Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Coisrigeadh an Leabhair do Theophilus

1 A chionn 's gu bheil mòran air gabhail os làimh cunntas a chur ri chèile mu na rudan a chaidh a choileanadh nar measg‑ne,

2 dìreach mar a dh'earb iadsan rinne iad, a bha nan sùil‑fhianaisean agus nan luchd‑frithealaidh air an fhacal:

3 chunnaic mise iomchaidh e cuideachd – on a rannsaich mi a h‑uile rud gu mionaideach on toiseach – eachdraidh òrdail a sgrìobhadh dhut, a Theophiluis as uaisle,

4 airson 's gum faod cinnt a bhith agad mu na rudan a chaidh a theagasg dhut.


Fàidheadaireachd mu Bhreith Eòin Baistidh

5 Ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, bha sagart ann air an robh an t‑ainm Sachariah, de roinn shagartail Abia. Agus bha a bhean o nigheanan Aaroin, agus b' e Ealasaid an t‑ainm a bh' oirre.

6 Agus bha an dithis aca fìreanta mu choinneamh Dhè, gan giùlain fhèin gu neo‑lochdach ann an àithntean is òrduighean an Tighearna gu lèir.

7 Ach cha robh leanabh aca, a chionn 's gun robh Ealasaid neo‑thorrach, agus bha an dithis aca suas ann am bliadhnaichean.

8 A‑nis, fhad 's a bha esan a' frithealadh mar shagart mu choinneamh Dhè, nuair a bha an roinn aigesan fo dhleastanas frithealaidh –

9 a rèir cleachdadh na sagartachd – chaidh a thaghadh tro chrannchur airson a dhol a‑steach do theampall an Tighearna agus tùis a losgadh.

10 Agus bha mòr‑bhuidheann an t‑sluaigh gu lèir ag ùrnaigh a‑muigh aig àm na tùise.

11 Is nochd aingeal leis an Tighearna ris, na sheasamh air taobh deas altair na tùise.

12 Agus bha Sachariah fo dhragh mòr nuair a chunnaic e e, is bhuail eagal e.

13 Ach thuirt an t‑aingeal ris, “Na gabh eagal, a Shachariah; oir chaidh d' ùrnaigh a chluinntinn, agus beiridh do bhean Ealasaid mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.

14 Agus bidh aoibhneas is toileachas ort; agus nì mòran gàirdeachas aig àm a bhreith.

15 Oir bidh e mòr mu choinneamh an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch‑làidir idir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, fiù 's o bhroinn a mhàthar.

16 Agus tillidh e mòran de chloinn Israeil chun an Tighearna an Dia‑san.

17 Agus thèid e roimhesan ann an spiorad 's ann an cumhachd Eliah, airson cridheachan nan athraichean a thionndadh chun na cloinne, agus na h‑eas‑umhail gu gliocas nam fìrean, airson sluagh a dhèanamh deiseil dhan Tighearna a th' air an ullachadh.”

18 Agus thuirt Sachariah ris an aingeal, “Ciamar a bhios fios agam air a seo? Oir is e seann duine a th' annam, agus tha mo bhean suas ann am bliadhnaichean.”

19 Agus fhreagair an t‑aingeal e, “Is mise Gàbriel a tha a' seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh mo chur airson bruidhinn riutsa agus an naidheachd mhath seo a thoirt thugad.

20 Agus, seall, bidh thu balbh is gun chomas bruidhinn gus an latha nuair a thachras na rudan seo, a chionn 's nach do chreid thu m' fhaclan‑sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.”

21 Agus bha an sluagh a' feitheamh ri Sachariah, agus bha an dàil a rinn e anns an teampall a' cur iongnadh orra.

22 Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b' urrainn dha bruidhinn riutha, agus thuig iad gum faca e sealladh anns an teampall, oir chùm e air a' smèideadh riutha, agus dh'fhan e balbh.

