Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 15 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Cosamhlachd na Caorach Chaillte

1 A‑nis bha na cìs‑mhaoir agus na peacaich uile a' teannadh dlùth ri Ìosa airson èisteachd ris.

2 Agus bha na Pharasaich is na sgrìobhaichean a' gearain, ag ràdh, “Tha am fear seo a' cur fàilte air peacaich agus ag ithe còmhla riutha.”

3 Dh'innis e a' chosamhlachd seo dhaibh, ag ràdh:

4 “Cò am fear agaibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fhàg an naochad 's a naoi anns an fhàsach, agus nach tèid às dèidh na tè a bha air chall, gus am faigh e i?

5 Agus nuair a tha e air a lorg, cuiridh e air a ghuailnean i, a' dèanamh gàirdeachais,

6 is nuair a thig e dhachaigh, gairmidh e a charaidean is a choimhearsnaich còmhla, ag ràdh riutha, ‘Dèanaibh gàirdeachas còmhla riumsa, a chionn 's gun do lorg mi mo chaora a bha caillte.’

7 Tha mi ag ràdh ribh, san aon dòigh bidh aoibhneas air nèamh airson aon pheacach a nì aithreachas nas motha na airson naochad 's a naoi fìrean aig nach eil feum air aithreachas.”


Cosamhlachd a' Bhuinn Chaillte

8 “No cò am boireannach aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn dhiubh, nach las lampa, agus nach sguab an taigh, is nach sir gu dìcheallach gus am faigh i e?

9 Agus nuair a tha i air a lorg, gairmidh i a banacharaidean 's a bana‑choimhearsnaich, ag ràdh, ‘Dèanaibh gàirdeachas còmhla riumsa, oir lorg mi am bonn a chaill mi.’

10 San aon dòigh, tha mi ag ràdh ribh gu bheil gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacach a nì aithreachas.”


Cosamhlachd a' Mhic Caillte

11 Is thuirt Ìosa, “Bha duine àraidh ann aig an robh dithis mhac.

12 Thuirt am mac a b' òige dhiubh ri athair, ‘Athair, thoir dhòmhsa an roinn dhed mhaoin a thig thugam.’ Agus roinn e eatarra a sheilbh.

13 “Beagan làithean às dèidh sin, chruinnich am mac a b' òige a chuid gu lèir, agus chaidh e air turas do dhùthaich fhad' às agus an sin chaith e a mhaoin air beatha stròdhail.

14 Agus nuair a bha e air a h‑uile rud a chaitheamh, dh'èirich gort ro mhòr anns an dùthaich sin, agus thòisich e air a bhith ann an dìth.

15 Agus chaidh e is cheangail e e fhèin ri aon de shaoranaich na dùthcha sin a chuir dha na h‑achaidhean aige e, a bhiathadh mhuc.

16 Agus bha e a' miannachadh a làn ithe dhe na rùsgan a bha na mucan ag ithe, ach cha tug duine sìon dha.

17 “Nuair a thàinig e thuige fhèin, thuirt e, ‘Cia mheud de luchd‑tuarastail m' athar‑sa aig a bheil barrachd air gu leòr arain, ach seo mise a' bàsachadh leis an acras?

18 Èiridh mi agus thèid mi gum athair, agus canaidh mi ris: “Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh, agus mud choinneamh‑sa.

19 Chan eil mi airidh tuilleadh air gun deigheadh do mhac‑sa a ghabhail orm; dèan mar aon dhed luchd‑tuarastail mi.”’

20 Mar sin dh'èirich e agus chaidh e gu athair. “Ach fhad 's a bha e fhathast fad' air falbh, chunnaic athair e agus ghabh e truas ris, agus ruith e, agus a' cur a ghàirdeanan timcheall air amhaich, phòg e e.

21 “Thuirt am mac ris, ‘Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh agus mud choinneamh‑sa, agus chan eil mi airidh tuilleadh air gun deigheadh do mhac a ghabhail orm.’

22 “Ach thuirt an t‑athair ri a sheirbheisich, ‘Dèanaibh cabhag! Thugaibh a‑mach a' chulaidh as fheàrr, agus cuiribh air i. Cuiribh fàinne air a làimh agus cuarain air a chasan.

23 Agus thugaibh an seo an laogh reamhraichte is marbhaibh e. Itheamaid agus bitheamaid subhach.

24 Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rithist; bha e caillte agus chaidh a lorg.’ Agus thòisich iad air a bhith subhach.

25 “A‑nis bha am mac a bu shine aige a‑muigh anns an achadh, agus fhad 's a thàinig e 's a theann e faisg air an taigh, chuala e ceòl agus dannsa.

26 Agus ghairm e thuige aon dhe na seirbheisich agus dh'fhaighnich e dè a bu chiall dha na rudan sin.

27 Agus thuirt esan ris, ‘Thill do bhràthair agus mharbh d' athair an laogh reamhraichte a chionn 's gun d' fhuair e air ais slàn sàbhailte e.’

28 “Ach dh'fhàs esan feargach agus cha robh e deònach a dhol a‑steach. Thàinig athair a‑mach agus ghuidh e air.

29 Ach fhreagair e athair, ‘Seall, na h‑uiread seo de bhliadhnaichean tha mise air seirbheis a dhèanamh dhut, agus cha robh mi eas‑umhail riamh dhad àithne, ach a dh'aindeoin sin cha tug thu riamh gobhar òg dhomh, airson 's gum bithinn subhach còmhla rim charaidean.

30 Ach nuair a thàinig do mhac seo, am fear a chaith do sheilbh còmhla ri siùrsaichean, mharbh thu an laogh reamhraichte dha!’

31 “Agus thuirt e ris, ‘A mhic, tha thusa an‑còmhnaidh còmhla rium, agus a h‑uile sìon as leamsa, is leatsa e.

32 Bha e iomchaidh a bhith subhach agus aoibhneach, oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò; bha e caillte, agus chaidh fhaighinn.’”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan