Gnìomharan 7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Òraid Steaphain dhan Chomhairle 1 Thuirt an t‑àrd‑shagart, “A bheil na rudan sin mar seo?” 2 Agus thuirt esan, “A bhràithrean is athraichean, èistibh rium. Nochd Dia na glòire ri Abrahàm nuair a bha e ann am Mesopotàmia mun do rinn e còmhnaidh ann a Haran 3 agus thuirt e ris, ‘Thalla a‑mach às do thìr agus od chàirdean, agus rach a‑steach dhan tìr a sheallas mise dhut.’ 4 “An uair sin chaidh esan a‑mach o thìr nan Caldèanach is rinn e còmhnaidh ann a Haran. Agus o sin, às dèidh bàs athar, thug Dia a‑mach e às a sin dhan tìr seo sa bheil sibhse a‑nis a' fuireach. 5 Ach cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù 's troigh talmhainn, ach gheall e gun toireadh e mar sheilbh dha fhèin 's dha shliochd i, às a dhèidh, ged nach robh duine cloinne aige. 6 Agus bhruidhinn Dia ris mar seo: ‘Bidh do shliochd nan coigrich ann an tìr a bhuineas do dh'fheadhainn eile, agus nì iad tràillean dhiubh, agus làimhsichidh iad gu dona iad fad cheithir cheud bliadhna. 7 Ach bheir mise breith air an nàisean sin dhan dèan iad seirbheis mar thràillean,’ arsa Dia, ‘agus às dèidh sin thig iad a‑mach agus nì iad adhradh dhòmhsa san àite seo.’ 8 Agus thug e dha cùmhnant an timcheall‑ghearraidh. Agus mar sin ghin Abrahàm Ìsaac, agus thimcheall‑gheàrr e air an ochdamh latha e, agus ghin Ìsaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh‑athair dheug. 9 “Agus farmadach a thaobh Iòsaiph, reic na prìomh‑athraichean e dhan Èipheit. Ach bha Dia còmhla ris, 10 agus shaor e às a thrioblaidean uile e is thug e fàbhar is gliocas dha mu choinneamh Phàraoh, rìgh na h‑Èipheit, a chuir e na riaghladair thairis air an Èipheit, agus thar a theaghlach fhèin gu lèir. 11 “A‑nis thàinig gorta air an Èipheit gu lèir agus air Canàan, agus àmhghar mòr, agus cha b' urrainn dhar n‑athraichean biadh sam bith fhaighinn. 12 Ach nuair a chuala Iàcob gu robh arbhar san Èipheit, chuir e ar n‑athraichean a‑mach air a' chiad turas aca. 13 Agus air an dara turas rinn Iòsaph e fhèin aithnichte dha bhràithrean, agus chaidh teaghlach Iòsaiph a dhèanamh aithnichte do Phàraoh. 14 An uair sin chuir Iòsaph fios agus ghairm e thuige Iàcob, athair, agus a chàirdean gu lèir, seachdad 's a còignear air fad. 15 Agus chaidh Iàcob sìos dhan Èipheit is chaochail e, esan agus ar n‑athraichean. 16 Agus chaidh an giùlain air ais gu Sichem agus chaidh an sìneadh san tuam a bha Abrahàm air a cheannach air suim airgid o mhic Emoir, ann an Sichem. 17 “Ach mar a theann àm a' gheallaidh a thug Dia do dh'Abrahàm dlùth, dh'fhàs an sluagh is chaidh an dèanamh lìonmhor san Èipheit 18 gus an do dh'èirich rìgh eile thar na h‑Èipheit nach robh eòlach air Iòsaph. 19 Rinn esan gu carach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar sinnsirean agus thug e air ar n‑athraichean an naoidheanan a thilgeil a‑mach airson 's nach biodh iad air an gleidheadh beò. 20 “Aig an àm sin rugadh Maois, agus bha e brèagha ann an sealladh Dhè, is chaidh altram airson trì mìosan ann an taigh athar, 21 agus nuair a chaidh a thilgeil a‑mach, thug nighean Phàraoh leatha e agus thog i mar a mac fhèin e. 22 Agus chaidh Maois oideachadh ann an uile ghliocas nan Èipheiteach, agus bha e cumhachdach na bhriathran 's na ghnìomhan. 