Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ann an Tesalonìca

1 A‑nis nuair a bha iad air a dhol tro Amphipolis agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog dhe na h‑Iùdhaich.

2 Agus mar a b' fhasan dha, chaidh Pòl a‑steach; agus air trì latha Sàbaid reusanaich e leotha o na Sgriobtaran,

3 a' mìneachadh agus a' dearbhadh gun robh e riatanach dhan Chrìosd fulang is èirigh o na mairbh, agus ag ràdh, “Is e seo an Crìosd, Ìosa a tha mise a' searmonachadh dhuibh.”

4 Agus chreid cuid dhiubh agus dh'aonaich iad le Pòl is Silas, mar a rinn buidheann mhòr dhe na Greugaich chràbhach agus àireamh nach bu bheag dhe na prìomh bhoireannaich.

5 Ach bha na h‑Iùdhaich farmadach, agus a' gabhail cuid de dh'fhir olca bhon ionad‑mhargaidh, rinn iad gràisg dhiubh fhèin, chuir iad am baile ann an ùpraid, agus thug iad ionnsaigh air taigh Iàsoin, a' sireadh an toirt a‑mach chun an t‑sluaigh.

6 Agus nuair nach b' urrainn dhaibh an lorg, tharraing iad Iàson agus bràithrean àraidh mu choinneamh ùghdarrasan a' bhaile, ag èigheach, “Tha na daoine seo a th' air an saoghal a thionndadh bun‑os‑cionn air tighinn an seo cuideachd,

7 agus tha Iàson air fàilte a chur orra, agus tha iad uile a' gnìomhachadh an aghaidh òrduighean Chèasair, ag ràdh gu bheil rìgh eile ann, Ìosa.”

8 Bha an sluagh agus ùghdarrasan a' bhaile air am buaireadh nuair a chuala iad na rudan seo.

9 Agus nuair a bha iad air airgead‑urrais a ghabhail bho Iàson agus o chàch, leig iad às iad.


Ann am Berèa

10 Sa bhad chuir na bràithrean Pòl is Silas air falbh san oidhche gu Berèa, agus nuair a ràinig iad, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.

11 A‑nis bha iad seo na b' uaisle na iadsan ann an Tesalonìca; oir ghabh iad am facal thuca fhèin leis a h‑uile h‑eud, a' rannsachadh nan Sgriobtar gach latha airson faicinn an robh na rudan seo mar sin.

12 Air an adhbhar sin, chreid mòran dhiubhsan, agus àireamh nach bu bheag dhe na prìomh bhoireannaich Ghreugach is de dh'fhir.

13 Ach nuair a thuig na h‑Iùdhaich o Thesalonìca gun robh facal Dhè cuideachd air a shearmonachadh le Pòl ann am Berèa, thàinig iadsan an sin cuideachd, a' piobrachadh 's a' brosnachadh an t‑sluaigh.

14 An uair sin sa bhad chuir na bràithrean Pòl a‑mach air a shlighe chun na mara, ach dh'fhan Silas is Timòteus an sin.

15 A‑nis thug iadsan a threòraich Pòl gu Baile na h‑Àithne e; agus às dèidh òrduigh fhaighinn airson Silas is Timòteus tighinn thuige cho luath 's a bha nan comas dhaibh, dh'fhàg iad.


Ann am Baile na h‑Àithne

16 A‑nis fhad 's a bha Pòl a' feitheamh orra aig Baile na h‑Àithne, bha a spiorad air a bhrosnachadh na bhroinn nuair a chunnaic e gun robh am baile làn de dh'iodhalan.

17 Mar sin reusanaich e san t‑sionagog le na h‑Iùdhaich agus le na daoine cràbhach, agus san ionad‑mhargaidh gach latha leothasan a thachair a bhith ann.

18 Rinn cuid dhe na feallsanaich Epicurach agus Stòiceach cuideachd còmhradh ris. Bha cuid ag ràdh, “Dè a tha an cabadair seo ag iarraidh a chantainn?” Bha cuid eile ag ràdh, “Is coltach gur e searmonaiche dhiathan coimheach a th' ann” – a chionn 's gun robh e a' searmonachadh Ìosa agus na h‑aiseirigh.

19 Agus rug iad air agus thug iad chun an Areopagais e, ag ràdh, “Am faod sinn eòlas fhaighinn air dè a th' anns an teagasg ùr seo air a bheil thu a' bruidhinn?

20 Oir tha thu a' toirt rudan neònach gu ar cluasan; mar sin tha sinn ag iarraidh eòlas a bhith againn air dè a tha na rudan seo a' ciallachadh.”

21 A‑nis cha chuireadh muinntir Bhaile na h‑Àithne gu lèir 's na coigrich a dh'fhuirich an sin an ùine seachad ann an rud sam bith ach ann a bhith ag innse no a' cluinntinn rudeigin ùr.

22 Mar sin sheas Pòl ann am meadhan an Areopagais agus thuirt e, “A mhuinntir Bhaile na h‑Àithne, tha mi a' toirt fa‑near gu bheil sibh fìor chràbhach anns a h‑uile dòigh.

23 Oir fhad 's a bha mi a' gabhail troimhe is a rinn mi sgrùdadh geur air cuspairean ur n‑adhraidh, fhuair mi cuideachd altair leis an sgrìobhadh seo: DON DIA NEO‑AITHNICHTE. Mar sin, esan dha bheil sibhse ag adhradh mar neo‑aithnichte, tha mise ga chur an cèill dhuibh.

24 “An Dia a rinn an saoghal 's a h‑uile rud a th' ann, air sgàth 's gur esan Tighearna nèimh agus na talmhainn, chan eil e a' fuireach ann an teampaill dèante le làmhan.

25 Cha mhotha a tha seirbheis air a dèanamh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh dìth sam bith air, on a tha e fhèin a' toirt beatha agus anail agus a h‑uile rud dha na h‑uile.

26 Agus rinn e o aon duine a h‑uile nàisean dhen chinne‑daonna airson fuireach air aghaidh na talmhainn gu lèir, às dèidh dha amannan ro‑òrdaichte a shuidheachadh, agus crìochan an àite‑còmhnaidh‑san,

27 airson 's gun sireadh iad Dia, san dòchas gun coimheadadh iad air a shon agus gum faigheadh iad e, ged nach eil e fada o gach aon againn.

28 ‘Oir annsan tha sinn beò 's a' gluasad 's tha ar bith againn’, mar a tha fiù 's cuid dhe ur bàird fhèin air a ràdh: ‘Oir is sinne cuideachd a shliochd‑san.’

29 “Air sgàth 's gur sinne sliochd Dhè, cha bu chòir dhuinn smaoineachadh gu bheil am bith diadhaidh coltach ri òr no airgead no cloich, rudan a fhuair cumadh le ealain is mac‑meanmhainn dhaoine.

30 Mar sin às dèidh do Dhia amannan an aineolais a leigeil seachad, tha e a‑nis ag àithne dhan a h‑uile duine anns gach àite aithreachas a dhèanamh,

31 a chionn 's gu bheil e air latha a shuidheachadh nuair a tha e a' dol a thoirt breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tro dhuine a tha e air òrdachadh; agus dhen seo thug e dearbhadh dha na h‑uile duine tro bhith ga thogail o na marbh.”

32 A‑nis nuair a chuala iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid magadh, ach thuirt feadhainn eile, “Cluinnidh sinn a‑rithist thu mu dheidhinn seo.”

33 Mar sin chaidh Pòl a‑mach às am measg.

34 Ach cuid de dhaoine ag aonadh ris, chreid iad; nam measg cuideachd bha Dionisius an t‑Areopagach is boireannach dham b' ainm Damaris is feadhainn eile còmhla riutha.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan