Gnìomharan 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Ananias agus Saphira 1 Ach reic duine àraidh dham b' ainm Ananias, cuide ri a bhean Saphira, pìos seilbh 2 agus, le fios a bhith aig a bhean cuideachd air, chùm e air ais cuid dhen airgead agus thug e dìreach pàirt dheth is shìn e aig casan nan abstol e. 3 Ach thuirt Peadar, “Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe gus breug innse dhan Spiorad Naomh agus gus pàirt de phrìs na talmhainn a chumail air ais? 4 Fhad 's a bha e agad, nach b' ann leat a bha e? Agus às dèidh a reic, nach robh còir agad air? Carson a shuidhich thu nad chridhe an gnìomh seo a dhèanamh? Cha b' ann do dhaoine a dh'innis thu breug ach do Dhia.” 5 Nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos is chaidh an deò às. Agus thàinig eagal mòr orrasan uile a chuala ma dheidhinn. 6 Dh'èirich na daoine òga agus shuain iad e agus ghiùlain iad a‑mach e is dh'adhlaic iad e. 7 Thachair, mu thrì uairean às dèidh sin, gun tàinig a bhean a‑steach is gun fhios aice air na bh' air tachairt. 8 Agus thuirt Peadar rithe, “Innis dhòmhsa an do reic sibh an talamh seo airson na h‑uiread seo?” Agus thuirt ise, “Seadh, airson na h‑uiread sin.” 9 Ach thuirt Peadar rithe, “Carson a dh'aontaich sibh còmhla Spiorad an Tighearna a bhuaireadh? Seall, tha casan na feadhna a dh'adhlaic d' fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach cuideachd.” 10 Sa bhad thuit i sìos aig a chasan agus chaidh an deò aiste. Agus nuair a thàinig na fir òga a‑steach fhuair iad marbh i, agus ghiùlain iad a‑mach i agus dh'adhlaic iad i ri taobh an duine aice. 11 Agus thàinig eagal mòr air an eaglais gu lèir, agus orrasan uile a chuala mu na rudan seo. Na h‑Abstoil a' Slànachadh Mhòran 12 A‑nis chaidh mòran chomharraidhean agus mhìorbhailean a dhèanamh am measg an t‑sluaigh le làmhan nan abstol. Agus bha iad uile a dh'aon inntinn ann an sgàil‑thaigh Sholaimh. 13 Cha dùraigeadh gin dhen chòrr aonadh riutha, ach bha mòr‑mheas aig an t‑sluagh orra. 14 Agus chaidh tòrr a bharrachd chreidmheach a chur ris an Tighearna, sluagh mòr, an dà chuid de dh'fhir agus de bhoireannaich, 15 air chor 's gun tug iad fiù 's a‑mach na h‑euslaintich dha na sràidean agus gun do shìn iad air leapannan is air sìneadairean iad, airson 's nuair a ghabhadh Peadar seachad gun tuiteadh fiù 's fhaileas orra. 16 Chruinnich an sluagh cuideachd o na bailtean mu thimcheall air Ierusalem, a' toirt leotha euslainteach is feadhainn a bha a' fulang le spioradan neòghlan, agus bha iad uile air an leigheas. Na h‑Abstoil a' Fulang Geur‑Leanmhainn 17 Ach dh'èirich an t‑àrd‑shagart, agus iadsan uile a bha còmhla ris ('s e sin buidheann nan Sadusach), 's iad air an lìonadh le eud, 18 agus ghlac iad na h‑abstoil agus chuir iad dhan phrìosan phoblach iad. 19 Ach san oidhche dh'fhosgail aingeal dhen Tighearna dorsan a' phrìosain agus threòraich e a‑mach iadsan, agus thuirt e, 20 “Thallaibh 's seasaibh is innsibh briathran na beatha seo gu lèir dhan t‑sluagh san teampall.” 21 Agus nuair a chuala iad seo, chaidh iad a‑steach dhan teampall aig briseadh an latha agus bha iad a' teagasg. A‑nis nuair a thàinig an t‑àrd‑shagart, agus iadsan a bha còmhla ris, ghairm iad cruinn a' Chomhairle agus Seanadh chloinn Israeil gu lèir agus chuir iad fios dhan phrìosan airson 's gun deigheadh iadsan a thoirt thuca. 22 Ach nuair a thàinig na h‑oifigearan, cha d' fhuair iad sa phrìosan iad; mar sin thill iad agus thug iad aithris air a seo, 23 ag ràdh, “Fhuair sinne am prìosan glaiste gu ro thèarainte, agus na maoir nan seasamh aig na dorsan, ach nuair a dh'fhosgail sinn iad, cha d' fhuair sinn duine sam bith a‑staigh.” 24 A‑nis nuair a chuala an caiptean agus na h‑àrd‑shagartan na briathran seo, bha iad fo imcheist mhòr mun deidhinn, a thaobh dè a thigeadh às a seo. 25 Ach thàinig cuideigin agus thug e an cunntas seo dhaibh: “Seallaibh! Tha na daoine a chuir sibh dhan phrìosan nan seasamh san teampall agus a' teagasg an t‑sluaigh.” 26 An uair sin chaidh an caiptean le oifigearan agus thug iad leotha iad: cha b' ann tro cho‑èigneachadh, oir bha an t‑eagal orra on t‑sluagh – gun fhios nach biodh iad air an clachadh leotha. 27 Agus nuair a bha iad air an toirt leotha, chuir iad mu choinneamh na Comhairle iad. Agus cheasnaich an t‑àrd‑shagart iad, 28 ag ràdh, “Thug sinne òrdugh teann gun teagasg a dhèanamh san ainm seo, agus fhathast lìon sibhse Ierusalem le ur teagasg, agus tha sibh a' cur romhaibh fuil an duine sin a thoirt oirnne.” 29 Ach fhreagair Peadar agus na h‑abstoil, ag ràdh, “Tha e nas cudromaiche ùmhlachd a thoirt do Dhia na do dhaoine! 30 Thog Dia ar n‑athraichean Ìosa, a mharbh sibhse tro a chrochadh air crann. 31 Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean. 32 Agus tha sinne nar fianaisean dha air na rudan seo, agus an Spiorad Naomh cuideachd, a thug Dia dhaibhsan a tha umhail dha.” 33 Nuair a chuala iad seo ghabh iad an caoch agus bha iad ag iarraidh am marbhadh. 34 Ach dh'èirich Pharasach àraidh dham b' ainm Gamaliel sa Chomhairle, fear‑teagaisg an lagha, aig an robh urram an t‑sluaigh gu lèir, agus thug e òrduighean na daoine a chur a‑mach airson ùine bhig. 35 Agus thuirt e riutha, “Fheara Israeil, thoiribh an aire dè a tha sibh a' cur romhaibh a dhèanamh le na daoine seo. 36 Oir ro na làithean seo dh'èirich Tadeus, ag agairt gum b' e cuideigin a bh' ann fhèin, agus cheangail àireamh dhaoine, mu thimcheall air ceithir cheud, iad fhèin ris. Chaidh esan a mharbhadh agus chaidh iadsan a dh'aontaich ris a sgapadh is thàinig iad gu neoni. 37 Às a dhèidh, dh'èirich Iùdas an Galilèach, ann an làithean a' chunntais‑sluaigh, agus tharraing e air falbh mòran dhaoine. Chaidh cur às dhàsan cuideachd agus chaidh iadsan uile a dh'aontaich leis a sgapadh. 38 Mar sin san t‑suidheachadh againne, tha mi ag ràdh ribh, fanaibh air falbh o na daoine seo agus leigibh leotha, oir mas ann o dhaoine a tha am plana no an obair seo, thèid cur às dha. 39 Ach mas ann o Dhia a tha e, chan urrainn dhuibhse an tilgeil sìos, gun fhios nach biodh sibh air ur faighinn a' cogadh an aghaidh Dhè!” Mar sin dh'aontaich iad ris, 40 agus nuair a bha iad air na h‑abstoil a ghairm a‑steach, dhochainn iad iad agus dh'òrdaich iad dhaibh gun bruidhinn ann an ainm Ìosa, agus leig iad às iad. 41 Mar sin dh'fhàg iadsan làthaireachd na Comhairle, a' dèanamh gàirdeachais a chionn 's gun deach an cunntadh airidh air eas‑urram fhulang airson an ainm. 42 Agus gach latha, san teampall 's o thaigh gu taigh, cha do sguir iad a theagasg is a' shearmonachadh an deagh sgeòil – Ìosa, an Crìosd. |