Gnìomharan 8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Agus bha Saul ag aontachadh le a mhurt. Agus air an latha sin dh'èirich geur‑leanmhainn mòr an aghaidh na h‑eaglaise ann an Ierusalem, agus bha iad uile air an sgapadh air feadh cheàrnaidhean Iudèa is Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin. An Eaglais air a Geur‑Leanmhainn is air a Sgapadh 2 Agus dh'adhlaic daoine cràbhach Steaphan is rinn iad caoidh mhòr air a shon. 3 Ach thòisich Saul a' creachadh na h‑eaglaise, a' dol a‑steach o thaigh gu taigh, a' draghadh air falbh fhear is bhoireannach is gan cur dhan phrìosan. Philip ann an Samaria 4 A‑nis, iadsan a bh' air an sgapadh, chaidh iad mun cuairt a' searmonachadh an fhacail. 5 Chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria 's bha e a' searmonachadh Chrìosd dhaibh. 6 Agus a dh'aon inntinn thug an sluagh an aire dha na bha Philip ag ràdh, nuair a chuala iad e 's a chunnaic iad na comharraidhean a rinn e. 7 Oir thàinig spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, ag èigheach le guth àrd, agus chaidh tòrr air an robh a' phairilis no a bha nan crioplaich a shlànachadh. 8 Mar sin bha aoibhneas mòr sa bhaile sin. Sìmon an Draoidh 9 Ach bha duine ann dham b' ainm Sìmon, a rinn draoidheachd sa bhaile agus a chuir iongnadh air muinntir Shamaria, ag ràdh gum b' e cuideigin mòr a bh' ann fhèin. 10 Thug iad uile aire dha, on fheadhainn a bu lugha chun na feadhna a bu mhotha, ag ràdh, “Is e an duine seo Cumhachd Dhè ris an canar Mòr.” 11 Agus thug iad uile an aire dha a chionn 's gun robh e air iongnadh a chur orra airson ùine mhòir leis an draoidheachd aige. 12 Ach nuair a chreid iad Philip fhad 's a shearmonaich e an deagh sgeul mu rìoghachd Dhè agus ainm Ìosa Crìosd, bha iad air am baisteadh, an dà chuid fir agus boireannaich. 13 Chreid fiù 's Sìmon fhèin, agus às dèidh dha a bhith air a bhaisteadh, lean e air còmhla ri Philip, agus a' faicinn chomharraidhean is mhìorbhailean mòra air an dèanamh, bha e fo mhòr‑iongnadh. 14 A‑nis nuair a chuala na h‑abstoil a bh' ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria ri facal Dhè, chuir iad thuca Peadar is Eòin 15 a thàinig a‑nuas agus a rinn ùrnaigh air an son – gum faigheadh iad an Spiorad Naomh, 16 oir cha robh e fhathast air tuiteam air gin dhiubh, ach bha iad a‑mhàin air a bhith air am baisteadh ann an ainm an Tighearna Ìosa. 17 An uair sin shìn iad an làmhan orra agus fhuair iad an Spiorad Naomh. 18 A‑nis nuair a chunnaic Sìmon gun robh an Spiorad Naomh air a thoirt tro shìneadh làmhan nan abstol orra, thairg e airgead dhaibh, 19 ag ràdh, “Thoiribh dhòmhsa an cumhachd seo cuideachd, airson 's gum faod ge b' e cò air an sìn mise mo làmhan an Spiorad Naomh fhaighinn cuideachd.” 20 Ach thuirt Peadar ris, “Gun rachadh d' airgead a dhìth leat, a chionn 's gun do smaoinich thu gum b' urrainn dhut tiodhlac Dhè fhaighinn le airgead! 21 Chan eil pàirt no roinn agad sa ghnothach seo, oir chan eil do chridhe ceart mu choinneamh Dhè. 22 Gabh aithreachas, mar sin, od olc, agus dèan ùrnaigh ris an Tighearna, gun deigheadh – ma tha e an comas – rùn do chridhe a mhathadh dhut. 23 Oir tha mi a' faicinn gu bheil thu ann an domblas na seirbhe 's ann an daorsa na h‑eucoir.” 24 Agus fhreagair Sìmon, “Dèanaibh ùrnaigh air mo shon dhan Tighearna nach tig dad dhe na tha sibh air a ràdh orm.” 25 Mar sin nuair a bha iad air fianais a thogail agus air facal an Tighearna aithris, thill iad gu Ierusalem, a' searmonachadh an t‑soisgeil ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach. Philip agus an t‑Etiòpach 26 Agus thuirt aingeal dhen Tighearna ri Philip, “Èirich agus thalla chun na h‑àird a deas chun an rathaid a tha a' dol sìos o Ierusalem gu Gàsa.” 'S e fàsach a tha an seo. 27 Agus dh'èirich e is dh'fhalbh e. Agus seall, Etiòpach, caillteanach, oifigear cùirt Chandace, banrighinn nan Etiòpach, a bha os cionn a h‑ionmhais uile. Bha e air tighinn gu Ierusalem airson adhradh a dhèanamh, 28 agus bha e a' tilleadh, na shuidhe na charbad, agus bha e a' leughadh an fhàidh Isaiah. 29 Agus thuirt an Spiorad ri Philip, “Thalla a‑null agus cùm dlùth ris a' charbad seo.” 30 Mar sin ruith Philip thuige agus chuala e e a' leughadh an fhàidh Isaiah is dh'fhaighnich e, “A bheil thu a' tuigsinn na tha thu a' leughadh?” 31 Agus thuirt e, “Ciamar as urrainn dhomh, mura treòraich cuideigin mi?” Agus thug e cuireadh do Philip tighinn a‑nìos is suidhe còmhla ris. 32 A‑nis b' e seo an cuibhreann dhen Sgriobtar a bha e a' leughadh: “Chaidh a threòrachadh mar chaora gu a spadadh, agus mar a tha uan mu choinneamh an neach‑lomaidh sàmhach, mar sin chan eil e a' fosgladh a bheòil. 33 Na ìsleachadh chaidh ceartas a dhiùltadh dha. Cò a nì aithris air a ghinealach? Oir chaidh a bheatha a thoirt air falbh on talamh.” 34 Agus thuirt an caillteanach ri Philip, “Tha mi a' faighneachd dhut, cò mu dheidhinn a tha am fàidh ag ràdh seo, ma dheidhinn fhèin no mu neach air choireigin eile?” 35 An uair sin dh'fhosgail Philip a bheul, agus a' tòiseachadh leis an Sgriobtar seo, dh'innis e an deagh sgeul mu Ìosa dha. 36 Agus fhad 's a bha iad a' dol air adhart air an rathad thàinig iad gu uisge àraidh agus thuirt an caillteanach, “Seall, seo uisge! Dè a tha gam bhacadh bho a bhith air mo bhaisteadh?” 37 Agus thuirt Philip, “Ma tha thu a' creidsinn led uile chridhe, faodaidh tu.” Agus fhreagair e is thuirt e, “Tha mi a' creidsinn gur e Ìosa Crìosd Mac Dhè.” 38 Agus thug e àithne gun stadadh an carbad, agus chaidh an dithis aca sìos dhan uisge, Philip agus an caillteanach, agus bhaist e e. 39 Agus nuair a thàinig iad a‑nìos às an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip air falbh, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e, agus chaidh e air a shlighe a' dèanamh gàirdeachais. 40 Ach fhuair Philip e fhèin aig Asotos, agus fhad 's a chaidh e troimhe shearmonaich e an soisgeul dha na bailtean gu lèir gus an tàinig e gu Cesarèa. |