23 “Agus nuair a bha e ceathrad bliadhna a dh'aois, thàinig e na chridhe a dhol a thadhal air a bhràithrean, clann Israeil. 24 Agus a' faicinn aon dhiubh a' fulang eu‑ceirt, rinn e dìon air, is rinn e dìoghaltas air a shon le bhith a' leagail sìos an Èipheitich. 25 Oir shaoil e gun tuigeadh a bhràithrean gun robh Dia a' toirt slàinte dhaibh le a làimh‑san, ach cha do thuig iad. 26 Agus an ath latha nochd e e fhèin dhaibh fhad 's a bha iad a' còmhstri agus dh'fheuch e ri rèite a dhèanamh eatarra, ag ràdh, ‘A dhaoine, 's e bràithrean a th' annaibh. Carson a tha sibh a' dèanamh eucoir air a chèile?’ 27 “Ach phut an duine a bha a' dèanamh eucoir air a nàbaidh Maois gu aon taobh, ag ràdh, ‘Cò a rinn thusa nad riaghladair is nad bhritheamh thairis oirnne? 28 A bheil thu ag iarraidh mise a mharbhadh mar a mharbh thu an t‑Èipheiteach an‑dè?’ 29 Nuair a chuala Maois seo, theich e agus thàinig e gus a bhith na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac. 30 “A‑nis nuair a bha ceathrad bliadhna air a dhol seachad nochd aingeal ris ann am fàsach Beinn Shinài, ann an lasair teine ann am preas. 31 Nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongnadh mun t‑sealladh, agus fhad 's a theann e dlùth airson coimhead, thàinig guth an Tighearna thuige: 32 ‘Is mise Dia d' athraichean, Dia Abrahàim agus Ìsaaic agus Iàcoib.’ An uair sin chriothnaich Maois agus cha bu dùraig dha coimhead. 33 “An uair sin thuirt an Tighearna ris, ‘Thoir do chuarain far do chasan, oir an t‑àite far a bheil thu nad sheasamh, tha e na thalamh naomh. 34 Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a th' anns an Èipheit, agus chuala mi an osna‑san, agus tha mi air tighinn a‑nuas airson an saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi dhan Èipheit thu.’ 35 “Is e seo am Maois sin, a dhiùlt iadsan, ag ràdh, ‘Cò a rinn thusa nad riaghladair is nad bhritheamh?’ – an duine seo chuir Dia a‑mach gus an dà chuid a bhith na riaghladair agus na fhear‑saoraidh le làimh an aingil a nochd ris sa phreas. 36 Threòraich an duine seo a‑mach iad, a' dèanamh iongantasan is chomharraidhean san Èipheit agus aig a' Mhuir Ruaidh agus san fhàsach thar ceathrad bliadhna. 37 “Is e seo am Maois a thuirt ri cloinn Israeil, ‘Togaidh an Tighearna ur Dia suas dhuibh fàidh coltach riumsa o ur bràithrean.’ 38 Is e seo am fear a bha sa choitheanal san fhàsach còmhla ris an aingeal a bhruidhinn aig Beinn Shinài ris agus ri ar n‑athraichean; agus fhuair e briathran beò airson an toirt dhuinne. 39 “Cha robh ar n‑athraichean deònach a bhith umhail dha, ach phut iad gu aon taobh e, agus nan cridheachan thionndaidh iad air ais dhan Èipheit, 40 ag ràdh ri Aaron, ‘Dèan diathan dhuinne a thèid romhainn. A thaobh a' Mhaois seo a threòraich a‑mach à tìr na h‑Èipheit sinn, chan eil fios againn dè a dh'èirich dha!’ 41 Agus rinn iad laogh sna làithean sin, is thairg iad ìobairt dhan iodhal agus bha iad a' dèanamh aoibhneis ann an obraichean an làmhan fhèin. 42 Ach thionndaidh Dia air falbh, agus thug e thairis iad gus adhradh a dhèanamh do dh'armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean: “‘An tug sibh thugam beathaichean marbhte agus ìobairtean, fad ceathrad bliadhna san fhàsach, a thaigh Israeil? 43 Thog sibh suas pàillean Mholoich agus an rionnag aig ur dia Rephan, na h‑ìomhaighean a rinn sibh gus adhradh dhaibh. Mar sin cuiridh mise nur n‑eilthirich sibh’ air taobh thall Bhàbiloin.” 44 “Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean san fhàsach, dìreach mar a dh'àithn esan a bhruidhinn ri Maois a dhèanamh, a rèir a' phàtrain a bha e air fhaicinn. 45 Nan àm‑san – às dèidh dhar n‑athraichean, còmhla ri Iosua, sealbh fhaighinn air – thug iad a‑steach e leotha nuair a fhuair iad na bhuineadh dha na nàiseanan a ruaig Dia a‑mach mu choinneamh ar n‑athraichean. Bha e mar seo gu làithean Dhaibhidh, 46 a fhuair fàbhar ann an sealladh Dhè, agus a dh'iarr àite‑fuirich fhaighinn do Dhia Iàcoib. 47 Ach b' e Solamh a thog an taigh dha. 48 Ge‑tà, chan eil an t‑Aon as Àirde a' fuireach ann an taighean a chaidh an dèanamh le làmhan, mar a tha am fàidh ag ràdh: 49 “‘Is e nèamh mo rìgh‑chathair, agus is e an talamh mo stòl‑coise. Dè an seòrsa taighe a thogas sibh dhòmhsa? ars an Tighearna. No gu dè àite mo thàimh? 50 Nach do rinn mo làmh na rudan seo gu lèir?’ 51 “A dhaoine rag‑amhaicheil, neo‑thimcheall‑gheàrrte ann an cridhe 's ann an cluasan, tha sibh an‑còmhnaidh a' cur an aghaidh an Spioraid Naoimh. Tha sibhse a' dèanamh dìreach mar a rinn ur n‑athraichean. 52 Cò dhe na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur‑leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a chuir an cèill ro‑làimh teachd an Aoin Fhìreanta, a tha sibhse a‑nis air a bhrath agus air a mhurt, 53 sibhse a fhuair an lagh a chaidh òrdachadh tro ainglean, agus nach do chùm e.” Clachadh Steaphain 54 A‑nis nuair a chuala iad na rudan seo, bha iad air an cur air bhoil nan cridhe, agus bha iad a' gìosgail am fiaclan ris. 55 Ach, làn dhen Spiorad Naomh, choimhead esan gu geur a‑steach do nèamh agus chunnaic e glòir Dhè, agus Ìosa na sheasamh air deas‑làimh Dhè. 56 Agus thuirt e, “Seallaibh, tha mi a' faicinn nan nèamhan fosgailte agus Mac an Duine na sheasamh aig deas‑làimh Dhè.” 57 Ach ghlaodh iadsan a‑mach le guth àrd agus dhùin iad an cluasan is leum iad a dh'aon inntinn air. 58 Agus thilg iad a‑mach às a' bhaile e agus chlach iad e. Agus shìn na fianaisean na badan aodaich aca sìos aig casan fir òig, dham b' ainm Saul. 59 Agus nuair a chlach iad Steaphan dh'èigh e a‑mach, “A Thighearna Ìosa, gabh mo spiorad.” 60 Agus a' tuiteam air a ghlùinean, dh'èigh e le guth àrd, “A Thighearna, na cùm am peacadh seo nan aghaidh.” Agus às dèidh dha seo a ràdh, thuit e na chadal. |