Gnìomharan 21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Air Adhart gu Ierusalem 1 Agus nuair a bha sinn air dealachadh uapa, sheòl sinn agus ghabh sinn seòlaid dhìreach gu Còs agus an ath latha gu Rodos agus o sin gu Patara. 2 Agus às dèidh soitheach a lorg a' dol thairis gu Phoenice chaidh sinn air bòrd agus sheòl sinn. 3 Nuair a bha sinn air tighinn an sealladh Chìoprais, ga fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria agus chaidh sinn air tìr aig Tìrus, oir an sin bha aig an t‑soitheach ri a bathar a chur dhith. 4 Às dèidh coimhead airson nan deisciobal, dh'fhan sinn an sin airson seachd latha agus tron Spiorad bha iad ag innse do Phòl gun a dhol air adhart gu Ierusalem. 5 Nuair a bha ar làithean an sin seachad, dh'fhàg sinn is chaidh sinn air ar turas, agus thàinig iad uile, cuide ri mnathan is clann, còmhla rinn cho fada ri taobh a‑muigh a' bhaile. Agus a' dol air ar glùinean air an tràigh, rinn sinn ùrnaigh. 6 Às dèidh soraidh fhàgail aig càch‑a‑chèile chaidh sinn air bòrd an t‑soithich agus thill iadsan dhachaigh. 7 Nuair a bha sinn air ar turas o Thìrus a chrìochnachadh, ràinig sinn Ptolemais, agus chuir sinn fàilte air na bràithrean is dh'fhan sinn còmhla riutha airson aon latha. 8 Air an ath latha dh'fhàg sinn agus thàinig sinn gu Cesarèa agus chaidh sinn a‑steach do thaigh Philip an soisgeulaiche, a bha na aon dhen t‑seachdnar, agus dh'fhuirich sinn còmhla ris. 9 Bha ceathrar nighean aigesan, òighean, a bha ri fàidheadaireachd. 10 Fhad 's a bha sinn a' fuireach an sin airson mòran làithean, thàinig fear àraidh a‑nuas o Iudèa, fàidh dham b' ainm Agabus. 11 Agus a' tighinn thugainn, ghabh e crios Phòil agus cheangail e a làmhan is a chasan fhèin, agus thuirt e, “Mar seo tha an Spiorad Naomh ag ràdh, ‘Is ann mar seo a cheanglas na h‑Iùdhaich ann an Ierusalem an duine dham buin an crios seo, agus bheir iad thairis do làmhan nan Cinneach e.’” 12 Nuair a chuala sinne seo, chuir sinn fhèin agus na daoine an sin ìmpidh air gun a dhol suas gu Ierusalem. 13 An uair sin fhreagair Pòl, “Dè a tha sibh a' dèanamh, a' caoineadh agus a' briseadh mo chridhe? Oir tha mise deiseil chan ann a‑mhàin airson a bhith air mo chur an grèim ach fiù 's gus bàsachadh airson ainm an Tighearna Ìosa.” 14 Agus a chionn 's nach biodh e air a thoirt às a bheachd, chaidh sinn sàmhach is thuirt sinn, “Gum biodh rùn an Tighearna air a dhèanamh.” 15 Às dèidh nan làithean seo rinn sinn deiseil agus chaidh sinn suas gu Ierusalem. 16 Agus chaidh cuid dhe na deisciobail o Chesarèa còmhla rinn, gar toirt gu taigh Mhnasoin o Chìopras, seann deisciobal, aig am faigheadh sinn aoigheachd. Pòl a' Ruighinn Ierusaleim 17 Nuair a bha sinn air tighinn gu Ierusalem, ghabh na bràithrean rinn gu toileach. 18 An ath latha chaidh Pòl a‑steach còmhla rinn gu Seumas, agus thàinig na h‑èildearan gu lèir còmhla. 19 Às dèidh fàilte a chur orra, dh'aithris e dhaibh aon às dèidh aoin na rudan a bha Dia air a dhèanamh am measg nan Cinneach tro a mhinistrealachd‑san. 20 Agus nuair a chuala iad e, thug iad glòir do Dhia. Agus thuirt iad ris, “Tha thu a' faicinn, a bhràthair, cia mheud mìle a th' ann am measg nan Iùdhach dhiubhsan a th' air creidsinn, agus tha iad uile eudmhor airson an lagha, 21 agus chaidh innse dhaibh mud dheidhinn‑sa, gu bheil thu a' teagasg dha na h‑Iùdhaich gu lèir a tha am measg nan Cinneach Maois a thrèigsinn, ag innse dhaibh gun an cuid chloinne a thimcheall‑ghearradh, no coiseachd a rèir nan gnàthasan. 