Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


A' Taghadh an t‑Seachdnar

1 A‑nis anns na làithean sin nuair a bha na deisciobail a' fàs ann an àireamh, dh'èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhrach a chionn 's gun robh am banntraichean air an cur an dearmad san fhrithealadh‑bìdh làitheil.

2 An uair sin ghairm an dà fhear dheug an làn‑àireamh dhe na deisciobail agus thuirt iad, “Chan eil e iomchaidh gun dèanadh sinne dearmad air facal Dhè airson bùird a fhrithealadh.

3 Mar sin, a bhràithrean, taghaibh a‑mach o ur measg seachdnar fhear le deagh chliù, làn dhen Spiorad agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dleastanais seo.

4 Ach coisrigidh sinne sinn fhèin do dh'ùrnaigh agus do mhinistrealachd an fhacail.”

5 Agus bha an cruinneachadh gu lèir gu math toilichte ris na thuirt iad, agus thagh iad Steaphan, duine làn de chreideamh agus dhen Spiorad Naomh, agus Philip, is Prochoras, is Nicanor, is Timon, is Parmenas, is Nicolas, proseiliteach o Antioch.

6 Chuir iadsan mu choinneamh nan abstol iad, agus rinn iad ùrnaigh is chuir iad an làmhan orra.

7 Agus chùm facal Dhè air a' fàs agus bha àireamh nan deisciobal a' meudachadh gu ro mhòr ann an Ierusalem, agus bha cuideachd mhòr dhe na sagartan umhail dhan chreideamh.


Steaphan air a Ghlacadh

8 Agus bha Steaphan, làn de ghràs is de chumhachd, a' dèanamh iongantasan mòra is chomharraidhean am measg an t‑sluaigh.

9 An uair sin dh'èirich cuid dhiubhsan a bhuineadh do Shionagog nan Daoine Saorte (mar a ghabhadh oirre), agus de na Cirènianaich agus de na h‑Alecsandrianaich agus iadsan o Chilicia agus o Àisia, agus rinn iad deasbad an aghaidh Steaphain.

10 Ach cha b' urrainn dhaibh cur an aghaidh a' ghliocais agus an spioraid leis an robh e a' bruidhinn.

11 An uair sin phiobraich iad daoine gu dìomhair gus cantainn, “Chuala sinne e ag ràdh bhriathran toibheumach an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Dhè.”

12 Agus bhrosnaich iad an sluagh is na h‑èildearan is na sgrìobhaichean, agus a' tighinn air, ghlac iad e agus thug iad mu choinneamh na Comhairle e.

13 Agus chuir iad suas fianaisean‑brèige a thuirt, “Chan eil an duine seo a' sgur a ràdh bhriathran an aghaidh an àite naoimh seo agus an lagha;

14 oir chuala sinn e ag ràdh gun sgrios an t‑Ìosa seo o Nàsaret an t‑àite seo agus gun atharraich e na cleachdaidhean a thug Maois dhuinne.”

15 Agus a' geur‑amharc air, chunnaic iad gun robh aodann mar aodann aingil.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan