Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Peadar agus Eòin mu choinneamh na Comhairle

1 Agus fhad 's a bha iad a' bruidhinn ris an t‑sluagh, thàinig na sagartan is caiptean an teampaill is na Sadusaich thuca,

2 fo dhragh mòr a chionn 's gun robh iad a' teagasg an t‑sluaigh agus a' searmonachadh aiseirigh o na mairbh tre Ìosa.

3 Agus chuir iad an grèim iad is chuir iad ann am prìosan iad gus an ath latha, oir bha am feasgar ann mu thràth.

4 Ach chreid mòran dhiubhsan a bh' air am facal a' chluinntinn; agus thàinig àireamh nan daoine gus a bhith mu thimcheall air còig mìle.

5 Air an ath latha chruinnich na riaghladairean is na seanairean is na sgrìobhaichean aca ann an Ierusalem,

6 agus Annas an t‑àrd‑shagart is Caiaphas is Eòin is Alecsander is iadsan uile a bha de theaghlach an àrd‑shagairt.

7 Agus nuair a bha iad air an suidheachadh sa mheadhan dh'fhaighnich iad, “Dè an cumhachd, no dè an t‑ainm leis an do rinn sibh seo?”

8 An uair sin, làn dhen Spiorad Naomh, thuirt Peadar riutha, “A riaghladairean is èildearan an t‑sluaigh,

9 ma tha sinne an‑diugh air ar ceasnachadh mu dheagh ghnìomh a chaidh a dhèanamh do chrioplach, a thaobh ciamar a chaidh a shlànachadh,

10 biodh e aithnichte dhuibhse uile is do shluagh Israeil gu lèir gur ann le ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh – le ainm‑san tha an duine seo na sheasamh slàn an seo nur làthair‑se.

11 Is esan “‘a' chlach a chaidh a dhiùltadh leibhse, an luchd‑togail, a thàinig gus a bhith na clach‑cinn an oisein.’

12 “Agus chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm sam bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine leis am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh.”

13 A‑nis nuair a chunnaic iad dànadas Pheadair is Eòin, agus a thuig iad gum b' e daoine gun fhoghlam agus cumanta a bh' annta, ghabh iad iongnadh. Agus dh'aithnich iad gun robh iadsan air a bhith còmhla ri Ìosa.

14 Ach a' faicinn an duine a chaidh a leigheas na sheasamh còmhla riutha, cha robh sìon aca ri ràdh mar fhreagairt.

15 Ach nuair a bha iad air òrdachadh dhaibh a' Chomhairle fhàgail, rinn iad còmhradh ri chèile,

16 ag ràdh, “Dè a nì sinn leis na daoine seo? Oir tha e aithnichte gun deach comharra mìorbhaileach a dhèanamh tromhpa – follaiseach do luchd‑àiteachaidh Ierusaleim gu lèir – agus chan urrainn dhuinne sin àicheadh.

17 Ach airson 's nach tèid seo a sgaoileadh nas fhaide buileach am measg an t‑sluaigh, thugamaid rabhadh dhaibh gun a bhith a' bruidhinn tuilleadh ri neach sam bith anns an ainm seo.”

18 Agus ghairm iad orra agus dh'àithn iad dhaibh gun a bhith a' bruidhinn no a' teagasg idir ann an ainm Ìosa.

19 Ach fhreagair Peadar is Eòin iad, “A bheil e ceart ann am fianais Dhè èisteachd ribhse seach ri Dia? Breithnichibh,

20 oir chan urrainn dhuinne ach na rudan a chunnaic is a chuala sinn innse.”

21 Agus nuair a bha iad air barrachd maoidhidh a dhèanamh orra, leig iad às iad, gun dòigh fhaighinn air am peanasachadh, air sgàth an t‑sluaigh, oir bha iad uile a' moladh Dhè airson an rud a thachair.

22 Oir bha an duine air an deach an comharra leigheis a dhèanamh còrr is ceathrad bliadhna a dh'aois.


Ùrnaigh nan Creidmheach

23 Nuair a chaidh an leigeil às, thàinig iad gu 'n cuideachd fhèin, agus thug iad cunntas air a h‑uile rud a bha na h‑àrd‑shagartan is na h‑èildearan air a ràdh riutha.

24 Agus nuair a chuala iad seo, a dh'aon inntinn thog iad suas an guth ri Dia agus thuirt iad, “A Thighearna, is tusa a rinn nèamh is talamh is a' mhuir is a h‑uile sìon a th' annta,

25 a thuirt leis an Spiorad Naomh, tro bheul ar n‑athar Daibhidh, do sheirbheiseach: “‘Carson a ghabh na Cinnich an caoch, agus a rinn an sluagh innleachd dhìomhain?’

26 Sheas rìghrean na talmhainn suas, agus chaidh na riaghladairean a chruinneachadh còmhla an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh an Aoin Ungte aige.'

27 “Oir gu fìrinneach sa bhaile seo bha, air an cruinneachadh còmhla an aghaidh do sheirbheisich naoimh Ìosa, a dh'ung thu, an dà chuid Herod is Pontius Pìlat, còmhla ris na Cinnich is slòigh Israeil,

28 a dhèanamh ge b' e dè a ro‑òrdaich do làmh 's do rùn a thachradh.

29 A‑nis, a Thighearna, thoir aire dha na maoidhidhean aca agus ceadaich dhad sheirbheisich gum bruidhinn iad d' fhacal leis a h‑uile dànachd,

30 fhad 's a shìneas tu a‑mach do làmh airson leigheas, agus a tha comharraidhean is iongantasan air an dèanamh trod sheirbheiseach naomh Ìosa.”

31 Agus nuair a bha iad air ùrnaigh a dhèanamh, bha an t‑àite san robh iad cruinn air a chrathadh, agus chaidh iad uile a lìonadh leis an Spiorad Naomh agus dh'aithris iad facal Dhè le dànachd.


Na Creidmhich a' Roinn an Cuid

32 Agus bha a' chuideachd dhiubhsan a chreid de dh'aon chridhe is anam, agus cha tuirt neach sam bith gum bu leis fhèin a bha gin dhe na rudan a bu sheilbh dha, ach bha a h‑uile rud aca gu coitcheann.

33 Agus le sàr‑chumhachd bha na h‑abstoil a' toirt fianais do dh'aiseirigh an Tighearna Ìosa, agus bha mòr‑ghràs orra uile.

34 Cha robh aon neach ann an dìth nam measg, oir na h‑uimhir 's aig an robh fearainn no taighean, reic iad iad agus, a' toirt leotha luach nan rudan a chaidh a reic,

35 shìn iad e aig casan nan abstol agus bha e air a roinn do gach neach mar a bha feum aige air.

36 Mar sin reic Iòsaph, dhan tug na h‑abstoil an t‑ainm Barnabas (a tha a' ciallachadh ‘Mac na Cofhurtachd’) Lèbhitheach dham bu dùthaich Cìopras,

37 achadh a bh' aige agus thug e an t‑airgead leis agus chuir e aig casan nan abstol e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan