Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Timòteus a' Dol còmhla ri Pòl is Silas

1 Thàinig Pòl cuideachd gu Derbe is gu Listra. Agus bha deisciobal an sin dham b' ainm Timòteus, mac ban‑Iùdhaich a bha na creidmheach, ach b' e Greugach a bha na athair.

2 Bha deagh chliù aige am measg nam bràithrean a bh' ann an Listra is Iconium.

3 Bha Pòl ag iarraidh gun rachadh am fear seo còmhla ris, agus ghabh e e agus thimcheall‑gheàrr e e air sgàth nan Iùdhach a bh' anns na h‑àiteachan sin, oir b' aithne dhaibh uile gum b' e Greugach a bha na athair.

4 Fhad 's a bha iad a' dol tro na bailtean, thug iad dhaibh rin cumail na h‑òrduighean a chaidh a roghnachadh leis na h‑abstoil 's leis na h‑èildearan ann an Ierusalem.

5 Mar sin bha na h‑eaglaisean air an neartachadh sa chreideamh, agus dh'fhàs iad ann an àireamh gach latha.


Foillseachadh do Phòl de dh'Fhear Mhacedònia

6 Chaidh iad tro cheàrnaidh Phrigia is Ghalàtia, às dèidh dhaibh a bhith air am bacadh leis an Spiorad Naomh on fhacal a bhruidhinn ann an Àisia.

7 Agus nuair a bha iad air tighinn gu Misia, dh'fheuch iad ri dhol a‑steach do Bhitinia, ach cha do leig Spiorad Chrìosd leotha.

8 Mar sin, a' dol seachad air Misia, thàinig iad gu Tròas.

9 Agus nochd sealladh do Phòl san oidhche: bha duine àraidh à Macedònia na sheasamh an sin, a' cur ìmpidh air agus ag ràdh, “Thig a‑nall gu Macedònia is cuidich leinn.”

10 Agus nuair a bha Pòl air an sealladh fhaicinn, dh'iarr sinn sa bhad a dhol do Mhacedònia, a' co‑dhùnadh gun robh Dia air ar gairm gus an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.


Iompachadh Lidia ann am Philipi

11 Mar sin, a' seòladh o Thròas, rinn sinn dìreach air Samotràcia, agus air an ath latha gu Neapolis,

12 agus o sin gu Philipi, a tha na phrìomh bhaile de cheàrnaidh Mhacedònia, agus na choloinidh Ròmanach. Agus dh'fhuirich sinn sa bhaile seo beagan làithean.

13 Agus air latha na Sàbaid chaidh sinn a‑mach air a' gheata gu taobh na h‑aibhne, far an robh dùil againn gum biodh àite‑ùrnaigh, agus shuidh sinn sìos agus bhruidhinn sinn ris na boireannaich a bh' air cruinneachadh còmhla.

14 Bha boireannach àraidh ag èisteachd dham b' ainm Lidia, o bhaile Thiatìra, reiceadair aodaich purpaidh, a bha na neach‑adhraidh do Dhia. Dh'fhosgail an Tighearna a cridhe airson aire a thoirt dha na thuirt Pòl.

15 Agus às dèidh dhi a bhith air a baisteadh, agus a teaghlach cuideachd, chuir i ìmpidh oirnn, ag ràdh, “Ma tha sibh air mo mheas dìleas dhan Tighearna, thigibh a‑steach dham thaigh is fuirichibh.” Agus thug i oirnn.


Pòl is Silas sa Phrìosan

16 Fhad 's a bha sinne a' dol gu àite na h‑ùrnaigh, choinnich bana‑thràill àraidh rinn anns an robh spiorad fiosachd, a thug mòr‑bhuannachd dha na maighstirean aice tro fiosachd a dhèanamh.

17 Lean i seo Pòl agus sinne, ag èigheach a‑mach, “Tha na daoine seo nan seirbheisich dhan Dia as àirde, a tha a' cur an cèill dhuibh slighe na slàinte.”

18 Chùm i seo a' dol airson mòran làithean. Ach bha Pòl fìor mhì‑thoilichte, agus thionndaidh e is thuirt e ris an spiorad, “Tha mi ag àithne dhut ann an ainm Ìosa Crìosd tighinn aiste.” Agus thàinig e a‑mach aig an àm sin fhèin.

19 Ach nuair a chunnaic a maighstirean gun robh an dòchas prothaid aca air falbh, rug iad air Pòl is Silas agus dhragh iad a‑steach dhan ionad mhargaidh iad, mu choinneamh nan riaghladairean.

20 Agus nuair a bha iad air an toirt gu na prìomh mhaighstirean‑lagha, thuirt iad, “Is e Iùdhaich a th' anns na daoine seo, agus tha iad a' cur ar baile troimh‑a‑chèile

21 agus tha iad a' moladh chleachdaidhean nach eil laghail dhuinne mar Ròmanaich a bhith a' gabhail riutha no gan cur an gnìomh.”

22 Dh'èirich an sluagh còmhla nan aghaidh, agus shrac na maighstirean‑lagha am badan aodaich dhiubh agus dh'òrdaich iad gum faigheadh iad buillean shlatan.

23 Nuair a bha iad air tòrr bhuillean a leagail orra, thilg iad a‑steach dhan phrìosan iad, a' toirt àithne do dh'fhear‑gleidhidh a' phrìosain an cumail fo gheàrd gu sàbhailte.

24 Nuair a bha e air an t‑òrdugh aige fhaighinn, chuir e iad dhan phrìosan a b' fhaide a‑staigh, agus cheangail e an casan san stoc.

25 Mu mheadhan‑oidhche bha Pòl is Silas ag ùrnaigh agus a' seinn laoidhean do Dhia, agus bha na prìosanaich ag èisteachd riutha,

26 agus gu grad bha crith‑thalmhainn mhòr ann, is chaidh bunaitean a' phrìosain a chrathadh; agus sa bhad chaidh na dorsan uile fhosgladh, agus bha cuibhrichean gach neach air am fuasgladh.

27 Nuair a dhùisg fear‑gleidhidh a' phrìosain agus a chunnaic e dorsan a' phrìosain fosgailte, tharraing e a chlaidheamh agus bha e gus cur às dha fhèin, a' saoilsinn gun robh na prìosanaich air teicheadh.

28 Ach dh'èigh Pòl le guth àrd, “Na dèan cron ort fhèin, oir tha sinn uile an seo!”

29 Agus dh'èigh fear‑gleidhidh a' phrìosain airson solais is ruith e a‑steach agus, air chrith leis an eagal, thuit e sìos mu choinneamh Phòil is Shilais.

30 An uair sin thug e a‑mach iad agus thuirt e, “A mhaighstirean, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gum bi mi air mo shàbhaladh?”

31 Thuirt iadsan, “Creid san Tighearna Ìosa Crìosd, agus thèid do shàbhaladh, thu fhèin agus do theaghlach.”

32 Agus dh'aithris iad facal an Tighearna dha, agus dhaibhsan uile a bha na thaigh.

33 Agus aig an uair sin fhèin dhen oidhche, thug e iad is nigh e an lotan; agus chaidh e fhèin agus a theaghlach gu lèir a bhaisteadh sa bhad.

34 An uair sin thug e a‑steach dhan taigh aige iad, agus chuir e biadh mun coinneamh. Agus a' creidsinn ann an Dia, rinn e gàirdeachas còmhla ri theaghlach gu lèir.

35 Ach nuair a thàinig an latha, chuir na maighstirean‑lagha a‑mach na poilis aca, ag ràdh, “Saoraibh na daoine sin.”

36 Agus rinn fear‑gleidhidh a' phrìosain aithris air na briathran seo do Phòl, ag ràdh, “Tha na maighstirean‑lagha air cur airson ur saoradh. Mar sin thigibh a‑mach an‑dràsta agus thallaibh ann an sìth.”

37 Ach thuirt Pòl riutha, “Tha iad air sinne a tha nar fir Ròmanach a dhochann gu poblach gun ar dìteadh agus tha iad air ar tilgeil dhan phrìosan; agus a bheil iad a‑nis gar cur air falbh gu dìomhair? Chan eil gu dearbh! Ach thigeadh iad fhèin agus thugadh iadsan a‑mach sinn.”

38 Rinn na poilis aithris air na briathran seo dha na maighstirean‑lagha, agus bha an t‑eagal orra nuair a chuala iad gum b' e Ròmanaich a bh' annta.

39 Mar sin thàinig iad agus ghuidh iad orra is thug iad a‑mach iad agus dh'iarr iad orra falbh a‑mach às a' bhaile.

40 Mar sin chaidh iad a‑mach às a' phrìosan agus chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia. Agus nuair a bha iad air na bràithrean fhaicinn, mhisnich iad iadsan agus dh'fhalbh iad.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan