Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Iompachadh Shauil

1 Ach chaidh Saul – fhathast a' sèideadh a‑mach mhaoidhidhean is mhurt an aghaidh deisciobail an Tighearna – chun an àrd‑shagairt

2 agus dh'iarr e litrichean gu na sionagogan ann an Damascas air, airson 's, nam faigheadh e neach sam bith a bhuineadh dhan t‑Slighe, fireannaich no boireannaich, gun toireadh e ceangailte gu Ierusalem iad.

3 A‑nis fhad 's a chaidh e air a shlighe, theann e dlùth ri Damascas agus gu grad dheàlraich solas o nèamh mun cuairt air.

4 Agus a' tuiteam chun na talmhainn chuala e guth ag ràdh ris, “A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‑leanmhainn‑sa?”

5 Agus thuirt esan, “Cò thu, a Thighearna?” Agus thuirt an Tighearna, “Is mise Ìosa a tha thu a' geur‑leanmhainn.

6 Ach èirich agus thalla a‑steach dhan bhaile, agus thèid innse dhut dè a dh'fheumas tu a dhèanamh.”

7 Sheas na daoine a bha a' siubhal còmhla ris is gun smid aca, a' cluinntinn a' ghutha ach gun neach sam bith fhaicinn.

8 Dh'èirich Saul on talamh, agus ged a bha a shùilean fosgailte, chan fhaca e sìon. Mar sin threòraich iad air làimh e is thug iad gu Damascas e.

9 Agus airson trì latha bha e gun fhradharc, agus cha do dh'ith 's cha do dh'òl e.

10 A‑nis bha deisciobal ann an Damascas dham b' ainm Ananias. Thuirt an Tighearna ris ann an sealladh, “Ananiais!” Agus thuirt esan, “Seo mi, a Thighearna.”

11 Agus thuirt an Tighearna ris, “Èirich is thalla dhan t‑sràid ris an canar Dìreach, agus aig taigh Iùdais faighnich airson duine o Tharsas ris an canar Saul, oir seall, tha e ag ùrnaigh,

12 agus tha e air duine dhan ainm Ananias fhaicinn ann an sealladh a' tighinn a‑steach agus a' sìneadh a làmhan air airson 's gum faigh e a fhradharc air ais.”

13 Ach fhreagair Ananias, “A Thighearna, chuala mi o mhòran mun duine seo, na rinn e de dh'olc rid naoimh ann an Ierusalem.

14 Agus an seo tha ùghdarras aige o na h‑àrd‑shagartan iadsan uile a cheangal a tha a' gairm air d' ainm‑sa.”

15 Ach thuirt an Tighearna ris, “Thalla, oir is e soitheach taghte dhòmhsa a th' anns an duine seo airson m' ainm a ghiùlain mu choinneamh nan Cinneach is rìghrean is chloinn Israeil.

16 Oir seallaidh mise dha uimhir 's a dh'fheumas e fhulang air sgàth m' ainm‑sa.”

17 Mar sin dh'fhalbh Ananias is chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus a' sìneadh a làmhan air thuirt e, “A bhràthair Saul, tha an Tighearna Ìosa, a nochd riut air an rathad air an tàinig thu, air mise a chur airson 's gum faigheadh tu do fhradharc air ais agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.”

18 Agus sa bhad thuit rudeigin mar lannan o a shùilean agus chaidh a fhradharc aiseag dha. An uair sin dh'èirich e agus chaidh a bhaisteadh,

19 agus a' gabhail bìdh, chaidh a neartachadh. A‑nis airson corra latha bha e còmhla ri na deisciobail ann an Damascas.


Saul ann an Damascas agus ann an Ierusalem

20 Agus sa bhad shearmonaich e Ìosa anns na sionagogan, ag ràdh, “Is esan Mac Dhè.”

21 Agus bha iadsan uile a chuala e fo iongnadh agus thuirt iad, “Nach e seo esan a rinn sgrios ann an Ierusalem air an fheadhainn a ghairm air an ainm seo? Agus nach tàinig e an seo airson 's gun toireadh e ceangailte iad gu na h‑àrd‑shagartan?”

22 Ach dh'fhàs Saul na bu mhotha ann an neart, agus chuir e troimh‑a‑chèile na h‑Iùdhaich a bha a' fuireach ann an Damascas le bhith a' dearbhadh gum b' e Ìosa an Crìosd.

