Gnìomharan 24 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017A' Chùirt mu choinneamh Fhelics 1 Agus às dèidh còig latha thàinig Ananias an t‑àrd‑shagart sìos còmhla ri cuid de dh'èildearan agus ri fear‑lagha àraidh dham b' ainm Tertullus, agus thug iad casaidean chun an riaghladair an aghaidh Phòil. 2 Agus nuair a chaidh a ghairm, thòisich Tertullus air casaidean a chur air, ag ràdh, “On a tha sinn tromhadsa a' mealtainn tòrr sìth, Fhelics uasail, agus air sgàth do ro‑sheallaidh gu bheil ath‑leasachaidhean air an dèanamh airson an nàisein seo, 3 anns a h‑uile dòigh 's anns a h‑uile h‑àite, tha sinn a' gabhail ri seo leis gach taingealachd. 4 Ach airson 's nach cùm mi air ais nas fhaide thu, tha mi a' guidhe ort nad choibhneas èisteachd ghoirid a thoirt dhuinn. 5 “Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, fear a tha a' brosnachadh ùpraidean am measg nan Iùdhach uile air feadh an t‑saoghail 's a tha na cheann‑feadhna de bhuidheann nan Nàsarènach. 6 Agus dh'fheuch e fiù 's ris an teampall a mhì‑naomhachadh, ach ghlac sinne e. Bha sinn ag iarraidh breith a thoirt air a rèir ar lagha fhèin. 7 Ach thàinig Lisias an t‑àrd‑cheannard an taobh againne, agus le fòirneart mhòr thug e às ar làmhan e, 8 ag àithne dhan luchd‑casaid aige tighinn thugadsa. Le bhith ga cheasnachadh thu fhèin bidh thu an comas faighinn a‑mach mu na rudan seo uile a tha sinn a' cur às a leth.” 9 Ghabh na h‑Iùdhaich cuideachd pàirt anns a' chasaid, ag ràdh gun robh na rudan seo uile mar sin. 10 Agus nuair a bha an riaghladair air smèideadh thuige airson 's gum bruidhneadh e, fhreagair Pòl, “A chionn 's gu bheil fios agam gu bheil thusa air a bhith nad bhritheamh thairis air a' chinneadh seo airson mòran bhliadhnaichean, tha mi gam dhìon fhèin gu sunndach. 11 'S urrainn dhuibh dearbhadh nach eil barrachd air dà latha dheug on a chaidh mi suas gu Ierusalem a dhèanamh adhradh, 12 agus cha d' fhuair iad mi a' dèanamh connspaid le neach sam bith no a' brosnachadh an t‑sluaigh, an aon chuid anns an teampall no anns na sionagogan no anns a' bhaile. 13 Cha mhotha as urrainn dhaibh dearbhadh dhut na tha iad a‑nis a' togail nam aghaidh. 14 Ach seo tha mi ag aideachadh riut, gur ann a rèir na Slighe sin, ris an can iadsan buidheann saobh‑chreidmheach, a tha mi ag adhradh do Dhia ar n‑athraichean, a' creidsinn a h‑uile rud a tha a rèir an Lagha is nam Fàidhean, 15 le dòchas ann an Dia, a tha na daoine seo iad fhèin a' gabhail ris, gum bi aiseirigh ann, an dà chuid dhe na fìreanan is dhe na neo‑fhìreanan. 16 Mar sin tha mi an‑còmhnaidh a' dèanamh mo dhìchill cogais neoichiontach a bhith agam a thaobh Dhè agus dhaoine. 17 “A‑nis às dèidh iomadh bliadhna thàinig mi airson dèirce is tabhartasan a thoirt dham nàisean. 18 Fhad 's a bha mi a' dèanamh seo, fhuair iad mi air mo ghlanadh san teampall, às aonais sluaigh sam bith no ùpraid. 19 Ach bha Iùdhaich àraidh à Àisia ann – a bu chòir a bhith mud choinneamh‑sa airson casaid a dhèanamh, nam b' e 's gun robh dad sam bith aca nam aghaidh. 20 No canadh na daoine seo fhèin dè an t‑eu‑ceart a fhuair iad nuair a sheas mi mu choinneamh na Comhairle, 21 a bharrachd air an aon rud seo a dh'èigh mi a‑mach fhad 's a sheas mi nam measg: ‘Is ann air sgàth na h‑aiseirigh o na mairbh a tha mi fo dheuchainn mur coinneamh an‑diugh.’” 22 Ach chuir Felics dàil air cùisean, a chionn 's gun robh fios na bu mhionaidiche aige air an t‑Slìghe, ag ràdh, “Nuair a thig Lisias an t‑àrd‑cheannard a‑nuas, nì mi co‑dhùnadh mur cùis.” 23 An uair sin thug e àithntean dhan cheannard‑ceud gum bu chòir a chumail an grèim ach gum biodh beagan saorsa aige, agus nach robh a charaidean ri bhith air am bacadh o fhrithealadh a dhèanamh dha fheuman. 24 Às dèidh cuid de làithean thàinig Felics le a bhean Drusilla, a bha na ban‑Iùdhach, agus chuir e a dh'iarraidh Phòil is chuala e esan a' bruidhinn mu chreideamh ann an Crìosd Ìosa. 25 Agus fhad 's a reusanaich esan mu fhìreantachd is mu fhèin‑smachdachadh is mun bhreitheanas a tha ri thighinn, ghabh Felics eagal mòr, agus thuirt e, “Thalla an‑dràsda. Nuair a gheibh mi cothrom cuiridh mi fios ort.” 26 Aig an aon àm bha e an dòchas gun deigheadh airgead a thoirt dha le Pòl. Mar sin chuir e fios air gu tric agus bhruidhinn e ris. 27 Nuair a bha dà bhliadhna air a dhol seachad, ghabh Porcius Festus àite Fhelics. Agus a' miannachadh fàbhar a dhèanamh dha na h‑Iùdhaich, dh'fhàg Felics Pòl sa phrìosan. |