22 Dè a bu chòir a bhith air a dhèanamh? Cluinnidh iad gu cinnteach gu bheil thu air tighinn. 23 Dèan, mar sin, an rud a dh'innseas sinne dhut. Tha ceathrar fhear againn a tha fo bhòid; 24 thoir na fir seo leat agus glan thu fhèin cuide riutha agus pàigh na cosgaisean aca, airson 's gum beàrr iad an cinn. Mar sin bidh fios aig a h‑uile duine nach eil dad anns na chaidh innse dhaibh mud dheidhinn, ach gu bheil thusa cuideachd gad ghiùlain fhèin le bhith a' cumail an lagha. 25 Ach a thaobh nan Cinneach a th' air creidsinn, tha sinne air litir a chur le ar breithneachadh gum bu chòir dhaibh iad fhèin a chumail o bhiadh a chaidh ìobradh do dh'iodhalan, agus o fhuil, agus o na chaidh a thachdadh, agus o strìopachas.” 26 An uair sin thug Pòl na fir leis, is an ath latha ghlan e e fhèin còmhla riutha is chaidh e a‑steach dhan teampall, a' toirt fios nuair a bhiodh làithean a ghlanaidh air an coileanadh, agus nuair a bhiodh an tabhartas air a thoirt airson gach fear aca. Pòl air a Chur an Grèim 27 Nuair a bha na seachd latha faisg air a bhith air an crìochnachadh, ga fhaicinn san teampall, bhrosnaich Iùdhaich o Àisia an sluagh gu lèir, agus chuir iad làmhan air, 28 ag èigheach a‑mach, “Fheara Israeil, cuidichibh! Is e seo an duine a tha a' teagasg – dhan a h‑uile neach sa h‑uile àite – an aghaidh an t‑sluaigh 's an lagha agus an àite seo; agus a bharrachd, thug e fiù 's Greugaich a‑steach dhan Teampall agus tha e air an t‑àite naomh seo a thruailleadh.” 29 Oir roimhe seo bha iad air Trophimus an t‑Ephèsianach fhaicinn còmhla ris sa bhaile, agus shaoil iad gu robh Pòl air esan a thoirt a‑steach dhan teampall. 30 An uair sin chaidh am baile gu lèir a bhrosnachadh, agus ruith an sluagh còmhla. Ghabh iad grèim air Pòl is tharraing iad a‑mach às an teampall e, agus sa bhad chaidh na geatachan a dhùnadh. 31 Agus fhad 's a bha iad ag iarraidh a mharbhadh thàinig fios gu caiptean na rèiseamaid gun robh Ierusalem gu lèir ann am breisleach. 32 Sa bhad thug e saighdearan is ceannardan‑ceud leis agus ruith e sìos thuca. Agus nuair a chunnaic iad an caiptean is na saighdearan, sguir iad a thoirt bhuillean do Phòl. 33 An uair sin thàinig an caiptean suas agus chuir e an grèim e agus dh'àithn e gum biodh e air a cheangal le dà shlabhraidh. Dh'fhaighnich e cò a bh' ann agus dè a bha e air a bhith a' dèanamh. 34 Bha cuid san t‑sluagh ag èigheach aon rud agus cuid rud eile, agus a chionn 's nach b' urrainn dha an fhìrinn fhaighinn a‑mach air sgàth na h‑ùpraid, dh'òrdaich e esan a thoirt dhan taigh‑feachd. 35 Agus nuair a thàinig e gu na steapaichean, chaidh a ghiùlain le na saighdearan air sgàth fòirneart an t‑sluaigh, 36 oir lean mòr‑shluagh dhaoine, ag èigheach a‑mach, “Air falbh leis!” Pòl a' Bruidhinn ris an t‑Sluagh 37 Fhad 's a bha Pòl gus a bhith air a thoirt a‑steach dhan taigh‑feachd, thuirt e ris a' chaiptean, “Am faod mi rud a ràdh riut?” Agus thuirt esan, “An aithne dhut Greugais? 38 Nach tusa an t‑Èipheiteach, mar sin, a bhrosnaich ar‑a‑mach o chionn ghoirid agus a threòraich an ceithir mìle fear dhen luchd‑murtaidh a‑mach dhan fhàsach?” 39 Fhreagair Pòl, “Is Iùdhach mise o Tharsas ann an Cilicia, saoranach de bhaile nach eil suarach. Tha mi a' guidhe ort, ceadaich dhomh bruidhinn ris an t‑sluagh.” 40 Agus nuair a bha e air cead a thoirt dha, a' seasamh air na steapaichean, smèid Pòl le a làmhan ris an t‑sluagh. Agus nuair a bha sàmhchair mhòr ann, bhruidhinn e riutha anns a' chànan Eabhrach, ag ràdh: |