23 Nuair a bha mòran làithean air a dhol seachad, rinn na h‑Iùdhaich innleachd le chèile airson 's gum marbhadh iad e,

24 ach chaidh fios air an innleachd aca a thoirt do Shaul. Bha iad a' dèanamh faire air na geataichean a latha 's a dh'oidhche airson a mharbhadh.

25 Ach thug a dheisciobail leotha san oidhche e agus leig iad sìos e ann am basgaid mhòr tro fhosgladh anns a' bhalla.

26 Agus nuair a bha e air tighinn gu Ierusalem, dh'fheuch e ri e fhèin aonadh ris na deisciobail. Ach bha eagal orra uile roimhe, oir cha do chreid iad gum b' e deisciobal a bha ann.

27 Ach ghabh Barnabas grèim air agus thug e gu na h‑abstoil e agus dh'innis e dhaibh mar a bha e air an Tighearna fhaicinn air an rathad is gun do bhruidhinn e ris agus mar a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas ann an ainm Ìosa.

28 Mar sin chaidh e a‑steach agus a‑mach nam measg ann an Ierusalem, a' searmonachadh gu dàn ann an ainm an Tighearna.

29 Agus bhruidhinn e is rinn e deasbaireachd an aghaidh nan Iùdhach Greugach. Ach bha iad ag iarraidh a mharbhadh.

30 Ach nuair a fhuair na bràithrean seo a‑mach, thug iad sìos gu Cesarèa e agus chuir iad air falbh gu Tarsas e.

31 Mar sin bha sìth aig an eaglais air feadh Iudèa gu lèir is Ghalile is Shamaria, agus bha i air a daingneachadh. Agus a' coiseachd ann an eagal an Tighearna 's ann an cofhurtachd an Spioraid Naoimh, dh'fhàs i ann an àireamh.


Eneas agus Dorcas

32 A‑nis fhad 's a chaidh Peadar an siud 's an seo nam measg gu lèir, thàinig e cuideachd a‑nuas gu na naoimh a bha a' fuireach ann an Lida.

33 An sin fhuair e duine àraidh dham b' ainm Eneas, a bha rè ochd bliadhna air an leabaidh, oir bha a' phairilis air.

34 Agus thuirt Peadar ris, “Eneais, tha Ìosa Crìosd gad leigheas. Èirich is càirich do leabaidh.” Agus sa bhad dh'èirich e.

35 Agus chunnaic iadsan uile a bha a' fuireach ann an Lida is ann an Sàron e, agus thionndaidh iad chun an Tighearna.

36 A‑nis ann an Iopa bha bana‑dheisciobal dham b' ainm Tabita, a tha, air eadar‑theangachadh, a' ciallachadh Dorcas. Bha ise làn de dheagh obraichean is de ghnìomhan carthannais a bha i a' dèanamh gun sgur.

37 Anns na làithean sin dh'fhàs i tinn is chaochail i, agus nuair a bha iad air a glanadh, shìn iad ann an seòmar uachdarach i.

38 Bhon a bha Lida faisg air Iopa, chuir na deisciobail – a' cluinntinn gun robh Peadar an sin – dithis fhear thuige, a' guidhe air, “Thig thugainn gun dàil!”

39 Mar sin dh'èirich Peadar is chaidh e còmhla riutha. Agus nuair a ràinig e, thug iad dhan t‑seòmar uachdarach e. Sheas na banntraichean uile ri thaobh, a' caoineadh agus a' sealltainn nan lèintean‑fada is nam badan aodaich eile a rinn Dorcas fhad 's a bha i còmhla riutha.

40 Ach chuir Peadar iad uile a‑mach, agus chaidh e air a ghlùinean is rinn e ùrnaigh; agus a' tionndadh chun a' chuirp, thuirt e, “A Thabita, èirich.” Agus dh'fhosgail i a sùilean is nuair a chunnaic i Peadar shuidh i suas.

41 Agus thug e a làmh dhi, agus thog e suas i. An uair sin a' gairm nan naomh agus nam banntraichean, sheall e dhaibh beò i.

42 Agus fhuair iad fios air a seo air feadh Iopa uile, agus chreid mòran anns an Tighearna.

43 Agus dh'fhan e ann an Iopa airson mòran làithean còmhla ri fear dham b' ainm Sìmon, fear‑deasachaidh leathair.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan