Lùcas 10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ìosa a' Cur a‑mach an t‑Seachdad is Dithis 1 Às dèidh seo shuidhich an Tighearna seachdad [is dithis] neach eile agus chuir e iad air thoiseach air, dithis is dithis, dha gach baile is àite a bha e fhèin gus a dhol thuige. 2 Thuirt e riutha, “Gu dearbh tha am fogharadh mòr, ach tha an luchd‑obrach gann. Guidhibh, mar sin, gun cuir Tighearna an fhogharaidh luchd‑obrach a‑mach dhan fhogharadh aige fhèin. 3 Thallaibh! Seall, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadaidhean‑allaidh. 4 Na giùlainibh sporan, no poca, no cuarain, agus na cuiribh fàilte air neach sam bith air an t‑slighe. 5 “Ge b' e taigh dhan tèid sibh a‑steach, canaibh an toiseach, ‘Sìth dhan taigh seo!’ 6 Agus ma bhios mac sìthe an sin, nì ur sìth tàmh air. Ach mura bi, tillidh ur sìth air ais thugaibh. 7 Fanaibh san taigh sin, ag ithe 's ag òl nan rudan a thèid a thoirt dhuibh, oir is airidh am fear‑obrach air a thuarastal. Na bithibh a' falbh o thaigh gu taigh. 8 “Ge b' e baile dhan tèid sibh a‑steach is gun gabh iad ribh, ithibh na th' air a chur mur coinneamh. 9 Leighisibh an fheadhainn a tha tinn ann, agus canaibh riutha, ‘Tha rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’ 10 Ach ge b' e baile dhan tèid sibh a‑steach is nach gabh iad ribh, thallaibh a‑mach air a shràidean ag ràdh, 11 ‘Fiù 's dust ur baile a leanas ri ar casan tha sinn a' suathadh dhinn nur n‑aghaidh‑se. A dh'aindeoin sin, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’ 12 Tha mise ag innse dhuibh gum bi e nas fhasa do Shodom fulang san latha ud na dhan bhaile sin. 13 “Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a bh' air an dèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh, nan suidhe ann an saic‑aodach 's ann an luaithre. 14 Ach bidh e nas fhasa do Thìrus is do Shìdon fulang anns a' bhreitheanas na bhios e dhuibhse. 15 Agus thusa, a Chapernàum, am bi thu air do thogail suas a nèamh? Bidh thu air do thoirt sìos a dh'Ifrinn! 16 “An neach a dh'èisteas ribhse, èistidh e riumsa; an neach a dhiùltas sibhse, diùltaidh e mise; agus an neach a dhiùltas mise, tha e a' diùltadh an Aoin a chuir a‑mach mi.” 17 Thill an seachdad [is dithis] le aoibhneas, ag ràdh, “A Thighearna, tha fiù 's na deamhain fo smachd againne trod ainm‑sa.” 18 Thuirt e riutha, “Chunnaic mi Sàtan a' tuiteam mar dhealanach o nèamh. 19 Tha mi a' toirt cumhachd dhuibh airson saltairt air nathraichean is sgorpionan is air cumhachd an nàmhaid gu lèir, agus cha dèan nì sam bith cron idir oirbh. 20 A dh'aindeoin sin, na dèanaibh gàirdeachas a chionn 's gu bheil na spioradan fo ur smachd, ach dèanaibh gàirdeachas a chionn 's gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte ann an nèamh.” 21 Aig an àm sin fhèin rinn Ìosa gàirdeachas anns an Spiorad Naomh, agus thuirt e, “Tha mi a' toirt taing dhut, O Athair, a Thighearna nèimh is na talmhainn, gun do dh'fhalaich thu na rudan sin o dhaoine glic is tuigseach, agus gun do dh'fhoillsich thu iad do leanabanan. Seadh, Athair, oir b' e a leithid sin do rùn gràsmhor‑sa. 22 “Chaidh a h‑uile rud a thoirt dhòmhsa lem Athair, agus chan aithne do neach sam bith cò e am Mac ach an t‑Athair; cha mhotha as aithne do neach sam bith cò e an t‑Athair ach am Mac agus neach sam bith dhan toigh leis a' Mhac fhoillseachadh.” 23 An uair sin, a' tionndadh gu a dheisciobail gu h‑uaigneach, thuirt e, “Is beannaichte na sùilean a chì na rudan a tha sibhse a' faicinn. 24 Oir tha mi ag innse dhuibh gum b' iomadh fàidh is rìgh a mhiannaich na rudan fhaicinn a tha sibhse a' faicinn ach nach fhaca iad, agus na rudan a chluinntinn a tha sibhse a' cluinntinn ach nach cuala iad.” Cosamhlachd an t‑Samaritanaich Chòir 25 Agus seall, sheas fear‑lagha suas airson a dhearbhadh, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, dè a nì mi airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?” 26 Thuirt e ris, “Dè a tha sgrìobhte san lagh? Ciamar a tha thu ga leughadh?” 27 Agus fhreagair e, “‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe agus led uile anam agus led uile neart agus led uile inntinn,’ agus ‘do choimhearsnach mar thu fhèin.’” 28 Agus thuirt e ris, “Fhreagair thu gu ceart; dèan thusa seo agus bidh thu beò.” 29 Ach bha esan ag iarraidh e fhèin fhìreanachadh, agus thuirt e ri Ìosa, “Agus cò e mo choimhearsnach?” 30 Fhreagair Ìosa, “Bha duine a' dol sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg mhèirleach. Rùisg is lot iad e agus rinn iad às, ga fhàgail leth‑mharbh. 31 Thachair gun robh sagart a' dol sìos an rathad sin, agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile. 32 Mar sin cuideachd Lèbhitheach: nuair a thàinig e chun an àite is a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile. 33 Ach fhad 's a bha Samaritanach air a thuras, thàinig e far an robh e, agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas ris. 34 Chaidh e thuige agus cheangail e suas a lotan, a' dòrtadh ola agus fìon annta. An uair sin chuir e air a bheathach fhèin e, agus thug e gu taigh‑òsta e, agus ghabh e a chùram. 35 Agus an làrna‑mhàireach thug e a‑mach dà bhonn airgid agus thug e dhan òstair iad, ag ràdh, ‘Gabh a chùram, agus ge b' e dè a bharrachd a chaitheas tu, dìolaidh mi dhut e nuair a thilleas mi air ais.’ 36 “Cò dhen triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg nam mèirleach?” 37 Fhreagair esan, “An neach a rinn tròcair air.” Thuirt Ìosa ris, “Thalla thusa, agus dèan san aon dòigh.” Aig Dachaigh Marta is Màiri 38 Fhad 's a lean iad orra air an t‑slighe aca, chaidh Ìosa a‑steach do bhaile, far an do chuir boireannach dham b' ainm Marta fàilte air a‑steach dha taigh fhèin. 39 Agus bha piuthar aice air an robh an t‑ainm Màiri, a shuidh aig casan Ìosa is a dh'èist ri fhacal. 40 Ach bha aire Mharta air a tarraing air falbh le mòran frithealaidh. Thàinig i thuige agus thuirt i, “A Thighearna, nach eil dragh idir agad gun do dh'fhàg mo phiuthar mise nam aonar a' frithealadh? Can rithe mo chuideachadh!” 41 Ach fhreagair an Tighearna i, “A Mharta, a Mharta, tha thusa iomagaineach agus draghail mu mhòran rudan, 42 ach tha aon rud feumail. Tha Màiri air a' chuid mhath a thaghadh, agus cha bhi i air a toirt air falbh uaipe.” |