Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 27 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Pòl a' Seòladh dhan Ròimh

1 Agus nuair a chaidh a roghnachadh gum bu chòir dhuinne seòladh airson na h‑Eadailte, thug iad Pòl agus cuid de phrìosanaich eile thairis do cheannard‑ceud dham b' ainm Iulius de Rèisimeid Augustuis.

2 Agus a' dol air soitheach à Adramitium, a bha gus seòladh gu puirt ri oirthir na h‑Àisia, chuir sinn gu muir agus còmhla rinn bha Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca.

3 An ath latha chuir sinn a‑steach aig Sìdon; agus dhèilig Iulius ri Pòl gu coibhneil agus thug e cead dha a dhol gu a charaidean agus cùram fhaighinn.

4 Agus a' seòladh à sin sheòl sinn fo fhasgadh Chìoprais a chionn 's gun robh na gaothan nar n‑aghaidh.

5 Agus nuair a bha sinn air seòladh thairis air an fhairge fhosgailte ri oirthir Chilicia is Phamphilia, thàinig sinn gu Mira ann an Licia.

6 An sin lorg an ceannard‑ceud soitheach à Alecsandria a' seòladh dhan Eadailt agus chuir e sinne air bòrd.

7 Sheòl sinn gu slaodach airson mòran làithean agus ràinig sinn le duilgheadas mu choinneamh Chnidais, agus a chionn 's nach do leig a' ghaoth leinn a dhol na b' fhaide, sheòl sinn fo fhasgadh Chrete mu choinneamh Shalmone.

8 A' seòladh ri fad na h‑oirthir aige le duilgheadas, thàinig sinn gu àite ris an canar Na Calaidhean Maiseach, faisg air far an robh baile Lasea.

9 On a bha mòran ùine air a dhol seachad, agus an t‑seòladaireachd a‑nis cunnartach, a chionn 's gun robh fiù 's an Trasg seachad mu thràth, thug Pòl comhairle dhaibh,

10 ag ràdh, “Fheara, tha mi a' toirt fa‑near gum bi milleadh is call mòr san turas seo, chan ann a‑mhàin dhen bhathar is dhen t‑soitheach, ach cuideachd dher beathannan fhèin.”

11 Ach thug an ceannard‑ceud barrachd aire dhan stiùireadair is do dh'fhear‑seilbh na soithich na dha na bha Pòl ag ràdh.

12 Agus a chionn 's nach robh an cala freagarrach airson geamhrachadh ann, chuir a' mhòr‑chuid romhpa seòladh à sin, nam b' urrainn dhaibh air dhòigh air choreigin Phenice a ruigsinn, cala le Crete a bha a' coimhead an dà chuid an iar‑dheas agus an iar‑thuath, agus geamhrachadh an sin.


An Stoirm

13 A‑nis nuair a shèid a' ghaoth a deas gu socair, 's iad a' saoilsinn gun d' fhuair iad an rùn, thog iad acaire is sheòl iad ri fad Chrete, faisg air an oirthir.

14 Ach an ceann beagan ùine dhian‑shèid gaoth fhòirneartach, dham b' ainm “an ear‑thuathach,” sìos on tìr.

15 Agus nuair a chaidh an soitheach a ghlacadh is nach b' urrainn dhith a dhol an aghaidh na gaoithe, ghèill sinn dhi 's chaidh ar sèideadh air adhart.

16 A' ruith fo fhasgadh eilein bhig dham b' ainm Cauda, is ann air èiginn a rinn sinn geòla na soithich tèarainte.

17 Às dèidh a togail suas, chleachd iad a h‑uile seòrsa taic airson an soitheach a shàbhaladh. An uair sin air eagal 's gun deigheadh iad air a' ghainmhich air tìr Shirtis, leag iad an uidheam agus mar sin chaidh an sèideadh air adhart.

18 On a bha sinn air ar caith gu fòirneartach leis an stoirm, an ath latha thòisich iad air am bathar a thilgeil a‑mach.

19 Agus air an treas latha thilg iad acainn na soithich a‑mach air a cliathaich len làmhan fhèin.

20 Nuair nach do nochd grian no rionnagan airson mòran làithean, agus gun robh stoirm nach bu bheag a' laighe oirnn, chaidh a h‑uile dòchas gun deigheadh ar sàbhaladh mu dheireadh thall a thrèigsinn.

21 Nuair a bha iad air a bhith gun bhiadh airson ùine mhòir, sheas Pòl suas nam measg is thuirt e, “Fheara, bu chòir dhuibh a bhith air èisteachd riumsa agus gun seòladh à Crete 's air am milleadh 's an call mòr seo a sheachnadh.

22 Tha mi a' guidhe oirbh misneachd a bhith agaibh, oir cha bhi call beatha sam bith nur measg, ach a‑mhàin dhen t‑soitheach.

23 Oir air an oidhche seo fhèin sheas rim thaobh aingeal dhen Dia dham buin mi agus dha bheil mi ag adhradh,

24 ag ràdh, ‘Na biodh eagal ort, a Phòil; feumaidh tu seasamh mu choinneamh Chèasair; agus seall, tha Dia air iadsan uile a thoirt dhut a tha a' seòladh còmhla riut.’

25 Mar sin biodh misneachd agaibh, fheara, oir tha creideamh agamsa ann an Dia gum bi e dìreach mar a chaidh innse dhomh.

26 Ach feumaidh sinn a dhol air tìr air eilean air choreigin.”


An Long‑Bhriseadh

27 Nuair a bha an ceathramh oidhche deug air tighinn, fhad 's a bha sinne gar sèideadh thairis air a' Mhuir Adriataich, mu mheadhan‑oidhche bha amharas air na seòladairean gun robh iad a' tighinn faisg air tìr.

28 Mar sin leig iad sìos an luaidh agus fhuair iad fichead aitheamh. Beagan na b' fhaide air adhart leig iad sìos an luaidh a‑rithist, agus fhuair iad còig aitheamhan deug.

29 Fo eagal gun deigheadh sinn air na creagan, leig iad sìos ceithir acraichean o dheireadh na soithich, agus rinn iad ùrnaigh airson briseadh an latha.

30 Agus fhad 's a bha na seòladairean a' feuchainn ri teicheadh on t‑soitheach, 's a bha iad air geòla an t‑soithich a leigeil sìos dhan mhuir, a' leigeil orra gun robh iad a' tilgeil a‑mach acraichean à toiseach na soithich,

31 thuirt Pòl ris a' cheannard‑ceud agus ris na saighdearan, “Mura fan an fheadhainn sin air an t‑soitheach, chan urrainn dhuibh a bhith air ur sàbhaladh.”

32 An uair sin gheàrr na saighdearan ròpaichean na geòla, agus leig iad leatha tuiteam air falbh.

33 Fhad 's a bha an latha gus briseadh chuir Pòl ìmpidh orra biadh a ghabhail, ag ràdh, “Is e an‑diugh an ceathramh latha deug a tha sibh air leantainn oirbh fo theagamh agus às aonais bìdh, gun sìon a ghabhail.

34 Mar sin tha mi a' cur ìmpidh oirbh uile biadh a ghabhail air sgàth ur slàinte, oir chan eil fuiltean o cheann aoin agaibh gu bhith air a chall.”

35 Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, ghlac e aran, agus a' toirt taing do Dhia mun coinneamh gu lèir bhris e e agus thòisich e air ithe.

36 An uair sin bha iad uile air am misneachadh agus dh'ith iad biadh iad fhèin.

37 Bha sinn san t‑soitheach nar 276 anman gu lèir.

38 Agus nuair a bha iad air gu leòr ithe, dh'aotromaich iad an soitheach, a' tilgeil a' chruithneachd a‑mach dhan mhuir.

39 A‑nis nuair a bha an latha ann, cha do dh'aithnich iad an tìr, ach mhothaich iad do bhàgh le tràigh, agus chuir iad romhpa an soitheach a ruith air a' chladach nam b' urrainn dhaibh.

40 Mar sin gheàrr iad saor na h‑acraichean, agus dh'fhàg iad sa mhuir iad; aig an aon àm dh'fhuasgail iad na ròpaichean a cheangail na stiùirean. An uair sin, a' togail an seòl‑toisich ris a' ghaoith rinn iad air an tràigh.

41 Ach a' bualadh sgeir, ruith iad an soitheach air grunnd. Bhuail an toiseach agus dh'fhan e gun ghluasad, agus bha an deireadh ga bhriseadh le cumhachd nan tonn.

42 Bha na saighdearan am beachd na prìosanaich a mharbhadh, mus snàmhadh gin dhiubh air falbh 's gun teicheadh iad.

43 Ach, ag iarraidh Pòl a shàbhaladh, chùm an ceannard‑ceud iad bhom beachd a chur an gnìomh. Dh'àithn e dhaibhsan dham b' aithne snàmh iad fhèin a thilgeil thar na cliathaich an toiseach is dèanamh air tìr,

44 agus an còrr air bùird no air pìosan dhen t‑soithich. Agus mar sin thachair gun deach iad uile a thoirt sàbhailte gu tìr.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan