Gnìomharan 20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Tro Mhacedònia agus tron Ghrèig 1 Às dèidh dhan ùpraid sgur, chuir Pòl fios air na deisciobail, agus às dèidh am misneachadh, dh'fhàg e soraidh leotha agus chaidh e air falbh a Mhacedònia. 2 Nuair a bha e air a dhol tro na sgìrean sin agus air am misneachadh le mòran bhriathran, thàinig e dhan Ghrèig. 3 Chuir e seachad trì mìosan an sin. A chionn 's gun robh na h‑Iùdhaich air innleachd a dhèanamh na aghaidh agus gun robh e gus seòladh gu Siria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia. 4 Chaidh Sopater o Bherèa, mac Phirois, còmhla ris; agus dhe na Tesalònianaich, Aristarchus is Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Àisia, Tichicus is Trophimus. 5 Chaidh iad seo air adhart air thoiseach agus bha iad a' feitheamh oirnn ann an Tròas. 6 Ach sheòl sinne air falbh o Philipi às dèidh làithean an Arain Neo‑Ghortaichte, agus ann an còig làithean thàinig sinn thucasan aig Tròas, far an do dh'fhan sinn airson seachd làithean. Eutichus air a Thogail o na Mairbh aig Tròas 7 Air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nuair a bha sinn cruinn còmhla airson aran a bhriseadh, bhruidhinn Pòl riutha, a' cur roimhe fàgail air an ath latha, agus lean e air a' bruidhinn gu meadhan‑oidhche. 8 Agus bha tòrr lampaichean san t‑seòmar uachdarach far an robh sinn cruinn. 9 Agus thuit duine òg dham b' ainm Eutichus, a bha na shuidhe aig an uinneig, na throm‑chadal fhad 's a chùm Pòl air a bruidhinn. Agus fo bhuaidh a' chadail, thuit e sìos on treas làr agus chaidh a thogail marbh. 10 Ach chaidh Pòl sìos, agus shìn e e fhèin air, agus ga ghabhail na ghàirdeanan, thuirt e, “Na bithibh fo dhragh, oir tha a bheatha ann!” 11 Agus nuair a bha Pòl air a dhol suas agus air aran a bhriseadh agus air ithe, rinn e còmhradh leotha airson ùine fhada, gu briseadh an latha, agus mar sin dh'fhalbh e. 12 Agus thug iad leotha beò an duine òg, agus cha b' ann gu beag a bha iad air an cofhurtachadh. Soraidh Phòil dha na h‑Èildearan Ephèsianach 13 Ach a' dol air adhart chun an t‑soithich, sheòl sinn airson Asos, a' cur romhainn Pòl a ghabhail air bòrd às a sin, oir bha esan air a chur an òrdugh mar sin, a' cur roimhe a dhol air a chois fhèin. 14 Agus nuair a choinnich e rinn aig Asos, thug sinn air bòrd e agus chaidh sinn gu Mitilène. 15 Agus a' seòladh às a sin ràinig sinn air an latha a lean mu choinneamh Chiois; an ath latha chaidh sinn thairis gu Samos, agus an ath latha thàinig sinn gu Miletus. 16 Oir bha Pòl air cur roimhe seòladh seachad air Ephesus, airson 's nach fheumadh e ùine a chosg ann an Àisia, oir bha e a' dèanamh cabhaig gus a bhith ann an Ierusalem, ma bha e an comas, air latha na Caingis. 17 O Mhiletus chuir e fios gu Ephesus is ghairm e èildearan na h‑eaglaise thuige. 18 Agus nuair a thàinig iad thuige, thuirt e riutha, “Is aithne dhuibhse sib' fhèin mar a bha mi beò nur measg fad na h‑ùine on a' chiad latha a chuir mi cas air Àisia, 19 a' dèanamh seirbheis dhan Tighearna le gach uile irioslachd is le deòir is le deuchainnean a thachair dhomh tro innleachdan nan Iùdhach; 20 mar nach do tharraing mi air ais o bhith a' cur an cèill dhuibh rud sam bith a bha feumail, agus gur teagasg gu poblach o thaigh gu taigh, 21 a' toirt fianais an dà chuid do dh'Iùdhaich is do Ghreugaich mu aithreachas a thaobh Dhè agus mu chreideamh nar Tighearna Ìosa Crìosd. 22 “Agus a‑nis, seallaibh, tha mi a' dol gu Ierusalem, air mo cho‑èigneachadh leis an Spiorad, gun fhios agam dè a thachras dhomh an sin, 23 ach gu bheil an Spiorad Naomh a' toirt fianais dhomh anns gach baile gu bheil cuibhrichean is fulangasan a' feitheamh orm. 24 Ach chan eil mi a' cunntadh mo bheatha mar luachmhor no prìseil dhomh fhèin, ma thèid agam a‑mhàin air mo thuras agus a' mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Ìosa a chrìochnachadh, a' toirt fianais shòlaimte mu shoisgeul gràs Dhè. 25 “Agus a‑nis, seallaibh, is aithne dhomh nach fhaic duine agaibhse m' aghaidh‑sa a‑rithist, ged a chaidh mi mun cuairt a' searmonachadh na rìoghachd nar measg. 26 Mar sin, tha mi a' toirt fianais dhuibh air an latha seo gu bheil mi neoichiontach on fhuil agaibh uile. 27 Oir cha do tharraing mi air ais o chomhairle Dhè gu lèir a chur an cèill dhuibh. 28 Cumaibh deagh aire oirb' fhèin 's air an treud gu lèir, anns an do rinn an Spiorad Naomh nur fir‑coimheid sibh gus eaglais Dhè a bhuachailleachd, a cheannaich e le fhuil fhèin. 29 Is aithne dhomh, às dèidh dhomh fàgail, gun tig madaidhean‑allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud; 30 agus o ur measg fhèin gun èirich daoine ag ràdh rudan fiara, airson nan deisciobal a tharraing air falbh às an dèidh. 31 Mar sin fanaibh faireil, a' cuimhneachadh nach do sguir mise a latha 's a dh'oidhche fad thrì bliadhna air gach aon agaibh earalachadh le deòir. 32 “Agus a‑nis tha mi gur n‑earbsadh do Dhia agus do dh'fhacal a ghràis‑san, a tha comasach air ur daingneachadh is oighreachd a thoirt dhuibh am measg na feadhna sin uile a th' air an naomhachadh. 33 Cha do shanntaich mi airgead no òr no aodach neach sam bith. 34 Tha fios agaib' fhèin gun do fhritheil na làmhan seo dha na feuman a bh' agamsa is acasan a bha còmhla rium. 35 Anns a h‑uile sìon sheall mi dhuibh gur ann tro bhith ag obair cruaidh san dòigh seo a dh'fheumas sinn iadsan a tha lag a chuideachadh agus cuimhneachadh air briathran an Tighearna Ìosa, mar a thuirt e fhèin, ‘Tha e nas beannaichte rud a thoirt seachad na a ghabhail.’” 36 Agus nuair a bha e air na rudan sin a ràdh, chaidh e air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh còmhla riutha uile. 37 Agus bha mòran caoinidh nam measg gu lèir; chuir iad an gàirdeanan mu amhaich Phòil agus bha iad ga phògadh – 38 fo àmhghar gu sònraichte air sgàth an fhacail a bha e air a ràdh, nach fhaiceadh iad aghaidh‑san a‑rithist. Agus chaidh iad còmhla ris chun an t‑soithich. |