23 Agus nuair a bha làithean a fhrithealaidh seachad chaidh e dha thaigh fhèin.

24 Às dèidh nan làithean sin dh'fhàs a bhean Ealasaid torrach, agus chùm i i fhèin air falach airson còig mìosan, ag ràdh,

25 “Is ann mar seo a rinn an Tighearna rium anns na làithean san do sheall e orm, a' toirt mo mhaslaidh am measg dhaoine air falbh uam.”


Fàidheadaireachd mu Bhreith Ìosa

26 Anns an t‑siathamh mìos, chaidh an t‑aingeal Gàbriel a chur o Dhia gu baile ann an Galile air an robh an t‑ainm Nàsaret,

27 gu òigh a bha fo ghealladh‑pòsaidh aig fear dham b' ainm Iòsaph, de thaigh Dhaibhidh; b' e ainm na h‑òighe Moire,

28 agus thàinig e thuice is thuirt e, “Fàilte, O thusa a fhuair fàbhar, tha an Tighearna còmhla riut!”

29 Ach bha i fo dhragh mòr air sgàth an fhacail aige, agus dh'fheuch i ri reusanachadh gu dè an seòrsa fàilte a dh'fhaodadh a bhith an seo.

30 Agus thuirt an t‑aingeal rithe, “Na bi fo eagal, a Mhoire; oir fhuair thu fàbhar le Dia.

31 Agus, seall, fàsaidh tu torrach nad bhroinn, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ìosa mar ainm air.

32 Bidh e mòr, agus thèid Mac an Aoin as Àirde a ghabhail air; agus bheir an Tighearna Dia rìgh‑chathair athar, Daibhidh, dha.

33 Agus riaghlaidh e thairis air taigh Iàcoib gu sìorraidh, agus air a rìoghachd cha bhi crìoch.”

34 Agus thuirt Moire ris an aingeal, “Ciamar as urrainn seo a bhith, on as e òigh a th' annamsa?”

35 Agus fhreagair an t‑aingeal i, “Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Aoin as Àirde sgàil ort. Mar sin, an leanabh naomh a bhios air a bhreith, gabhaidh iad Mac Dhè air.

36 Agus, seall, do bhanacharaid Ealasaid, na seann aois, tha ise cuideachd torrach le mac; agus is e seo an t‑siathamh mìos dhìse air an deach neo‑thorrach a ghabhail,

37 oir cha bhi rud sam bith do‑dhèante do Dhia.”

38 Agus thuirt Moire, “Seall, is mise searbhanta an Tighearna; biodh e dèante riumsa a rèir d' fhacail.” Agus dh'fhàg an t‑aingeal i.


Moire a' Tadhal air Ealasaid

39 Anns na làithean sin dh'èirich Moire agus chaidh i ann an cabhaig gu dùthaich nam beann, gu baile ann an Iùdah,

40 agus chaidh i a‑steach do thaigh Shachariais, agus chuir i fàilte air Ealasaid.

41 Agus nuair a chuala Ealasaid fàilte Mhoire, leum an naoidhean na broinn, agus chaidh Ealasaid a lìonadh leis an Spiorad Naomh.

42 Agus dh'èigh i a‑mach le guth àrd, “Is beannaichte thu am measg bhoireannach, agus is beannaichte toradh do bhroinne!

43 Agus carson a dh'èirich seo dhòmhsa, gun tigeadh màthair mo Thighearna thugam?

44 Oir seall, cho luath 's a thàinig fuaim d' fhàilte gu mo chluasan, leum an naoidhean le aoibhneas nam bhroinn.

45 Agus is beannaichte ise a chreid gun deigheadh na thuirt an Tighearna rithe a choileanadh.”


Òran Moire

46 Agus thuirt Moire, “Tha m' anam ag àrdachadh an Tighearna,

47 agus tha mo spiorad a' dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:

48 oir tha e air sealltainn air staid ìosal a shearbhanta: oir seall, o seo suas gabhaidh a h‑uile ginealach ‘beannaichte’ orm.

49 Oir tha an t‑Aon a tha cumhachdach air rudan mòra a dhèanamh dhomh; agus is naomh ainm‑san.

50 Agus tha a thròcair dhaibhsan dhan eagal e – o ghinealach gu ginealach.

51 Nochd e neart le a ghàirdean; sgap e na h‑uaibhrich ann an smuain an cridhe.

52 Tha e air an luchd‑riaghlaidh a thoirt a‑nuas on cathraichean, agus tha e air iadsan a bha iriosal àrdachadh.

53 Lìon e an fheadhainn a bha acrach le rudan matha; agus na daoine saidhbhir chuir e air falbh falamh.

54 Chuidich e a sheirbheiseach Israel gus a thròcair a chuimhneachadh.

55 Mar a thuirt e ri ar n‑athraichean, ri Abrahàm agus ri a shliochd gu sìorraidh.”

56 Agus dh'fhan Moire còmhla ri Ealasaid mu thrì mìosan, agus thill i dha taigh fhèin.


Àm Breith Eòin Baistidh

57 A‑nis thàinig an t‑àm airson leanabh a bhith aig Ealasaid, agus rug i mac.

58 Agus chuala a coimhearsnaich 's a càirdean gun robh an Tighearna air mòr‑thròcair a shealltainn dhi: agus rinn iad gàirdeachas còmhla rithe.

59 Agus air an ochdamh latha thàinig iad a thimcheall‑ghearradh an leanaibh, agus bha iad a' dol a thoirt ainm athar air, Sachariah,

60 ach fhreagair a mhàthair, “Chan e idir; ach thèid Eòin a ghabhail air.”

61 Agus thuirt iad rithe, “Chan eil neach am measg do chàirdean air a bheil an t‑ainm seo.”

62 Agus smèid iad air athair, a' faighneachd dha dè a bu toigh leis‑san a thoirt air.

63 Agus dh'iarr e clàr‑sgrìobhaidh, is sgrìobh e “Is e Eòin ainm.” Agus ghabh iad uile iongnadh.

64 Agus anns a' bhad chaidh a bheul fhosgladh is a theanga fhuasgladh, agus bhruidhinn e, a' moladh Dhè.

65 Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich gu lèir; agus chaidh bruidhinn mu na rudan sin uile air feadh dùthaich àrd Iudèa air fad.

66 Agus iadsan uile a chuala iad, ghlèidh iad nan cridhe iad, ag ràdh, “Dè, ma‑thà, an seòrsa leanaibh a bhios an seo?” Oir bha làmh an Tighearna còmhla ris.


Fàidheadaireachd Shachariah

67 Agus bha athair, Sachariah, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, is rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh:

68 “Beannaichte gun robh an Tighearna Dia Israeil, a chionn 's gun do thadhail e air a shluagh, agus gun do shaor e iad.

69 Agus gun do thog e suas adharc sàbhalaidh dhuinne ann an taigh a sheirbheisich Daibhidh,

70 mar a thuirt e tro bheul fhàidhean naomha fhèin, o shean,

71 sàbhaladh o ar nàimhdean agus o làimh na feadhna sin uile aig a bheil fuath dhuinn.

72 A dhèanamh tròcair air ar n‑athraichean, agus an cùmhnant naomh aige a chuimhneachadh,

73 a' mhionn a mhionnaich e dhar n‑athair Abrahàm, thug e dhuinn

74 gum biodh sinne, às dèidh dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar nàimhdean, a' dèanamh seirbheis dha às aonais eagail

75 ann an naomhachd is ann am fìreantachd ma choinneamh fad ar làithean.

76 Agus thusa, a leanaibh, thèid fàidh an Aoin as àirde a ghabhail ort; oir thèid thu ron Tighearna, a dh'ullachadh a shlighean,

77 a thoirt eòlas sàbhalaidh dha shluagh, tro mhathanas am peacaidhean,

78 air sgàth tròcair chaomh ar Dè‑ne, leis an tadhail èirigh‑na‑grèine oirnn on àirde

79 airson solas a thoirt dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a' bhàis, airson ar casan a threòrachadh a‑steach do shlighe na sìthe.”

80 Agus dh'fhàs an leanabh, agus chaidh a neartachadh ann an spiorad, agus bha e anns an fhàsach gu latha an fhoillseachaidh phoblaich aige do dh'Israel.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan