoirt leis; agus anns an aon dòigh an neach a th' anns an achadh, na tilleadh esan air ais. 32 Cuimhnichibh air bean Lot. 33 Ge b' e a dh'iarras a bheatha fhèin a ghleidheadh, caillidh e i, agus ge b' e a chailleas a bheatha, sàbhailidh e i. 34 Tha mi ag ràdh ribh, air an oidhche sin bidh dithis anns an aon leabaidh; bidh aon dhiubh air a ghabhail, agus am fear eile air fhàgail. 35 Bidh dithis bhan a' bleith còmhla; bidh aon dhiubh air a gabhail agus an tèile air a fàgail. 36 [Bidh dithis dhaoine anns an achadh; bidh aon dhiubh air a ghabhail agus am fear eile air fhàgail.]” 37 Agus ga fhreagairt thuirt iadsan, “Càit, a Thighearna?” Agus thuirt esan riutha, “Ge b' e càite am bi an corp, an sin cruinnichidh na fangan.” |